Skip to main content

‹‹‹ prev (24) Page 16Page 16

(26) next ››› Page 18Page 18

(25) Page 17 -
An t-Samhuin, 1947.
AN GAIDHEAL.
17
aon de dhileaban na ceilidh agus tha e ’nar n-alt ’s
’nar n-inne agus tha ar n-aigne ag comh-fhreagairt
do’n bheo-iarrtas sin, direach mar a dh’eireas an uiseag
an aird san speur a thaomadh a mach a ceol lurach
fhein.
Innsidh mi dhuibh ciod a rinn an Comunn aig da
Mhbd aim an oidhirp air luchd-tadhail a’ Mhoid a
tharraing gu eisdeachd ris an aithris is ris an leughadh.
Chaidh an clar-eagair a dheasachadh an doigh
anns nach biodh seinn idir ann an uair a bha an
leughadh is an aithris a’ dol air an aghaidh. Ciod a
thachair ? Bha direach nach robh duine a bharrachd
aig an aithris na bha ann roimhe, a’ leigeil ris mar tha
an ceol air a leithid de lamh-an-uachdair fhaighinn.
Thachair mi uair air fior charaid do’n Ghaidhlig agus
do’n aithris aig a’ Mhod agus e an deidh tighinn a mach
a talk a’ chiuil. “ Caite an robh sibhse ? ” thuirt mi
ris ; “shaoil learn gum biodh sibh aig an aithris.”
Einn e gaire beag agus coslas ciontach air. “ Bha
a dhith orm,” ars esan, “ an t-dran mor a chluinntinn.”
Sin agaibh buaidh a’ chiuil a rithis.
Ach ann a bhith ag cumail coir na Gaidhlig a suas
cha robh an Comunn ’na thamh. Tha Achd Parlamaid
air a chid an diugh, agus tha bith is beatha na
Gaidhlige gu mor an lamhan na muinntir a bhitheas
a’ faighinn coire dha.
Ach b’e Mod Dhim-deagh an 1913 mo cheud
Mhod-sa mar Runaire agus, mar bha na Modan a
chaidh roimhe, bha adhartachadh ri fhaicinn air gach
taobh, an aireamh is am feabhasachd seinn is aithris.
Thachair aon ni aig a’ Mhod so a bha ’na mheadhon air
na Modan a thainig ’na dheidh a bhith na
b’oileanaiche an da chuid do’n luchd-farpais agus
do’n luchd-eisdeachd. Gun chead neach no comhairle
choisich an t-Ollamh Granville Bantock suas air a’
chlar-uachdair agus dh’innis e a larach nam bonn do
gach neach a bha an lathair ciod a bha cearr air an
fhear so is air an te ud eile. Cha robh caomhnadh orra.
Mur do bhuilicheadh talantan seinn orra chaidh sin
innseadh dhaibh suil mu’n t-sroin. Cuid eile—agus
gu dearbh bha sin ann—aig an robh guth cinn a bha
freagarrach air son nan oran a rdghnaich iad, bha
iadsan air an coimeas ri oiteig chaoin air aodann nam
beann, ’s mar sin sios. Rinn na paipearan-naidheachd
greim air an so agus chaidh a chraobh-sgaoileadh
feadh an domhain nach b’aithne do’n fhear so, agus
ainm ’s a shloinneadh air an cur sios, oran Gaidhlig a
sheinn. Thubhairt aon fhear dhiubh so rium fhein gur
gann a leigeadh an naire leis tilleadh dhachaidh. Tha
an seorsa sgrudaidh so ’na bhuannachd mor do
chomh-fharpaisich an diugh, agus an nl a chuir
dorran air farpaisich an Dun-deagh tha e ’na oilcan
do fharpaisich an la an diugh.
An deidh Mod Dhim-deagh bha sinn ri bhith san
Oban ach bhris an cogadh a mach is bha sinn gun
Mhod fad choig bliadhna. Bho’n a fhuair sinn cothrom
toiseachadh rinneadh adhartachadh mor anns na
bliadhnachan a lean gus an do bhris an dara cogadh
a mach agus chaill sin seachd Modan eile. Rinn sinn
toiseachadh math an Obar-dheadhain an uiridh agus
bu Mhod e nach di-chuimhnichear fad iomadh
bliadhna.
Tha Mod na bliadhna so ’gar tabhairt air ais gu
Modan mora nam bliadhnachan a dh’fhalbh, agus ma
leanas an aireamh air dol am meud mar rinn e bho’n
uiridh chan ’eil talk an Albainn a bheir tigheadas
do’n Mhod ann am beagan bhliadhnachan eile.
A nis, an deidh na thubhairt mi, tha mi cinnteach gu
bheil a’ cheist, “ A bheil feum anns na Modan ? ”
ag eirigh an inntinn aoin no dha de mo luchd-eisdeachd.
Is e mo fhreagairt do a leithid sin de cheist, “ Feuch
thusa ri smuaineachadh ciod bu chor do chanain is
ceol nan Gaidheal mur bitheadh Modan ann ? ” Cha
bhitheadh ach gle thruagh, a’ chanain air a treigsinn
leo-san do an coir-bhreith i, glas-ghuib air na baird,
na cruitearan gun ghleus is talk a’ chiuil gum mhuirn
gun mhire.
Tha gun teagamh feum anns na Modan gu bhith a’
misneachadh is a’ brosnachadh ar muinntir fein gu
bhith a’ sgrlobhadh agus a’ bruidheann na canain, agus
ann a bhith ag craobh-sgaoileadh air feadh an
t-saoghail aithne air dlleab luachmhor ar n-athraichean
—dileab is e miann ar cridhe a chumail air mhaireann.
0
LITIR COMUNN NA H-OIGRIDH.
Is iomadh ni a thachair bho’n bha seanachas againn
r’a cheile an so mu dheireadh, eadhon ged nach ’eil
ann ach an aon mhios. Bha Mod mor is Mod a bha
greadhnach againn am Baile Pheairt; agus, aig
coinneamh bhliadhnail a’ Chomuinn aig deireadh a’
Mhoid, rinneadh atharraichean co-cheangailte ri
Comunn na h-Oigridh air am bi sibhse, tha mi
cinnteach, ag gabhail dluth bheachd.
Mar a tha fios agaibh, bha Comunn na h-Oigridh,
bho chuireadh air bhonn e, fo sgeith Chlann an
Fhraoich, mar a bha is a tha Clann an Fhraoich fein
fo sgeith a’ Chomuinn Ghaidheakich. Tha Comunn
na h-Oigridh a nis air cinntinn cho mor is cho treun
’s gur e beachd a’ Chomuinn gur coir dha seasamh air
a chasan fein, co-ionann ri Clann an Fhraoich is na
Comhairlean Seasmhach eile. Is e sin a rinneadh
aig a’ choinneamh bhliadhnail, is tha e a nis ’na
sheasamh gu daingeann air a bhonnaibh fein ! Agus
leis gu bheil e air a shuidheachadh mar sin, is duth
gum biodh “ Athair ” dha fein aige mar an ceudna,
is eadar-dheakichte bho Chlann an Fhraoich; is
rinneadh sin cuideachd.
Is e duine 6g, easgaidh, sgoinneil, is aig a bheil an
comas a bhith aig amannan araidh a’ toirt sgrlob
feadh na Gaidhealtachd is nam feachd, a tha freagarr¬
ach air a bhith ’na “ Athair ” dhuibh ; agus gus am
faighear am fear sin tha Iain Og MacGhille-na-
Brataich ag gabhail os laimh a bhith ’na “ Athair ”
air cheann an ama, no pro tem (mar a their iad anns an
Laideann).
Mar sin, chan ’eil mise ’nam “ Athair ” dhuibh nas
fhaide a nis, oir tha mi a’ leantainn air a bhith ’nam
“ Athair ” do Chlann an Fhraoich. Ciod am fios,
ged tha, nach faodainn “ Athair ” Clann an Fhraoich
is “ Seanair ” Comunn na h-Oigridh a radh rium fein ;
is ma ghabhas sibhse ris an ainmeachadh sin chan
’eil ni agamsa ’na aghaidh. Agus tha aon dual
faicsinneach (cho math ri iomadh dual bho’n chridhe