Skip to main content

‹‹‹ prev (34) Page 26Page 26

(36) next ››› Page 28Page 28

(35) Page 27 -
An Dudiachd, 1942.
AN GAIDHEAL.
27
agus dathan geamhraidli far nach ’eil craobhan
idir. Is ann a tha. Tha seorsa de tbruas aig
muinntir tir-mor ri muinntir nan Eileana Siar
ssach nach ’eil craobhan aca, agus mar sin ’nam
beachd-san nach ’eil dathan an fhoghair aca.
Ach tha an dathan fhein aca sna h-Eileanan.
Tha dathan is li nam mara aca, agus tha na
dathan sin lionmhor ri feath is ri doinionn. Tha
dathan is tuar nan creag is nan clach am beul
na tuinne agus am braighe a’ chladaich aca.
Tha dathan na traghad is na feamad, tha dathan
nan sgeir is nam bodha aca. Tha dathan nam
machrach is na mointich, tha dathan an adhair
’s na greine a’ dol fodha sa’ Chuan a Siar. Tha,
agus na ceudan eile.
Tha iomadach buadh is beannachd againn
air a’ Ghaidhealtachd, agus dhiubh sin gu
dearbh cha lugha idir dreach is dathan an
domhain timchioll oirnn.
* * *
Lamh -sgriobhainn luachmhor.—Bha mi
ag radh “Facalsan dol seachad” san aireamhmu
dheireadh air an lamh-sgrlobhainn as motha
tha againn an Alba, ’se sin Lilium Medicinae,
agus gu robh leth-bhreac dhi a dheanamh ag
cosg tri fichead bo bhainne. Saoilidh moran
gun robh sin daor gu leor agus bha e ann an
sin. Ach chunnaic mi an la-roimhe gun robh
lamh-sgrlobhainn air a reic aiison maith na
Croise Deirge an Lunnainn air coig mile agus
ochd ceud punnd Sasannach (£6,800). Bha
lamh-sgrlobhainn so air a dheanamh sa’
choigeamh linn deug, agus e air a shoilleireachadh
le mion-dhealbhan, le coig deilbh bheaga agus
le ochd deug lan-lethtaobh dhiubh. Bhuineadh
e do Mhgr. Seumas A. de Roshschild agus is
esan a thug mar thiodhlac e do Mhaoin Dhiuc
Gloucester airson na Croise Deirge is Naoimh
Eoin. Thug Mgr. Ernest Maggs an t-suim
mhor ud air. Is e “Leabhar Uairean : a reir
Cleachdadh na Roimhe ” a tha ann.
A nis ged b’ fhiach bo bhainne leth-cheud not
dh’ fheumte coig fichead ’s a sia deug dhiubh
los a dhol an coinneamh na laimh-sgriobhainn
so. Tha so gu maith nas daoire na bha Lili
na h-Iocshlamte a bhuineadh do chlann
MhicBheatha. Co-dhiubh tha e leigeil fhaicinn
dhuinn gu bheil a leithid so a leabhar gu maitb
luachmhor fhathast, airneo gu bheil daoine ann
aig a bheil airgiod gu leor agus a tha deonach
air a phaigheadh airson a leithid de leabhar.
Ach is romadh seann leabhar piollagach a
th’ agamsa, agus a tha pailt cho feumaii ris na
lamh-sgriobhamnean ud, agus a cheannaich-
eadh duine air beagan thasdan, no air a chuid
as motha beagan notaichean. Rinn an clodh-
bualaidh sin. Dh’ fhag e leabhraichean saor.
Is e innleachd a’ chlodh-bhualaidh beannachd
cho mor agus a rainig air mac air duine riamh.
Leis an innleachd so tha smuaintean is gliocas
dhaoine eagnaidh is diadhaidh furasda an cur
an leabhar, agus an leabhar sin a mheudachadh
mile agus deich mile fillte air bheag cosgais.
Tha sin a’ fagaill leabhraichean saor, agus
furasda ruighinn orra de dhuine sam bith aig
a bheil deidh air eolas is gliocas is foghlum.
Ged nach deanadh an clodh-bhualadh ach
Facal Dhe a thoirt dhuinn ’nar canain fhein,
agus sin cho saor agus cho furasda ’s a dh’
iarradh duine, bhuilich e beannachd air a’
chinne-daonna nach gabh luach a chur air.
Rinn an clodh-bhualadh sin fo laimh an
Fhreasdail. Agus dh’ fhag e leabhraichean
Gaidhlig fhein gu maith pailt agus saor ’nar
latha-ne, ach is ann tha bhochdainn ann nach
robh na Gaidheil gus an so ro dheidheil air
leabhraichean Gaidhlig a cheannach agus a
leughadh. Ach gun teagamh tha piseach air a
thighinn orra sa’ chuis so o chionn aireamh
bhliadhnachan air ais, agus chitear a nis
leabhraichean Gaidhlig an tighean agus an
aitean nach fhaicte roimh an so. Bidh mi
smaoineachadh sin uaireanan a thaobh an
Ollaimh Mhiclain agus Bhoswell. Bha e cur
ionghnaidh orra na thachair a leabhraichean
orra air a’ Ghaidhealtachd, gu sonraichte san'
Eilean Sgitheanach, leabhraichean Beurla agus
leabhraichean Laidionn agus Greugais. Ach
cho fad ’s as cuimhne leum chan ’eil iad a’
deanamh iomradh air gum faca iad aon leabhar
Gaidhlig ann. Ged a bha an Tiomnadh Nuadh
an clodh Gaidhlig sia bliadhna mus tug na
daoine fiughail ud an sgriob a thug iad air a’
Ghaidhealtachd chan ’eil iomradh gum faca
iad gin dhiubh. fad an turuis.
Ach, mar a thubhairt mi, chlthear an diugh
leabhraichean Gaidhlig an tighean agus an
aitean nach robh iad riamh roimhe ann. Thug
sin fosgladh inntinn agus adhartas air na
Gaidheil an iomadh doigh.
* * *
Na Gearmailtich.—An car a bha san t-seana
mhaide is duilich a thoirt as. Is fior am facal
so a thaobh nan Gearmailteach. Is e teisteas
luchd-eachdraidh orra bho chuireadh eolas
orra an toiseach, gun robh iad borb agus
ladarna agus aingidh. Bha iad an aon rud sna
linntean meadhonach ’s a tha iad an diugh ;
agus bha iad a leithid eeudna an tus an
eachdraidh. Tha an seanfhacal fior da-riribh
d’ an taobh-san : an car a bha san t-seana
mhaide is duilich a thoirt as. Tha Froissart,
eachdraiche ainmeil nan linntean meadhonach
a’ toirt an cliu dhuinn san am sin, agus bha an
cliu agus an teisteas an uair sin direach mar a
tha e an diugh, agus tha sin truagh gu leor.