Skip to main content

‹‹‹ prev (17) Page 9Page 9

(19) next ››› Page 11Page 11

(18) Page 10 -
10
AN GAIDHEAL.
An Damhar, 1942.
Thug mi fa-near gun robh na h-uiread nach
robh ro chinnteach ciod an t-eun a tha, ann am
“ mavis.” Bha aon a rinn druid, is bha aon
eile a rinn lon-dubh dhi; agus air a chid sin
bhatar an eadar-bharail co dhiubh is ann
fireanta no boireanta (an gramar) a tha
smebrach. Bha cuid a sgriobh “ bran an
smebraich,” is cuid eile “ na smebraich.” Tha
mi a’ tuigsinn gur e “ esan ” a theirear ris an
smeoraich an cuid de aitean, ged is e “ ise ” a
theirear am bitheantas.
So radh a dh’ fheumar aideachadh a tha car
duilich do chloinn a chur an Gaidhlig “ Are
you going to buy that new Gaelic song-book ? ”
Chan ’eil e faoin eadhon do inbhich, agus tha
aon ni ann a dheanadh cnaimh-cagnaidh do’n
Academy na’n robh i fathast am bith. Ach, a
chlann, ciod is aobhar a chuir gun robh uiread
dhibh a chuir “ fait dearg ” air an fhear air an
robh “ red hair ? ” Cha chualas riamh fait
no feusag dhearg a bhith air Gaidheal— no air
neach eile! Ruadh, sin am facal. Carson a
rithist, is ann an sgoil bho am biodh fiughair
againn ri na b’ fhearr, a bhatar ag cur sios a
leithid so :—“ a’ milleadh an t-arbhar,” agus
“ anns an t-eilean.” Chan ’eil an litir so
freagarrach a chum dol a steach cho domhain’s
a dh’ fheumte gu so a nahineachadh, ach far a
bheil ceangal-fhacal mar so a’ tighinn a steach,
tha “ arbhar ” no ciod air bith an “ noun ”
a tha ann, arm an ceis genitive, is cha choir an
“ t ” a shnaim ri facal mar so, ach fear a tha a’
tbiseachadh leis an litir “ s,” is e fireanta.. “ A’
milleadh an t-saoghail,” ach “ a’ milleadh an
arbhair.” Maille ri so, tha ni eile a bu choir do
na maighstirean-sgoile a ghabhail os laimh.
Is e sin an nl ris an abrar “ eclipses,” oir
gabhamaid ris no na gabhadh, tha e buailteach
air claim a chur cearr an litreachadh fhacal, mar
aon, “ am malach ” a chur sios an aite “ am
balach,” ni a rinn cuid de’n chloinn anns na
sgoilean mu thuath. A nis, sguiridh mi leis
an “ howler ” a dh’ ainmich mi a thoirt dhuibh.
So an radh a bha r’a eadar-theangachadh,—
“ Cha robh an t-Earrach so gle fhuar; bha
na h-uain sona. ’ ’ (Agus feumaidh mi aideachadh
nach b’e “ sona ” mo roghainn fein anns an
t-seagh so). Co-dhiubh, so agaibh mar a
dh’ eadar-theangaich balach araidh e :—“ This
Harrisman was not very cold; the lambs were
glad! ”
Bhur Caraid Dileas,
Eachann MacDhughaill.
FAILT DO AM MORACHDAN
RIOGHAIL.
Amfonn is nafacail le Niall Mac Ghille
Sheathanaich.
Gleus F.
Sdist
{\s|s:m:s|s:m:s|s:l:s|m: - :r/
O, tion-ail-ibh, tion-ail-ibh, tion-ail-ibh comb-la
{ |m : r : d| 1, : S| : 1, U : r : m| r : - : d}
Tion-ail-ibh uile thoirt furain do’m Mor-achd ;
■{ |s:m:s|s:m:s|l:s:m|s: - :
Piob-an is brat-aich-ean’s cais-im-eacud ord-ail,
"f I d1 : t : 1 | s : m : s 11 : d1: m) r : - : d.jl
Tion-ail-ibh uile thoirt furain gu leor dhaibh.
■{ .s |m: r : d |m:d:m| f : s : f |m: - :r.}“
O, failt-ich-ibh blath e gur sar nam fear 6g e,
"{(.111)1111: r:m|s : m : s f 1 :s:m|r: - id.}"
Ceannard an high e nach fail-nich ar coir-ne;
■f(.r)|m:r:d|m:d:m|s:m:sjl: - : 1./
Fear taice nan Gaidh-eal, an can-ain ’san 6r-an,
*{ (.t) | d1 : t : 1 I s : m : s 11 : d1: m | r : - : d. ||
’Naeid-eadh ’sna chleachd-adh chanain-eol-achoirnne
Is caomh leinn r’a ghualainn ard uaisleachd
nan bg-bhean,
Ar Ban-righinn shuairce do’n dual a bhith
mbrail;
De shiol nan seann rlghrean bha ’n tir nam
beann mbra,
’Sa dhearbh dhuinn a dilseachd do dhileib ar
ceblraidh.
0, seinneamaid iollagach luinneagan ceblmhor,
Gair anns gach cridh’ iad a thighinn le Morachd ;
Sith agus beannachd bhith mar riu an
cbmhnuidh,
larrtas ar n-aigne gur fad bhios iad beb leinn.
(Rinneadh an t-6ran so air iarrtas Mhgr Eoghainn
Mhic a’ Phi, Fear Gaidhlig an Fhritheud, fa chomhar
teachd an Righ is na Ban-righinn do Alba an deidh an
crunadh, 1937.)