Skip to main content

‹‹‹ prev (36) AdvertisementsAdvertisements

(38) next ››› Page 30Page 30

(37) Earrann 3, An Dùbhlachd, 1947 -
DECEMBER, 1947.
Price, 2d
An Gaidbeal
EDITOR-.—Rev. T. M. MURCHISON, M.A., 14 Kinross Avenue, Glasgow, S.W.2. (Telephone : HALfway, 2844),
to whom all literary communications should be addressed. Business and other communications should be sent to the General
Secretary, An Comunn Gaidhealach, 131 West Regent Street, Glasgow, C.2. (Telephone: Douglas 1433). All matter for
inclusion in (he Magazine should be in the Editor's hands by the llth of the month preceding publication.
Leabhar XLIII.J
An Dubhlachd, 194'/
[Earrann 3
CLAR-INNSIDH.
Principal Contents.
Gaelic.
loslaind agus Innse-Gall .. .. .. 29
Litir Comunn na h-Oigridh .. .. .. 30
Cataibh .. .. .. .. .. .. 31
Clann an Fhraoich .. .. .. .. 32
Facal San Dol Seachad .. .. 32
Fath a’ Mhor-Fhuaim .. .. .. 37
English.
Meeting of Executive Council .. .. 33
Propaganda Notes .. .. .. .. 34
National Mod, Glasgow—Social Events . . 35
Thoughts for Students of Celtic Art . . 36
Marriage Gift to Princess Elizabeth (photograph) 36
News from Canada .. .. .. .. 37
Folklore Institute of Scotland.. .. .. 38
Recent Publications Reviewed .. .. 38
0
Gliocas Nan Gaidheal.—Cadal a’ mhuilleir ’s an
t-uisge dol seachad.
Firinn air son a’ Mhios so.—Tha an oidhche a’ teachd,
an uair nach urrainn aon duine obair a dheanamh.—Ebin ix. 4.
COIMEAS.
loslaind agus Innse-Gall.
Leis an Urr. Calum MacGilleathain, M.A.
Tha cuid an duil gur e Innis Tile a’ Ghaidhlig a bha
air Iceland. Faodar sin a ghabhail air, ged nach ’eil
mi fhein cho cinnteach as agus ged a ghabhas mise,
an so co-dhiubh, loslaind air.
Eilean mor, farsainn sa’ Chuan-a-tuath, tha e
ainmeil san Roinn-Eorpa air son a chuid eisg. Tha
leithid de chliathadh eisg mu na cladaichean aige agus
gum bi iad aig amannan a’ bruthadh a cheile glan an
airde as an uisge. Ri linn a’ chogaidh so mu dheireadh
is mor a’ chobhair a bha againne ’nan cuid eisg.
Ged a tha an tlr mor is farsainn chan ’eil an sluagh
anabarrach lionmhor innte, agus is e an aireamh a tha
ann mu 120,000 pearsa. Chan ’eil mi cinnteach as an
diugh ach co aige tha fhios nach ’eil sin car-eigin mu
mheudachd aireamh nan Gaidheal an Albainn aig an
dearbh am so ?
Ciod, ma ta, is cor do’n mheud sin aca, mar dhream
air leth, agus co aca is fhearr iad na sinne, mar dhaoine
air leth ? Tha iad ’nan aon sluagh. Tha fhios gur
i an fhuil Lochlannach as treise ’nam measg, ach anns
na linntean sin anns an robh Lochlannaich gu leoir
a’ dol ’s a’ tighinn eadar loslaind is Innse Gall bha
Gall-Ghaidheil is Gaidheil a’ dol gu ruige loslaind.
Ach, calg-dhlreach an aghaidh mar a dh’ eirich dhuinne
an Innse Gall, ghleidh iadsan an canan Lochlannach
a bha ar n-athraichean a’ bruidheann gu siubhlach
anns na h-Eileanan fad iomadh ginealach.
Chan ’eil nl as tairbhiche againne de’n chainnt sin a
nis na na tha againn an ainmeannan-aiteachan, ged
a tha cuid dith againn an ainmeannan dhaoine is
bheathaichean. Is ann bhuapa a thainig Tormod
is Torcul is Raghnall. Chaill sinn a’ chainnt sin is thog
sinn a’ Ghaidhlig aon uair eile, oir tha e coltach gu
leoir leamsa gu robh daoine an Eilean Leodhais aig
aon dm aig nach robh cainnt ach a’ chainnt Loch¬
lannach. Chaill na h-Arcaich i agus chaill na Seal-