Skip to main content

‹‹‹ prev (149) Earrann 12, An t-Sultain, 1947Earrann 12, An t-Sultain, 1947

(151) next ››› Page 143Page 143

(150) Page 142 -
142
AN GAIDHEAL.
An t-Sultuin, 1947.
eachdraidh mar a tha Hubert is Toynbee a’ toirt am
beacbdan. Is e a b’fhearr ieam-sa faighneacbd: gu
de a dh’fhag cbo righinn agus cbo buan na Ceiltich ?
Is e lagb an t-saoghail agus lagh naduir gu bheil
gach ni a’ sior dhol bas, a’ sior chaitheamh as. Anns
an dearbb mbionaid a rugadb sinn thoisich sinn ri
basachadh. Tha sin fior mu chinnich mar mu dhaoine
fa leth. A reir an lagha sin is fada bho bha coir aig
na Ceiltich dol bas mar a rinn na Hittich is iomadh
cinneach eile roimhe.
Ach, a dh’aindeoin na bha ’nan aghaidh, mhair na
Ceiltich gus an la an diugh, agus cha ann gun aobhar
a mhair iad. Bha rud-eigin annta a thug sineadh
laithean dhaibh, agus, ged a tha iad cho aosda ri
sluagh sam bith san Borpa, tha comharraidhean ann
gu bheil iad ag ath-nuadhachadh an oige.
Is ann air machraichean mora teis-meadhon na
h-Edrpa a tha sinn a’ faicinn nan Ceilteach aig tus an
eachdraidh. Cha d’amais iad air a bhith aonaichte
agus cha b’ann air innleachd-riaghlaidh no air
smachdalachd a bha an aire, agus mar sin chaidh am
fuadach gus an iar gus an do chuir an cuan mor stad
orra.
Anns na linntean fada a chuir iad seachad air na
h-iomaill an iar ghleidh na Ceiltich tri subhailcean
air a bheil saoghal ar latha-ne ag cur feum —miann
air saorsa, suil thar faire, agus meas air nithean nas
fhearr na or is airgead.
Cha b’fhuilear dhuinn leabhran a sgriobhadh ann a
bhith leudachadh air a’ chuspair so, ach foghnaidh e
an drasda na tri subhailcean sin a mhineachadh.
* * * *
Miann air saorsa.—Cha do gheill na Ceiltich riamh
gu toileach ri smachd namhaid. An Albainn ’s an
Eirinn, anns a’ Chuimridh agus anns a’ Bhreatainn
Bhig, bha agus tha stri air son ceartais agus air son
saorsa. Chan ’eil an spiorad sin idir air a mhuchadh
eadhon ’nar Gaidhealtachd fhein, ged a dh’fhaodas
cus dhaoine ’nar measg a bhith ’nan suain. Bha agus
tha aite-comhnaidh nan Ceilteach comharraichte le
muir is monadh, agus tha an da chuid an cuan agus
na beanntan a’ brosnachadh spiorad na saorsa.
Suil thar faire.—Faodaidh an Sasannach a bhith
gu math fada sa’ cheann (mar a chanas iad sa’
Bheurla), ach tha e caran gearr-sheallach; chan
fhaic e am bitheantas nas fhaide roimhe na barr a
shroine. ’S fhearr leis daonnan eun san laimh na
dha-dheugh air iteig. Ach bha na Gaidheil agus na
Ceiltich eile daonnan ag amharc thar faire, a’ sealltainn
seachad air na nithean faicsinneach a bha mun cuairt.
Theagaisg an cuan siar sin dhaibh. Air feasgar’s iad
ag amharc gus an iar’s a’ ghrian a’ falbh bhuapa air
iomall a’ chuain, gu de bha thall ? Bha “ Tir nan
Og.” Is beannaichte an sluagh aig a bheil leirsinn
de’n t-seorsa sin.
“ Ag caitheadh airgid air ni nach aran agus saothair
air ni nach sasaich.” B’e sin diteadh an fhaidh air
sluagh a latha fhein. Ach saoilidh mi gu robh na
Gaidheil agus na Ceiltich eile riamh ag cur meas air
nithean eile seach or is airgead ; no, ’ga chur air
dhoigh eile, bha fhios aca gu bheil nithean ann nach
ceannaichear le or no airgead agus gur iad sin na
nithean a tha da-rireabh priseil agus buan-mhaireann-
ach. Bha agus tha saidhbhreas ann nach goid na
meirlich agus na truaill na leomainn, agus cha robh an
sluagh o’n tainig sinn idir aineolach a thaobh sin.
Tha an saoghal an diugh am mor fheum air na
th’aig na Ceiltich ri theagasg is ri thabhairt. Agus
mar is dluithe a chumas na duthchannan Ceilteach
r’a cheile’s ann as treasa an guth agus as druidhtiche
an eisimpleir do na sloigh.

CAMPA COMUNN NA H-OIGRIDH, 1947.
Chumadh campa na bliadhna so aig Inbhir-ailleart
bho’n lOmh la de’n luchar gus an 4mh la de’n
Lunasdal. Thainig sia caileag dheug ar fhichead as
na tri Siorrachdan—Earraghaidheal, Rois, is Inbhir-
nis—agus chuir iad seachad aon-latha-deug cho
sona is a dh’iarradh duine.
Chuir iad cuairt air a’ Ghearasdan far an do thadhail
iad an Tigh nan longhnaidhean agus an Tigh Mor
nan Dealbhah. Thug iad a mach Gleann Fhionghuin
air latha eile, agus streup iad gu mullach a’ Chiiirn.
Bheothaich iad teine taobh a’ chladaich agus cha
b’fhada gus an robh an coire mor air ghoil agus an
tea deiseil. B’e Di-haoine feasgar nan cleasan agus,
fo stiuradh Dhomhnaill nan Cleas, chaidh gach sian
gu rianail, reidh. Os cionn tri bliadhna deug a
dh’aois thug caileag a Eblagarraidh a mach an duais a
b’airde agus fo thri bliadhna deug caileag a Uibhist a
Deas.
Bha Ceannard a’ Champa air ceann ceilidh mhoir
a chumadh sa’ Chaisteal air oidhche Shathuirne agus,
fo stiuradh ar deagh bhana-charaid, Eilidh Nic-
Mhaolain, dh’eisd comhlan mor ris na seann brain
air an seinn le tur is tuigse agus ann an Gaidhlig
neo-mhearachdach. Is bochd nach robh a’ cheilidh
so air a craobh-sgaoileadh. Ged a rinn am B.B.C.
an dicheall, bha cnap-starraidh san rathad nach do
cheadaich craobh-sgaoileadh a dheanamh am bliadhna .
Sgaoil Campa nan Caileag air Di-luain agus bha cuid
dhiubh gu math tursach a’ fagail nan companach ura
a rinn iad, ach ag gealltainn gum biodh iad iar ais an
ath-bhliadhna, ach iad a bhith beb agus cothrom aca.
Bha Seonag Chaimbeul a Rbdhag ’na mnaoi-eiridinn
aig Campa nan Caileag agus, nuair a thainig an sgeul
a mach gu robh i air cbrdadh a dheanamh ri Calum
MacLebid, ball eile de Chomunn na h-Oigridh, chuir na
caileagan is an luchd-dreuchd sgillinnean ri cheile
agus thugadh tiodhlac laghach do Sheonag choir—
leth-bhreac de “Ghuthan o Na Beanntaibh ” agus
Breacan-siubhail. Thubhairt Ceannard a’ Champa
nach e a mhain gu robh Seonag Chaimbeul ’na mnaoi-
ciridinn an uiridh is am bliadhna, ach gu robh i ’na
cul-taic do Chomunn na h-Oigridh fad iomadh bliadhna
agus gu robh an campa air fad ag guidhe buaidh is
piseach orra le cheile. Fhreagair Seonag gu dbigheil
agus chuir i an ceill a taing do na h-uile air son an
coibhneis.
Thainig na gillean, a dha-dheug dhiubh, air Di-
ardaoin, an 24mh la de’n luchar. Bu bhochd an