Skip to main content

‹‹‹ prev (122) Page 114Page 114

(124) next ››› Page 116Page 116

(123) Page 115 -
AN GAIDHEAL.
115
An t-Iucnar, 1948L
chuid as fearr againne air sheol eile orrasan. Tha
facal air leth againne air son gniomh oil agus an deoeh
a thatar ag 61. Chan ’eil aca anns a’ Bheurla ach an
aon fhacal gus an deoch is a h-61 a riochdachadh.
Their sinne “ 61 do dheoch,” ach chan ’eil seol acasan
air sin a radh, le cumail ri eadar-theangachadh
litireil, ach “ drink your drink ” a radh !
Le tilleadh gu brochan a rithist, seo agaibh
rannaghal a bhiodh againne anns a bheil am brochan
an da chuid air itheadh is air 61.—
“ Och-ochan, deoch bhrochain, ith fuar e, 61 teth
e, cum bhuam e, thoir dhomh e, chan ’eil sannt agam
air ! ” Chan ’eil moran brigh anns an rann seo, ach
gu bheil e a’ leigeil ris gum faoidte brochan an da
chuid itheadh no 61, mar a fhreagarradh. Tha rann
eile agam air a’ bhrochan, ach chan urrainn dhomh
cuimhneachadh air an ceartair. Bheir mi dhuibh e
uair-eigin eile ; ach seo agaibh nadur de sheacharan
cainnte a chuala mi aig mo mhathair, is anns a bheil
brochan mar leigheas cnatain a’ tighinn a stigh. Co
agaibh, a nis, a chuireas sios e mar bu choir dha a
bhith ?
“ Chaidh mi sios do Lunasdal mu Shuineapul seo
chaidh ; chaidh tigh a stigh orm, is thuit mi air cliabh.
Chunna mi caora dhubh a’ feannadh duine, a chuir mor
eagal orm, agus thug mi seachd seachdainean sabhail
a’ bualadh air urlar cruaidh foghair ; agus chan
fhaighinn deoch de’n chnatan a leighseadh am brochan
a bha orm ! ”
Agus, a nis, ma tha rannaghal sam bith de’n t-
seorsa seo aig aon agaibh, nach faodadh sibh a chur
sios is a chur chugam ’nur doigh fein. Bhiodh e
freagarrach gu leor rannaghal mar seo a chur a stigh
maille ris na paipearan ceasnachaidh a bhios sibh a’
faotainn gun dail, seadh, an uair a bhios sibh ’gan
tilleadh. Agus le iomradh a thoirt air na paipearan
ceasnachaidh, tha agam ri innseadh dhuibh gun
d’fhuair mi an la-roimhe bho bhur caraid, Alasdair
MacNeacail, ughdar an leabhrain “ Oideas na Cloinne,”
da leth-bhreac de’n leabhran ghasda sin mar dhuaisean
do’n fheadhainn aig an fhearr paipearan an uair a
thillear iad. Cuiridh sinn da leabhran beag air choir-
eigin eile riu, a chum is gum bi da dhuais co-dhiubh
aig na Lan is na Sar-Ghaidheil. Agus, a nis, facal no
cagar beag do na h-inbhich a bhios a’ leughadh na
litreach seo. Ma tha aon agaibh aig a bheil leabhar
Gaidhlig air nach ’eil sibh ag cur feum, is a shaoileadh
sibh a bhiodh freagarrach do chlann Comunn na
h-Oigridh, bhithinn-sa gle thoilichte fhaotainn
bhuaibh gu duaisean do’n chloinn a dheanamh
dhiubh.
A nis, ged nach ’eil, mar a thubhairt mi mar
tha, nl tuille agam r’a innseadh dhuibh mu’n
Champ an am a bhith a’ sgrlobhadh seo, ma gheibh
sinn fiosrachadh sam bith a bhios feumail dhuibh
fhaotainn is a thig chugainn eadar seo is an litir a
bhith air a cur a steach do bheairt a’ chlo-bhualadair,
bheir sinn dhuibh e mar fho-sgrlobhadh aig deireadh
na litreach. Bhur Caraid Dlleas,—
Eachann MacDhughaill.
[Tha fiughar ri 38 balach agus 72 caileag a bhith aig a’
Champa.]
OISINN NA H-OIGRIDH.
Am Madadh -Allaidh an Comhdach Caorach.
Bha madadh-allaidh ann uair a bha siud agus bha
e gle dheidheil air feoil ur caorach agus bhiodh e
deanamh cobhartaich air treud chaorach gach uair
a gheibheadh e fath air sin a dheanamh. Bha na
ciobairean gle fhurachair air a’ chuis sin agus na coin
cuideachd, agus gach uair a thigeadh am madadh-
allaidh am follais thoisicheadh na daoine air
eigheach agus na coin air comhartaich, agus an sin
ruitheadh an t-ainmhidh fiadhaich air falbh.
La bha siud fhuair am madadh-allaidh—seann
slaoightire seolta—craiceann caorach a bha crochte
a muigh air son a thiormachadh. Shlaod e nuas e agus
sgaoil e air a dhruim e, agus an uair a shealladh neach
air is e greis air falbh bha e ag amharc direach coltach
ri caora.
Cha do thuig na caoraich bhaoth gur h-e mealltair
a bha ann eadhon an uair a bha e faisg air laimh.
Bha e ag coiseachd ’nam measg an uair a bha iad ag
itheadh nan seamragan agus an fheoir, agus an uair
a chunnaic an t-uan beag craiceann a mhathar air a’
mhadadh-allaidh ruith e as a dheidh.
Choisich am madadh-allaidh gus an tainig e gu aite
aonaranach agus an sin leum e air an uan agus chuir e
as da.
Re uine araidh bha am madadh-allaidh an comhdach
caorach ri sgrios an treud, ach mu dheireadh thall
fhuaradh a mach e agus mharbhadh e.
An sin thuirt na ciobairean ri each a cheile : “ Chan
urrainn duit am feasda muinghin a chur an coltas ni
sam bith.” Iain N. MacLeoid.
0
AONGHAS MACLEOID AGUS A
CHLAIDHEAMH.
Le Murchadh A. Mac an Tuairneir.
Tha moran an diugh anns a’ bheachd gur e Iain
MacLeoid am fear-claidheimh a b’fhearr air feadh nan
Eileanan an lar ’na am fein, agus tha MacCoinnich a’
toirt cunntais air an seo ’na eachdraidh air na
h-Eileanan an lar. Ach their na seann bhodaich—
am beagan dhiubh a tha air am fagail againn—gur
e Aonghas MacLeoid, no mar a theirear anns na
Hearadh “ Aonghas Beag mac Dhomhnaill mhic
Aonghais,” am fear-claidheimh a b’fhior fhearr. Tha
an sgeul a leanas a'g cur seo an ceill dhuinn.
Bha Aonghas Beag mac Dhomhnaill mhic Aonghais
a’ fuireach ann am Bearnaraidh na Hearadh agus tigh
math aige ann agus croit thorach a fhuair e bho Fhear
MhicLeoid a bha e fhein a’ fuireach ann am Bearnar¬
aidh. Bha Aonghas Beag cairdeach do Fhear Mhic¬
Leoid agus ’na dheagh charaid dha, ach, mar is trie a
thachair am measg chairdean, thainig ni air chor-
eigin eatorra agus chaidh am fearann a thoirt bho
Aonghas Beag, agus chuir MacLeoid e gu fearann
beag tur eadar-dhealaichte bho’n t-seorsa fearainn a
bha Aonghas eolach air. Is ann an Diricleit ri taobh
an Tairbeairt anns na Hearadh a bha e air a chur,
agus bha Aonghas Beag ri thmh an seo air son beagan
bhliadhnaichean.