Skip to main content

‹‹‹ prev (145) Earrann 12, An t-Sultuin, 1948Earrann 12, An t-Sultuin, 1948

(147) next ››› Page 139Page 139

(146) Page 138 -
138
AN GAIDHEAL.
An t-Sultuin, 1948.
dunadh an doruis air na nithean fior agus fior-ghlan
anns an d’fhuair na ginealaichean romhainn an da
chuid urachadh spioraid is oileanachadh inntinne.
* * * *
Tha mi direach an deidh a bhith leughadh air son na
darna h-uaire leabhran-dhan an ughdair oig chliuitich,
Deorsa Caimbeul Hay. Is e “Fuaran Sleibh ” an
t-ainm a tha aige air an leabhar, agus cha b’urrainnear
ainm nas freagarraiche a thaghadh, oir ann an seo
tha bardachd a tha mar shruthan anns an dithreabh.
Tha da rud aig Deorsa Hay a tha feumail do bhard
sam bith—eolas farsaing air litreachas (chan e mhain
litreachas Beurla is Gaidhlig, ach a’ ruigheachd a
mach gu canainean eile), agus, nas fhearr na sin,
suil gheur thuigseach agus cridhe faireachail.
Gus aon duine a mholadh chan ’eil feum air daoine
eile a dhi-mholadh, ged is trie a chluinnear sin ’ga
dheanamh, agus mar sin chan ’eil mise dol a dh’
hrdachadh Dheorsa Hay le bhith ag radh gu bheil e,
am measg bhaird Ghaidhlig eile ar latha-ne, mar
iolaire am measg speireagan no mar uiseag am measg
ghlaiseanan. Tha e ’na thoileachadh mor dhomh
daoine a bhith ri bardachd no ri ranntachd, ged nach
ruig iad faisg faire air Uilleam Ros no Donnchadh
Ban. Cha trie riamh a leugh mi bran no pios bardachd
—bochd’s gu robh e—nach d’fhuair mi as rud-eigin a
rinn feum dhomh. Faodaidh e bhith, mar a their
feadhainn, gu bheil cus de dhroch bhardachd ’ga
deanamh an diugh, ach mur bi droch bhaird againn
cha bhi baird againn idir. Bha duine glic ag radh
uair-eigin gum b’fhearr leis-san saobh-chrabhadh na
bhith gun chreideamh idir, agus is fhearr leamsa
bardachd lapach nan leth-bhard na bhith gun
bhardachd idir.
Tha eadhon an droch-bhard a’ faicinn agus a’
faireachadh rud-eigin d’am bheil a’ chuid eile againn
dall is bodhar, agus ’s e tha ’ga fhagail aig bonn
beinn na bardachd an kite bhith aig mullach na beinne
nach ’eil e mothachail gu leoir agus, nas miosa na
sin, nach ’eil sgil is tebmachd aige gu bhith laimh-
seachadh acfhuinn a cheaird, is e sin facail.
Am measg bhaird an latha an diugh—agus chan ’eil
iad idir gann—tha aireamh bheag ann d’an aithne an
acfhuinn a chur gu feum, agus am measg na feadhna
sin tha dithis sonraichte againn anns a’ Ghkidhlig. Is
iad sin Deorsa Hay, air a bheil mi ag iomradh, agus
Somhairle MacGilleathain. Chan ’eil mise dol a radh,
mar a chuala mi feadhainn eile ag radh, gu bheil an
dithis seo a’ toirt barr air gach bard Gaidhlig eile o
chionn uine mhoir mhoir, ach their mi seo—gu bheil
MacGilleathain is Hay air tobraichean ura a chladhach
a mach agus fuarain ura a lorg air beinn na bardachd.
Ma ghabhas tu beachd air eachdraidh bardachd
Ghaidhlig a nuas bho linn Mairi NicLeoid, chi thu mu
leth-dusan chuspair a ghluais na baird gu gleusadh
chruit. Moladh a’ chinn-fheadhna, mo chuideachda
fhin, aogas naduir, cuan is monadh, cianalas is
ionndrainn, is an gaol—sin priomh-chuspairean nam
bard Gaidhealach. Tha cuid de na cuspairean sin
mar adhbhar do’n bhardachd aig MacGilleathain is
^ Hay, ach air mhodh ur, agus tha an da bhard sin air
cuspairean ura a thoirt a steach agus doighean-
rannaigheachd ur.
Seall air Hay agus e an Sasainn, agus e
cuimhneachadh air a dhuthaich fhein, taobh Loch
Fine. Tha amharus againn air mar a rachadh baird
eile an car cuspair de’n t-seorsa sin. Seo mar a tha
Hay ’ga chur:
“ B’e gairbhe na gaoithe
chum an raoir mi ’nam chaithris.
Gaoth a deas air Loch Fine,
teachd gu fiochar le tartar.
Na tuinn chaoirgheal mu Gharbhail,
neart na fairge ’s a farum.
Is ann an raoir a bha ’n nuallan
’na mo chluasan’s mi ’n Sasainn . . .”
Is iomadh taladh cubhraidh a tha againn anns a’
Ghaidhlig. Is airidh am “ Briodal Mathar ” a leabhar
Hay a chur ri taobh gin aca :
“ Mo luran thu,
Mo dhuinein thu,
eh, m’ultachan is m’eallach cleibh ....
M’Osgar mor thu,
m’usgar oir thu,
mo mhogul chno a chromas geug . . . .”
Chan ’eil eagal air Hay ceistean domhain diomhair
a thogail. Mur an d’amais e air freagairtean a
shasaicheas, is <mor am maitheas fios a bhith agad
ciod iad na ceistean as fhiach an togail.
“ Ach co a bheir gu beachdaich dhuinn,
gun teagamh bhith san sgeul,
nuair thig dalladh air na suilean,
dunadh air a’ bheul,
fios air an tlr aineoil ud,
’s air rathad ruin ar ceum ?
“ Co dh’innseas e mas cadal duinn
’s e maireannach gun la,
smaladh dhuinn gun urachadh
is muchadh gu brath,
no an tadhail sinn tir eigin
sior eibhinn thar gach ait ? ”
* * * *
Ach feumaidh mi sgur. Lionainn iomadh duilleag
le rainn is sreathan a ghreimich air m’inntinn agus a
thug leum air mo chridhe, a dh’fhosgail mo shuilean
agus a ghluais m’aigne. Ceannaicheadh gach duine an
leabhar priseil seo air a shon fhein.
Ma tha sinn dol a bhith mealtainn na h-inbhe a
bhuineas dhuinn mar dhaoine, cha tig e dhuinn ar
beatha a chaitheadh mar bhruidean na machrach, ag
itheadh’s ag obair’s ag cadal gus an tilgear ann an
toll sinn. Faodaidh storas saoghalta a bhith gle
ghann aig a’ mhor-chuid againn, agus faodaidh slighe
na beatha laitheil a bhith sgitheil saraichte do chuid,
ach, ma tha againn an t-suil a chi agus an cridhe a
thuigeas, tha oighreachd shaidhbhir an tairgse gach