Skip to main content

‹‹‹ prev (53) Page 45Page 45

(55) next ››› Page 47Page 47

(54) Page 46 -
46
AN GAIDHEAL.
Am Faoilteach, 1943.
LITIR COMUNN NA H-OIGRIDH.
Ged nach ’eil marbh-latha na DuldacM
againn fathast an am dhomhsa a bhith a’
sgriobbadh na litreach so—tha an latha goirid,
lann sin fathast seachdain air falbh—bidh a’
Bhliadhna Ur againn agus a’ ghrian a rithist a’
togail a ciabhan oir ris na tirean tuatha so mun
ruig mo bhriathran sibhse. Le Bliadhna Ur
a bhith mar sin air an stairsnich, is freagarrach
gum biodhmaid a5 toirt deagh dhurachd an ama
a tha-ann d’a cheile. Bliadhna Mhath Ur
dhuibhss, a chlann uile mata, gach ni a bhith
a’ soirbheachadh leibh re nan ceithir raithean
a tha air thoissach oirnn agus gach bliadhna
eile maille riu le sineadh laithean. Tha an
seann seol a bha aig ar daoine—“mar sin
dhuit fein agus moran dhiubh, an la a chi
’s nach faic cho freagarrach’s a ghabhadh e
cur; tha e goirid, cuimseach, agus gearr ’g
bheil e am briathran, tha e ag gabhail a steach
saoghal dhaoine air fhad.
A nis, is e so an t-am de’n bhliadhna a bhiodh
ar daoine, sean is 6g, ag cur laimhe anns an
iomain, fior' chluich is seann chluich a’
Ghaidheil. A bheil sibhse, a bhalacha, ’ga
cumail suas ? A bheil an caman ud agaibh
fathast no a bheil ball air sgeul ? Na cuiribh
an dearmad aon seach aon dhiubh, mata;
agus mur ’eil iad agaibh cuiribh cagar an cluais
a’ chinnfheachd no litir an laimh a’ phosta is
ciod am fios nach gabh rud-eigin deanamh.
So a nis rud a tha mi a’ dol a dh’ innseadh
dhuibh. Bha mi oidhche bho chionn ghoirid
aig cuirm-chiuil an Glaschu, agus bha triuir
bhan a eilean sdnraichte ’nan suidhe laimh
rium. Nach mise, a chlann, a bha anns an
staing ; ach is fearr dhomh innseadh dhuibh
gun robh an triuir aca air an aon taobh dhiom,
agus mar sin nan tigeadh cuisean teann orm
dh’ fhaodainn mo chasan a thoirt as!
Bha sinn, mata, a’ bruidhinn mu Chomunn
na h-Oigridh; co-dhiubh, thog nithean co-
cheangailte ris a’ chomunn 6g ceann an luib
an t-seanacha:s a bha againn, A nis, tha
fios agam gu bheil feachdan de Chomunn
na h-Oigridh anns a’ cheart eilean as a bheil
iadsan-—chan ’eil mi a’ dol ’ga bhualadh air
a cheann no air ainm an ceartair—ach aon
de’n triuir cha chuala riamh iomradh air
feachd no eadhon aon de Chomunn na h-Oigridh
a bhith anns an eilean! Ciod, mata, a tha
r’a thogail as a so? Tha, direach, gum feum gu
bheil buill-stuic .a’ chomuinn big anns an eilean
ud fada ro dhiuid: chan ’eil iad aghartach
no foillseachail gu leor orra fbin. “It pays
to advertise ” arsa aon-eigin anns a’ Bheurla;
agus is fior e. Foillsichibhse sibh fein, mata,
gach cothrom a gheibh sibh. Biodh am
braisde beag is comharradh air Gaidheal,
lan no sar-Ghaidheal daonnan am follais ’nur
cbmhdach is sibh fein deas gu innseadh ciod
e ; agus sibhse aig nach ’eil e (oir chan ’eil
iad ri an solar anns na h-amannan cruadha
anns a bheil ar beb againn an diugh) deanaibh
cinnteach as a’ bharantas a tha ag gabhail an
aite gus an tig feairrd air cuisean a chcsnadh
mun teid bliadhna eile ’na tigh. Biodh sin
air aon de na cumhnantan-coimhead a chuireas
sibh oirbh fein aig toiseach bliadhna eile ; agus
an uair a gheibh sibh e, sibh fein is sibhse eile
aig a bheil e mar tha, bithibh inpr as is thoiribh
sgeul air ciod is ciall dha cho math’s a tha sin
’nur comas a dheanamh uair sam bith a gheibh
sibh an cothrom. Biodh gach aon agaibh ’na
theachdaire brosnachaidh gus an tuille is an
tuille a tharruing a steach ann an co-chomunn
ruibh fein. Sin aon dbigh is deagh dhbigh
’nam bheachdsa gu adhaitas a chur ann an
Comunn na h-Oigridh.
Bhur Caraid Dileas,
. Eachann MacDhughaill.
; <>
SEANACHAS.
Airgiod an Righ.—We draw the attention of our
readers to a new Gaelic booklet under the above
title. Copies will be sent to all Gaelic speakers
in H.M. Forces or in any Government employment
whose addresses are known to the General
Secretary. Friends are requested- to send the
names and addresses of those whom they would
like to receive a copy to Mr. Shaw at 151 West
Regent Street, Glasgow. The book is composed of
extracts from An (Jaidheal over many years. It
is neatly got up, and of a size that can easily be
carried in the pocket. The book, like the Gaelic
Leaflets, is being sent to all- men and women in
the services whose address we know, and friends
at home are asked to help us in seeing that all
Gaels get a copy. We sincerely thank all
subscribers to the Gaelic Literature Fund (Maoin
Litreachais Gaidhlig) that enables us to do this, as
well as supplying prisoners of war with parcels of
Gaelic books.
Miss Phemie Marquis—We are glad that Mrs.
Colquhoun has made a good recovery after her
long and trying illness. No one has given more
devoted service to An Comunn Gaidhealach and
the cause of Gaelic than Mrs. Colquhoun, and that
over a very long period. She often inspired her
co-workers with her enthusiasm and her practical
service; and few were more willing to help An
Comunn throughout the country with her gift of
song than she. We hope that she may soon be
back in the work with us again. Cuiridh sinn
ceud failte oirre. ^