Skip to main content

‹‹‹ prev (112) AdvertisementsAdvertisements

(114) next ››› Page 106Page 106

(113) Earrann 9, An t-Og-mhìos, 1947 -
EDITOR-.—Rev. T. M. MURCHISON, M.A., 14 Kinross Avenue, Glasgow, S.W.2. (Telephone : HALfway, 2844),
to whom all literary communications should be addressed. Business and other communications should be sent to the General
Secretary, An Comunn Gaidhealach, 131 West Regent Street, Glasgow, C.2. (Telephone : Douglas,1433). All matter for
inclusion in the Magazine should be in the Editor's hands by the 12th of the month preceding publication.
Leabhar XLII.J An t-Og-mhws, i<)47. [Earrann 9
DRAMAIDHEACHD GHAIDHLIG.
Air duilleig eile gheibhear iomradh air an dealbh-
chluich “Crois-Tara ” a bha air a chluich an Glaschu
o chionn ghoirid, agus bu mhath leam an so smuain
no dha a chur sios mu’n drama Ghaidhlig.
Ann an sgeulachd tha an seanchaidh ag innseadh
mu dheanadasan agus mu bhriathran na feadhna air a
bheil e ag aithris. Ann an dealbh-chluich tha na
dealbh-chluicheadairean a’ riochdachadh nam
pearsachan anns an sgeul air beulaibh luchd-
amhairc agus sin aim an coltas agus eideadh, ann an
gniomh agus ann an labhairt. An aite a bhith a’
leughadh an sgeoil no ’ga chluinntinn air aithris le
aon duine, tha thu ’ga fhaicinn fa chomhair do shula
mar gum b’e rud an da-rireabh a th’ann agus na
pearsachan anns an sgeul a’ labhairt gach aon a
bhriathran fhein.
Is e an comhradh-dithis an seorsa dhealbh-chluich
air an eblaiche a’ mhor-chuid againn. Saoilidh mi gur
e “ Caraid nan Gaidheal ” a’ cheud sgrlobhadair
Gaidhlig a sgriobh comhraidhean-dithis—am Maor
agus Ailean Croitear, Cuairtear nan Gleann agus
Eachann Tirisdeach, am Maighstir-sgoile agus Calum
Posta, Fionnlagh Piobaire is Mairi is Para M6r. Ged
is ann a chum an leughadh a chaidh na comhraidhean
sin a sgriobhadh an toiseach, is math a dh’fhaodadh
iad a bhith air an cluich le cluicheadairean a’
riochdachadh nam pearsachan a dh’ainmich mi. Ach
ann an dealbh-chluich tha barrachd phearsachan ag
gabhail pairt na ann an comhradh, agus ann an
dealbh-chluich tha barrachd aire air a thoirt do na tha
na pearsachan a’ deanamh cho math ri ciod a tha iad
ag radh. Ann an comhradh-dithis faodaidh an
comhradh toiseachadh agus criochnachadh gun
mhoran mothachaidh air a bhith ag innseadh sgeoil.
Ach ann an dealbh-chluich tha gach gniomh is gach
facal air an cur an altaibh a cheile agus iad ag
oibreachadh a mach a chum crich shonraichte ; tha
aon rud a’ treorachadh gu rud eile gus mu dheireadh,
mas e dealbh-chluich as fhiach an t-ainm a th’ann,
tha thu ag aideachadh gu robh crioch na cuise do-
sheachanta.
* * * *
Faodar dealbh-chluichean a roinn ’nan da sheorsa,
ris an abair na h-Eireannaich (tha mi an duil) “ gol-
drama” agus “ gean-drama ” agus ris an abrar anns a’
Bheurla “ tragedy ” is “ comedy ” agus ris am faod
sinne “ bron-chluich ” agus “ gean-chluich ” a radh.
Is e “ gean-chluich ” dealbh-chluich abhachdach,
agus mar as trice’s e sin an seorsa air an eolaiche sinn
anns a’ Ghaidhlig, agus saoilidh mi gur e sin as aobhar
gu bheil moran de na Gaidheil a theid a dh’amharc
dealbh-chluich an duil ri feasgar aighearach a chur
seachad, agus ma thachras gur e “ bron-chluich ”
a tha f’an comhair tha iad ro bhuailteach gaire a
dheanamh an uair nach ’eil aobhar-gaire ann do’n
neach a tha tuigsinn gu bheil e ag amharc mar ann an
dealbh air fiosrachadh duilich a tha riochdachadh
thachartasan muladach a bhios a’ tachairt an da-
rireabh.
Tha ealdhain na dramaidheachd ag iarraidh
eolais agus tuigse agus sgil neo-chumanta, an da
chuid air an dealbh-sgrlobhadair agus air na dealbh-
chluicheadairean.
Is ann am measg nan Greugach anns na linntean
fad as a thoisich an drama an toiseach, cho fad ’s
is aithne dhuinne. Roimh am an Ath-leasachaidh
chuireadh an drama air aghaidh fo sheoladh na
h-Eaglaise. Agus’s e an t-aon ni a bha san amharc
aig luchd-drama na Greige agus luchd-drama na
h-Eaglaise, agus b’e sin dealbh-chluichean a dheanamh
’nam meadhon air sluagh a theagasg. Anns na
trl cheud bliadhna mu dheireadh tha an drama air
fas gu ire ann am moran dhuthchannan agus, ged a
tha moran ag amharc air mar chur-seachad a mhain,
tha e fhathast ’na mheadhon-teagaisg cho buadhmhor
’s a th’ann, a’ brosnachadh smuain agus ag gluasad
mac-meanmna dhaoine.