Skip to main content

‹‹‹ prev (133) Earrann 11, An Lùnasdal, 1948Earrann 11, An Lùnasdal, 1948

(135) next ››› Page 127Page 127

(134) Page 126 -
126
AN GAIDHEAL.
An Lunasdal, 1948.
’na dheidh sin chaidh e do sgoil na sgireachd an
Gearrloch, ocM mile deug bho a dhaehaidh. Tha an
t-Ollamh Maghnus MacGilleathain {The Literature
of the Celts, t.d.356) ag radh gun deachaidb e gu ard-
sgoil Baile Dhubbthaich, acb cha d’fhuair mi dearbh-
adh ceart air sin agus ar leam nacb ’eil e fior, ciod
air bitb am bonn a bh’aig an Ollamh air a radh.
Nochd Iain MacCoinnich, agus e fhathast ’na
bhalachan, gu robh uidh shonraichte aige an cedi
agus am bardachd, agus gu robh sgil nadurra aige ann
a bhith an da chuid ag cluich innealan-ciuil agus ’gan
deanamh. An ceann nine’s e bh’ann deagh phiobaire,
agus chluicheadh e mar an ceudna air an fhidhill, air
a’ phiana, air an fheadan Ghallda (lute), agus air
innealan-ciuil eile. Ach chan e mhain sin ach le a
laimh fhein rinn e piob-mhor agus fidheall agus
innealan eile agus gun aige de acfhuinn ach sgian-
pocaid.
Chuir a pharantan e a dh’ionnsachadh
saorsamneachd comhla ri fear, Uilleam Ros, saor a
bhiodh a’ siubhal o aite gu aite air lorg na h-oibre.
Dh’fhalbh Iain comhla ris an fhear seo agus anns
gach siubhal a rinn iad fhuair e edlas an da chuid air
saorsainneachd agus air canain is drain is sgeulachdan
aireamh chearnan de’n duthaich.
* * * *
Ann an 1823 dh’eirich tubaist do Iain a bha mar
mhathair-aobhair do’n obair shdnraichte a rinn e do
litreachas na Gaidhlige anns na bliadhnachan a lean.
Anns a’ bhliadhna sin chuireadh plos eile ri Mansa
Ghearrloch (agus’s ddcha gu robh feum air sin, agus
seachdnar chloinne aig a’ mhinistear, an t-Urramach
Seumas Russell). Bha Uisdean Mac a’ Mhuilleir a
Cromba, ughdar My Schools and Schoolmasters agus
The Old Red Sandstone agus leabhraichean eile, ’na
chlachair aig an togail seo, agus bha Iain MacCoinnich
cdmhla ris mar shaor. Thuit Iain bho’n bhalla a
bhatar a’ togail agus fhuair e buille sa’ cheann air chor
’s nach b’urrainn dha leantainn air an obair. An
ceann uine chaidh e na b’fhearr agus dh’fhalbh e gu
Drochaid Sguideil (no Drochaid Chonain) gus leantainn
air an t-saorsainne'achd an sin, ach bha ledn a chinn
fhathast ag cur dragh air agus b’fheudar dha an
t-saorsainneachd a leigeil seachad agus tionndadh ri
cosnadh eile, agus, mas fior na dh’innsear, cha bu
duilich leis sin a dheanamh, oir chan ann an
saor-sainneachd a bha uidh aige ach ann an
sgriobhadh. Bho dige a nuas bha tlachd aige ann am
bardachd a dhaoine agus thdisich e ri trusadh nan
dran a chuir e ri cheile an deidh-laimhe ann an Sar-
Ohair nam Bard.
Mar sin, thill e dhachaidh do Ghearrloch agus b’e
a’ cheud ni a chuir e roimhe drain Uilleim Rois a thional
’s a chur an cld. Bha a nise cdrr is deich bliadhna
fichead bho chaidh Uilleam Ros a charadh san uir
an seann chladh Ghearrloch aig aois a h-ochd thar
fhichead, ach bha deagh chuimhne fhathast air fhein
agus air a chuid dran. Bha aon fhear gu sdnraichte
fhathast air mhaireann a bha ’na dhluth-chompanach
aig Uilleam Ros, agus b’e sin Alasdair Caimbeul (no
Alasdair Buidhe mac lamhair), a bha e fhein ’na
bhard. Tha e air a radh gun tug Iain MacCoinnich
oidhche thar fhichead a’ sgriobhadh sios drain an
Rosaich bho bheul Alasdair Bhuidhe. Ann an 1833
chuireadh an cld an Inbhir-Nis “ Orain Ghaidhealach
le Uilleam Ros; air an sgriobhadh agus air an co-
chruinneachadh ri cheile le Iain MacCoinnich ann an
Inbhir-Iu.” ’S e “ 1830 ” an aireamh-bhliadhna a tha
cld-bhuailte air ceud-duilleig an leabhair, ach tha
aobhar smaoineachadh gur ann an 1833 a dh’fhag an
leabhar an cld-bheairt. Rinneadh an dara cld-
bhualadh an 1834, agus an deidh tomhas ceartachaidh
fo laimh Dhdmhaill Mhic a’ Phearsain (fear-
deasachaidh An Duanaire) an 1868, chaidh an leabhar
a chld-bhualadh a ris an 1868, 1870 (da uair), agus
1877.
Ann an 1833 dh’fhag Iain MacCoinnich Gearrloch
agus an 1836 chaidh fhasdadh mar chleireach an oifis
cld-bhualaidh Oil-tliigh Ghlaschu. Shaothraich e an sin
aireamh bhliadhnachan agus an sin fhuair e cosnadh
aig Cuideachd MhicLachlainn is Stiubhairt, clo-
bhuailtearan is leabhar-reiceadairean an Dim-
Eideann. ’S e punnd Sasannach san t-seachdain an
tuarasdal a bh’aige, agus ’s e an obair a bh’aige a
bhith ag eadar-theangachadh leabhraichean Beurla
gu Gaidhlig agus a bhith ceartachadh cld is litreachadh
nan leabhraichean Gaidhlig a bhiodh MacLachlainn
is Stiubhart ag cur a mach. Mar seo dh’eadar-
theangaich e Seallaidhean Neimh is Ifrinn (1844),
Thig agus’s e do Bheatha chum losa Criosd (1844)—
da leabhar le Iain Buinian; agus cheartaich is
dh’ur-dheasaich e Turns o’ Chr'wsduidh le Iain Buinian
(eadar-theangaichte an toiseach le Raibeart Mac-
Pharlain) (1845), Gairm an De Mhoir do’n t-Sluagh
Neo-Iompaichte le Richard Baxter (eadar-theangaichte
an toiseach le Padraig MacPharlain) (1845), agus
Ainmeannan Cliuiteach Chriosd, Slabhraidh Oir o’
Chreidich, agus an t-Slighe Chumhann do Neamh le
Uilleam Dyer (eadar-theangaichte air tus le Padraig
MacPharlain) (1845). Dheasaich no dh’eadar-
theangaich e cuideachd tri leabhraichean eile le Iain
Buinian—Osnaichean bho Ifrinn (1846), Uisge na
Beatha (1846), agus Gras am Pailteas (1847).
Anns a’ bhliadhna 1844 chld-bhualadh Eachd-
raidh o’ Phrionnsa no Bliadhna Thearlaich le Iain
MacCoinnich. B’e seo eadar-theangachadh air
iomradh Beurla a thugadh dha. Anns a’ bhliadhna
sin cuideachd chuir e an cld An t-Aosdana, “ cruinn-
eachadh de dh’drain a rinneadh do’n Phrionnsa agus
’na aobhar le ughdaran eugsamhail.”
Ann an 1836 chuir e mach leabhran beag,
“ Eachdraidh Mhic Cruslig Sgialachd Gaelach,” air a
chld-bhualadh air paipear gorm. Chld-bhuail e mar an
ceudna The Gaelic Melodist, cruinneachadh beag de
dh’orain-gaoil Ghaidhealach. An 1848 dheasaich e
air son a’ chid an coigeamh cld-bhualadh de dh’drain
Dhonnchaidh Bhain, agus chuir e stigh aireamh dran
nach robh an cld roimhe.
Bho 1840 gu 1843 bha Cuairtear nan Gleann a’
tighinn a mach. B’e seo miosachan fo laimh Thormoid
MhicLedid (“Caraid nan Gaidheal ”), ach a reir
coltais bha lamh nach bu bheag aig Iain Mac
Coinnich ann an deasachadh a’ mhlosachain.