Skip to main content

‹‹‹ prev (15) Page 7Page 7

(17) next ››› Page 9Page 9

(16) Page 8 -
AN GAIDHEAL.
An Damhar, 1942.
ABERDEEN BRANCH.
The Aberdeen Branch has made preparations
for an active session this winter. Meetings
will be regularly held in the Oddfellows Hall,
Belmont Street, on the Third Thursday of
the month, at 7.30 p.m., from October till May.
A cordial invitation is given to members of
H. M. Forces who may be stationed in Aberdeen
or in the vicinity; and also to all Gaels and
others in sympathy with the work and aims
of An Comunn Gaidhealach. Thigibh agus
gheibh sibh failte is furan. Is fheairrde sibh
fhein tighinn, agus cha mhisde sinne e.

MONADH IS SLIABH.
Monadh is sliabh,
Sin iad mo mhiann
Air dg-mhaduinn ghrianaich aillt,
Le cubhradh an fhraoich
’S e fhathast fo bhraon
Cur suird is suigeirt fo’m chail.
Uiseag air sgeith—
Ruith cheilear o beul—
Ard ag eirigh sna neoil,
Le binneas a teud
A’ dusgadh am chre
Caoin-aiteal a threig a ghloir.
Aghmhor a’ ghrian,
Gloirmhor a rian,
’Na morachd a’ lionadh nan speur,
Is sealladh a gnuis
A’ togail mar thuis
0 shuilibh nam flur gach deur ;
Ag oradh nam beann—
An Cuilidheann thall—
Cur fuinn is uisge fo fhaoilt,
’S a’ sineadh gu aird
An cuan lan baigh
A’ taladh eileana gaoil—
Canaidh is Rum
Is Bige na sguirr,
Gu seimh a’ togail an ceann,
5S air iomall na fair’—
Na’s annsa gu brath—
Tlr m’ araich ud Innse-Gall.
Innis nan Tonn.
Tha cnaimh is smior is anailna fi6r bhardachd againn
an so. Mil air bilean a’ bhaird. Chan ainm gun an
tairbh air e. Tha an Qaidheal fada fada an comain
“Innis nan Tonn” agus an dbchas nach fhada gus an
toir e tuilleadh dhuinn.—F-d.
<>—
□ e an doimhne as inotha tha san fhairge, agus
cait a bheil an doimhne sin? Tha 35,410 troigh,
no 5,901 ’s da thrian aitheamh, aig Doimhne Mhin-
danao sa’Phacific.— IFhich is the greatest known ocean
depth, and where is it to he found? The Mindanao
Veep (SSJIO ft.; in the Pacific,
LITIR COMUNN NA H-OIGRIDH.
Dh’ innis mi dhuibh an litir a’ mhiosa a
dh’ fhalbh nach robh innte ach dara leth na
bha mi am beachd a radh mu na paipearan-
ceasnachaidh. Dh’innis mi dhuibh mar an
ceudna gun robh mi ro thoilichte a thaobh cho
fior mhath ’s a bha na paipearan air an
deasachadh. Chunnaic cuid agaibh cheana bhur
n-ainmeannan fein air an cur sics, agus na
fhuair sibh de chomharraidhean. Thoill sibh
iad uile, agus thoill tuille na bha de rum againn
gu an ainmeannan a chur sios na fhuair
iad fein. Biodh iadsan faidhidinneach, gun
lasachadh ’nan stri gu bhith an ceum-toisich
na cuideachd, agus bithidh iad ann, theagamh
an ath bhliadhna fein !
Tha mi a nis a’ dol a bhuntainn ris na
mearachdan, cuid dhiubh nach robh ach gle
fhaoin, a rinn sibh. Mar aon de na mearachdan
so—ach fathast bu mhearachd e—bha cuid a
sgriobh mar eadar-theangachadh air “ Tha
sporan math againn,” an deuchainn lan-
Ghaidheal, “ I have a good purse.” A nis,
na’m biodh uaireadair dir r’a chosnadh leis an
aon a b’ fhearr, agus gun d’fhuaras dithis a
bha mar mhac-samhuil d’a cheile, ach gun do
rinn aon “ mi fein ” an aite “ sinn fein ” de’n
radh so, saoil sibh an gabhadh ni eile deanamh
ach am fear a sgriobh “ We ” a chur air
thoiseach. Bho so, a nis, mata, leanaidh mi
orm; ach mu’m fag mi an radh feumaidh mi
iadsan a mholadh a rinn “ we have lots of
money ” dhe so. Leig iad ris gun robh toirt-
fa-near annta air an dara ciall so a bhith aig
an radh. Bha aon no dha nach robh cinnteach
ciod a bha ann an sporan ! Bha a rithist aon
no dha a shaoil gur ann “ a’ tighinn ” a bha
Seumas, an aite a bhith “ tinn.” Thoiribh an
aire gur e “ his ” sister, is nach e “the ” sister a tha
ann an (c). Na’m b’e “ the ” a bha ann, dh’
fheumteadh cromag, mar so, a chur an deidh a’.
Bha cuid a rinn “ yesterday ” de “ an diugh.”
An cuala sibh riamh,—“ Chan e ’n de ach an
diugh, teine-de air do bhus ! ” Anns an eilean
againne bha e air a thoirmeasg “ de ” a radh
mar fhreagairt, no an uair nach cluinneadh
neach le ceartas an ni a rachadh a radh: so
mar a rachadh “ de ” a chronachadh !
Cha do thuig ach a’ chuid a bu lugha gur e
“matches” a bha “lasadain” ag ciallachadh;
agus chan ’eil sinn a’ dol a dh’ fhaotainn coire
dhoibh, oir an deidh na h-uile rud, is e facal
air ur-chruthachadh a tha an so, is chan ’eil
sinn uile suas ris fathast. Rinneadh “ candles ”
“ flames,” “ cinders,” “ logs,” “ flares,” “ ashes,”