Skip to main content

‹‹‹ prev (94) Page 86Page 86

(96) next ››› Page 88Page 88

(95) Page 87 -
An Ceitein, 1943.
An GAIDHEAL.
81
suidheachadh air mullach Cnuic os cionn
Traigh Mhor Uige^ agus ag coimhead a mach
do’n Chuan a Siar. cho fradharcach ri aon
eaglais eile a th’ air a’ Grhaidhealtachd, agus
cho eireachdail.
Nuair a chuala mis© mar a thachair
thainig e steach orm mar a ghleidh sluagh
an aite an seann ainm uasal, a’ Chealla, air
eaglais na sgire. Tha moran fhacal againn
an Gaidhlig a thug sinn an iasad bho ’n
Laidionn. Rinn an Eaglais sin coltach ri
iomadach rud maith eile. B’ i an Laidionn
canain na h-Eaglaise nuair a thug i an
Soisgeul do na Gaidheil an toiseach, agus
mar sin thug i dhuinn moran fhacal a bha
’nan ainmean air nithean nach robh againn
an roimhe idir, mar a tha eaglais fhein, agus
ministear agus oifhrinn agus peacadh, agus
Biobull, agus comanachadh, agus na fich-
eadan eile.
Thug an Baglais dhuinn am facal so
cealla air son eaglais cuideachd, ged nach
’eilear ’ga chleachdadh gun chlaonadh mar
so air a’ Ghaidhealtachd an diugh ach san
sgire so fhein a mhain—an Uig Leodhais.
Is e a’ Chealla, no Eaglais Mhor a’ Chealla,
a theirear ri eaglais na sgire an sin gus an
latha an diugh. Theirear ‘ tha a’ Chealla air
sgaoileadh’, ag ciallachadh gu bheil coimh-
thional eaglais na sgire air sgaoileadh. Tha
cuimhne agam an aoibhneas a rinn m’ Oid-
ionnsachaidh. an t-Ollamh MacPhionghuin
caomh an Oilthigh Dhun-eidinn, nuair a
dh’ innis mi so dha. Mach le a leabhar
beag pbcaid agus sud sios ann air son an
Fhaclair mhoir aige. Tha am facal pailt gu
lebr ’na chlaonadh mar a tha Unga na Cille,
no anns a’ chill, no Bail© na Cille ainm an
aite sa bheil a’ Chealla air a togail, no Gill
Chuimein, no Cill Bhrighde. Ach so a’
Chealla a mhain, agus chaidh an bainm
uasal has feadh na Gaidhealtachd uile ach
an so fhein, ainm cho sean agus cho uasal
agus a tha againn an comh-cheangal ris an
t-Soisgeul an Gaidhlig. Is ann mar so a
bhatar ’ga sgriobhadh an Laidionn—cella.
Chitear mar sin nach do rinneadh a bheag
de dh’ atharrachadh air ’na chruth no ’na
ghuth nuair a thugadh do ’n Ghaidhlig e.
A ’ choille bhoidheach. — Chan ’eil
teagamh sam bith nach ’eil coille ag cur
maise air aite anns a bheil i. Agus tha
craobhan ann a tha cur barrachd maise air
aite na craobhan eile, ach buinidh a gloir
’s a maise fhein do gach craoibh. Tha mi
deanamh dheth nach ’eil am eile de’n
bhliadhna as maisiche a’ choille na an drasda
deireadh an Earraich. Tha an duilleach cho
ur agus cho glan, agus na h-ur bhlathan air
cuid de chraobhan cho bbidheach ’s dh’
iarradh suil no mhiannaicheadh cridhe. Ge
do bha gaoitean mora agus ard stoirmean
againn an drasda’s a rithist air an Earrach
so bha, an cumantas, blaths is tiarachd san
aimsir, agus dh’ fhag sin fas air feur agus
luathaireachd air lus is craoibh. Tha, ma
tha, mar a tha mi ag radh a’ choille an so
timchioll orm ’na h-ur thrusgan, agus an
cruthachadh uile mar gum b’ eadh ’na chul-
aidh bainnse. Chan ’eil taobh a bheir thu
suil, no lamh. air an tionndaidh thu, riach
fhaic thu maise is glaine is grinneas; agus
na h-eoin bhuchallach gun iaradh orra ag
ceilearadh an achlais nan craobh. Is mor
am beannachd do dhuine sam bith a bhith
ehomhnaidh air an duthaich aig an am so
de’n bhliadhna. Tha mi ag cluinntinn an
lon-duibh ag cur nam both dheth gun sgur
gun iaradh mar a tha mi a’ sgriobhadh so.
Agus chan ’eil suil a bheir mi a mach air an
uinneig nach fhaic mi maise is urachd nan
craobh, agus ailleachd nam blath air an
ailean mu mo choinneamh. Ach os cionn
gach ni is e a’ choille bhoidheach le iomadh
li is dath, agus ’na h-ur thrusgan Earraich,
a tha cur uibhir de mhaise air a’ chruith-
eachd timchioll.
* * $
Luchd ionnsachaidh na Gaidhlige.—
Tha moran an drasda ag ionnsachadh na
Gaidhlige, agus tha feadhainn aca a’ sgriobh¬
adh chugam an drasda’s a rithist ag iarraidh
misnich agus seblaidh. Bheir mi, ma tha,
leabhar Gaidhlig mar dhuais do neach nach
’eil barrachd air tri bliadhna ag ionns¬
achadh na Gaidhlige, agus as coimhlionta a
chuireas chugam eadar-theangachadh gu
Beurla air an earrainn “A’ Chealla ” os cionn
so.
* * *
Firinn airson a’ mhios so.— Co a
gheibh bean shubhailceach ? oir tha a luach
gu mor os cionn neamhnaidean. Earbaidh
cridhe a fir aisde, agus cha bhi feum aige air
creich. larraidh i olann agus lion agus
oibrichidh gu toileach le a lamhan. Fosgl-
aidh i a glac do’n truaghan agus sinidh i a
lamhan do’n fheumach. Neart agus urram
as eudach dhi; agus ni i gairdeachas san am
ri teachd. Fosglaidh i a beul 1© gliocas, agus
tha lagh a’ choibhneis air a teangaidh.
Bheir i aire do shlighean a teaghlaich, agus
chan ith i aran an diomhanais. Eiridh a
clann agus beannaichidh iad i; a fear agus
molaidh e i.—Gnath-fhocail, xxxi.
Am Fear-deasachaidh.
A
Is i an ailleanachd maise nam ban.—Modesty is
the beauty of women.