Skip to main content

‹‹‹ prev (77) Page 69Page 69

(79) next ››› Page 71Page 71

(78) Page 70 -
70
AN GAIDHEAL. Am Mart, 1943.
fein gu bheil an reult, Bheunas, an uair a tha
i aig aird a soillse, ri a faicinn leis an t-suil
lom gun chuideachadh bho ghloine an uair
a tha an t-adhar glan ri solus boillsgeach na
greine. Cha mhor nach dannsainn ri m’fhaileas
fein an latha ud, oir shaoil mi gum bu mhise
a’ cheud aon a fhuair am mach so! Theagamh
gu’n innis mi uair eile dhuibh mar a stiuir mi
mo shuil gu sin a dheanamh.
An tulla na drochaireach ! nach ann a tha
mo luigheasachadh de’n taobh-duilleig so an
nis air teirigsinn, agus feumaidh mi an ceann
eile air an robh m’aire fhagail gus an ath
mhiosa.
Bhur Caraid Dileas,
Eachann MacDhughaill.
—;—^
Cha bhi toradh gun saothair—There will be no
produce without labour.
. : <>
GILLEAN LETH-CHEUD ’S A
H-AON.
Togaibh fonn do na gaisgich tha ’n seirbhis
an High
Tha cogadh cho sgairteil’s cho calma san strl
Is guidheamaid buaidh dhoibh ’s am Freasdal
’gan caomhn’
Eeachd fearail na h-Alba koich Leth-cheud
5s a h-Aon.
Sgriobhte ’n eachdraidh na duthcha tha
euchdan nan laoch
Chaidh arach measg xhointich, is monadh is
fraoch
Air brochan is bainne, sluaigh baigheil nan
glinn,
Bha ciallach is coibhneil is cairdeil ’s gach
linn.
Ach tha amhghar is a eras, tha bron agus bas
A leanachd lorg cath nuair theid rioghachdan
’n sas
Ach nuair bhios a’ Ghearmailt fo smachd le
cuid ail
Bidh sith anns an t-saoghal is fois aig na
Gaidheil.
Chaidh ’n sgaradh’s an sgapadh air cladach na
Eraing
Gus an d’ rainig a’ chabhlach a choisinn ’ar
taing
Is bhoidich iad uile le spiorad nan Gaidheal
Gun cuireadh iad ’n armachd an ordugh gun
dail.
’S ann am fasach na h-Eipheit a thog iad an
ceann
Gillean calma na h-Alba, nan sraithean ’s nan
gleann,
Is dhearbh iad do ’n t-saoghal nach robh iad
cho tais
’Nuair thoisich an Romeleach iomain air ais.
B’e “ Argylls ” agus “ Seaforths ” ’s am
Freiceadan Dubh
Na Gordonaich ’s Camshronaich a thiondaidh
an sruth
’S cha teid iad air di-chuimhn’ gu siorruidh
na suinn,
Cho fhad ’s a bhios eachdraidh rioghachd
Bhreatainn air chuimhn’.
Nuair sguireas an cogadh ’s a thilleas thar
sail
Feachd fearail na h-Alba biodh cuimhne aig
na Gaidheil
Gum feum an luchd-riaghlaidh le ughd’ras
an Righ
Ceartas a’ dhiol dhoibh an laithean na sith.
Cha dean geallaidhean boidheach mar fhuair
iad o thus
’Nuair thainig iad dhachaidh bho Hamel ’s
bho Loos
An gnothach an drasd oir tha ’n saoghal ag
radh
Nach bi gnothuichean tuille gu siorruidh mar
bha.
Togaibh fonn do na gaisgich tha ’n seirbheis an
Righ
Tha cogadh cho sgairteil ’s cho calma san
stri
Is guidheamaid buaidh dhoibh ’s am Freasdal
’gan caomhn’
Feachd fearail na h-Alba laoich Leth-cheud ’s
a h-Aon.
Alasdair MacRaing.
Baile-a-Chaolais.
CREACHADH DHIEPPE.
Am measg nan Canadianach a tha san diithaich
so, tha Alasdair Siosal, gille 6g sgairteil a Ceap
Breatainn. Bha Alasdair leis a’ chomhlan a chaidh
do Dieppe, agus anns an iomradh so tha e ag innse
dhuinn mar a chaidh leis. Tha corr gu math is
ceud bliadhna bho’n a dh’ fhalbh a chuideachd a
Tir nam Beann. Dh’ fhag a dhaoine an t-Srath
Ghlais anns a’ bhliadhna 1805, agus cuideachd a
mhathar Uibhist a Deas ochd bliadhna roimh an
sin. Ged nach d’ innis e fhein dhuinn, fhuair
Alasdair am M.M. airson an obair a rinn e an
Dieppe. Bha an t-iomradh so air a chur air clar
agus air a chraobh-sgaoileadh leis a’ B.B.C. an
rathad Facal Dealachaidh air oidhche 10/9/42. Tha
sinn fada an comain Eoghain Mhic a Phi, Fear
Gaidhlig a’ B.B.C. airson a thoirt dhuinn.—F-n.
’S ann car mar so a thachair. Fhuair sinn
brdugh gu bhi deiseil leis gach ball acfhuinn
aig ceithir uairean an ath mhaduinn. Cha
do smaointich sinn dad sam bith dheth sin.