Skip to main content

‹‹‹ prev (50) Page 42Page 42

(52) next ››› Page 44Page 44

(51) Page 43 -
Am Faoilteach, 1943.
AN GAIDHEAL.
13
Chan ’eil agam cu gleusda
Chan ’eil feum agam dha,
Cha suidh mi air bachdan
Air sliabh fada bho chach,
Cha leig mi mo ghabhar
An aghaidh nam mam, (2>
’S cha loisgear learn fiidar (3)
An Gleann Ruthain gu brath.
B’e mo ghradh-sa ghraidh uallach
A thogadh suas ris an aird,
Dh’ itheadh biolair an fhuarain
’S air’m bu shuarach an cal,
'S trie bha mise mun cuairt duibh
Dh’ aindeoin fuarachd an la, (4)
’S trie a dh’ fhuiling mi cruadal
A triall nan crunch air bhur sgath.
B’ e mo ghradh-sa’m fear buidhe
Nach dean suidhe mun bhord,
Nach iarradh ri cheannach
Pinnt leanna no beoir,
TJisge beatha maith dubailt
Cha bu diu leat ri 61,
B’ fhearr leat sugh glan an fhuarain (5)
Ann an cluain nam beann mor.
B’ i mo ghradh-sa bhean uasal
Dha nach d’ fhuaradh riamh lochd
Nach iarradh mar chluasaig
Ach lom(6) ghualainn nan cnoc,
Nach fuilingeadh an t-sradag
A lasadh ri corp ;
Och! a Mhuire, mo chruaidh chas
Nach d’ fhuair mi thu nochd!
Bean a b’ aigeantaich ceil©
An ameirigh ri driuchd,
Chan fhaigheadh tu beud dha
’S cha bu leir leis ach thu,
Sibh an glacaibh a cheile
Am fior eudann nan stuc,
’S an am eirigh na grein©
Bu ghlan leirsinn do shul.
Nuair a thigeadh ain foghar
Bu bhinn learn gleadhar do chleibh,
Dol a ghabhail a chronain
Air a mhointich bhuig reidh,
Dol an coinneamh do leannain
Bu ghil© feamain is ceir;
Gur h-i ’n eilid bu bhoidhche
’S bu bhrisge loghmhoire ceum.
1. Caol (MacKenzie).
2. Chaidh faogh’d an tuim bain (MacKenzie).
3. ’S cha sgaoilear leam luaidhe (MacKenzie).
4. Ged a b’fhuar am mios Maigh (MacKenzie).
5. B’ fhearr leat-biolair an fhuarain
’S uisge luaineach an loin (MacKenzie).
6. Fior (MacKenzie).
BEANNACHADH LUINGE.
Is e daoine fior churamach a bha ’nar
sinnsridh. Bha an creideamh laidir daingeann
ann am maitheas Dhe. Bha iad ag cur am
muinghinn ann gu treibhdhireach, agus ’nan
eirigh is ’nan laighe slos ’gan cur fhein is na
bhuineadh dhaibh—an cairdean, an spreidh,
agus gach nl eile ’na laimh-san. Mhair an
cleachdadh so troimh na linntean a nuas,
agus ged a chluinnear air uairean gu bheil
sinn mar shluagh air tuiteam air falbh gu mor
o na nithean anns an robh ar sinnsridh ag cur
uidh tha iomadh ait© de’n Taobh an lar aims
am faighear fathast lorg air cuid de na
cleachdaidhean ionmholta sin.
Is e an cleachdadh sonraichte air am bu
mhaith leam a bhith tighinn an drasda
cleachdadh a bha aig maraichean air an
Taobh an lar, agus is e sin seirbhis beannachaidh
a bha air a dheanamh an uair a rachadh bata
no long no birlinn ur gu sal. Bha am bata ur
air a cur fo ghleidheadh Cruithear nan duilean
gu a cumail sabhailte agus a toirt gu caladh
“le soirbheas ciuin, le soineann, agus 1© solas.”
Air oidhche “Trafalgar” bha mi gu socair
taobh an teine ag eisdeachd ris na h-iomraidhean
taitneach mu euchdan sheoladairean Bhreatainn
a bha tighinn chugam air an radio, agus chuir
e moit nach bu bheag orm a chluinntinn gun
robh aon de sheann chleachdaidhean nan
Gaidheal air uisneachadh an coimhcheangal ri
bhith cur longan cogaidh na rloghachd mhoir
so gu sal. Bha am fear-iomraidh ag innssadh
dhuinn gun robh a nis an long-chogaidh mhor
sin H.M.S. Howe air druim a’ chuain air cheann
a gnothaich, gun deach i air sal air an Linn©
Ghlais o chionn beagan tide, agus gun robh sinn
a nochd a’, dol a chluinntinn seirbhis
beannachadh na luinge. Thubhairt e gur © an
rian ssirbhis a bha air a chleachdadh ann am
beannachadh na luinge rian seirbhis Ghaidhlig
a bha air a chleachdadh o chionn iomadh linn
leis na Gaidheil an coimhcheangai ris an aon
ghnpthach. Dh’ ainmich e cuideachd gur e
Iain Carsuel, Easbuig Earra-Ghaidheal anns
an t-siathamh linn deug, a dh’ fhag againn an
t-seirbhis so.
Chan ’eil fhios agamsa cuin a chuireadh an
t-seirbhis so ri cheile an toiseach, ach tha fios
agam gu bheil an t-seirbhis air a cur sios an
leabhar Charsuel agus gur ann mar sin a chaidh
a h-uisneachadh air bord na H.M.S. Howe
air an latha sholuimte anns an Linne Ghlais a
chuireadh an long mhor air chiixam an
Fhreasdail,