Skip to main content

‹‹‹ prev (83) Page 75Page 75

(85) next ››› Page 77Page 77

(84) Page 76 -
?6
AN GAIDHEAL.
An Giblein, 1943.
reub agus an do mharbh an Donn Cualnge
an Fionn-beannach. Acb an deidh sin bhris
cridhe Dhuinn Cualnge fhein agus bhasaich
esan cuideachd. Sin crioch sabaid nan
tarbh, agus crioch Tain Bo Chualnge mar
an ceudna.
A’ Bheannag.—Bha mi a’ tilleadb a
Glascbu an la-roimhe, agus nuair a chaidh
mi steach do’n treine aig Fasadh
Bhochannain bha dithis mhnathan oga as an
sgire agam ’nan suidhe stigh romham. Bha
ad air an dara te, ach is e beannag a bha
air an te eile; agus gu dearbh is e a’
bheannag, no am breid, bha tighinn gu
maith dhi. Ged bha an te air an robh an
ad air cur uimpe gu sgiobalta snog, agus bha
i ann an sin, ’se bha ag coimhead sgiobalta
snog da-riribh agus fior eireachdail an te air
an robh am breid. Agus tha mi deanamh
dheth gur h-e am breid a bha ’ga deanamh
cho snog sgiobalta. Bha i gle 6g, agus cha
b’ urrainn mi gun a bhith smaoineachadh
san treine air an t-seann bheannag, no am
breid. Tha cuimhne agaibh gur h-ann nuair
a phosadh te a bha i ag cur a’ bhreid air a
ceann. Agus b’e am breid mir ceithir
chearnach de lion-aodach air fhilleadh agus
air a dheanamh tri chearnach, agus e air a
chur air a ceann le aon oisean dheth a’
tuiteam air cul a cinn, agus an da oisean
eile ceangailte air cul a cluasan, no fo a
smigeid. Is e neapaig bbidheach sioda le
iomadh dath a bha air mo bhanacharaid big,
agus thainig mi chun a’ chomhdhunaidh an
sud nach deach cnodach-cinn riamh air bean
as eireachdaile agus as simplidhe agus as
sgiobalta na a’ bheannag.
Smaoinich mi an 'dearbh rud iomadach
uair trath a chithinn mnathan bga agus
caileagan a’ tighinn a steach do’n Eaglais
agam agus a’ bheannag air an cinn. Tha
moran de luchd-iomachd na duthcha ag
gabhail an rathaid againn an so—co-dhiubh
bha mus do thoisich an cogadh—gillean is
nigheanan; agus is minic a thig iad do’n
Eaglais air Latha na Sabaid. Chan ’eil gin
de na mnathan no de na h-ingheanean nach
cuir beannag air a ceann mus tig i steach
do’n Eaglais. Saoilidh mise gu bheil iad ag
coimhead moran nas snoige agus nas
eireachdaile mar so na le ad. Co-dhiubh
thug an rud a bh’ ann seann bran ’nam
chuimhne, bran ris an canar Beannachadh
Baird, no Failte do mhnaoi big le a ceud
Bhreid. Tha an Cbran air a chur air
Domhnall MacLeoid a bha an Grisinnis san
Eilean Sgitheanach agus a chaochail sa’
bhliadhna 1760. So agaibh e, agus tha e an
da chuid tuigseach agus taitneach:
Mile failte dhuit le d’ bhreid 1
Fad an re gun robh thu slim;
Moran laithean dhuit is sith,
Le d’ mhaitheas’s le d’ ni bhith fas.
A’ chulaidh-cheille-sa chaidh suas,
’S trie a tharruing buaidh air mnaoi;
Bi-sa gu subhailceach ciallach,
O thionnsgainn thu fein san treubh.
A tus do chomh-ruith’s tu bg,
An tus gach lb iarr High nan Dul;
Chan eagal nach dean e gu ceart
Gach dearbh-bheachd a bhios ad run.
Bi-sa fialaidh, ach bi glic;
Bi misneachail, ach bi stbld’;
Na bi bruidhneach’s na bi balbh;
Na bi mear, no marbh’s tu bg.
Bi-sa gleidheach air do dheagh-run,
Ach na bi duinte, ’s na bi fuar:
Na labhair air neach gu h-olc,
’S ged labhrar ort, na taisbean fuath.
Na bi gearanach fo chrois;
Falbh socair le copan lan:
Chaoidh do’n ole na tabhair speis,
’S le do bhreid ort, mile failt’.
* * *
Na h-eoin bhuchallach.—Tha mi
deanamh dheth gun tug an tide mhaith a
bha againn toiseach a’ Mhairt feadhainn de
na h-eoin bhuchallach moran nas traithe
thugainn am bliadhna. Chan ’eil sin ’na
ionghnadh agus cho blath ’s a bha an
aimsir againn gus an ama so, ged a bha
lathaichean fuar is frasach againn an
drasda’s a rithist. Tha mi a’ sgriobhadh so
air maduinn a’ choigeamh la deug de mhios
Mhairt. Chunnaic mi breac-an-t-sil air an
ailean air beulaibh a’ Mhansa agam air
ceithreamh la a’ Mhairt, agus dh’
aithnicheadh tu air an ireapais a bha air
gur h-ann air ur thighinn a bha e. Bha tri
no ceithear de lathaichean anabarrach blath
againn an uair ud, agus chan fhaca mi
sealladh air bho’n uair sin; mas e gur robh
na lathaichean nas fhuaire no nach e. ’Se
breac-an-t-sil eun beag cho bbidheach ’s a
chi thu. Bha luchd-turuis eile cbmhla ris
mar a bha cailleachag cheann-dubh agus am
bicean beag. Cha mhor gu bheil latha bho’n
uair sin nach fhaicear eun buchallach air
choreigin air ur thighinn do’n aite. Tha
callaid ag eirigh an airde tri thimchioll os
cionn garadh an lis agam, air a bheulaibh
agus air a dha thaobh, agus tha na h-eoin
bhuchallach daonnan ag ceilearadh sa’
challaid sin. Cbmhla riutha-san a tha a’
tighinn a thadhal oirnn an drasda tha ar
cairdean dileas a tha fantainn maille ruinn
troimh an gheamhradh, .mar a tha an lon-
dubh agus a’ smebi-ach agus an glaiseun ’s
an didig ’s am bruideargan.