Skip to main content

‹‹‹ prev (91) Page 83Page 83

(93) next ››› Page 85Page 85

(92) Page 84 -
84
AN GAIDHEAL.
An Giblein, 1847.
Thainig an dearbh ghuth leis na briathran ceudna
’ga ionnsaigh aig an aon am trl oidhche an deidh a
cheile, gidbeadb cha tug esan feairt. Mar a dh’
fhaodas sinn a thuigsinn, cha do leig an t-eagal leis
a’ bhodach riamh falbh air toir na h-ulaidh, gun fhios
nach e fhein an t-aon de’n triuir nach tilleadh
dhachaidh beo.
Tha clach mhor air mullach Crannag an Lon’earna,
air taobh sear Eilean A’ Cheo, ris an abradh iad bho
shean “ A’ Chlach Ulaidh.” M6r agus gu bheil a’
chlach so ann am meudachd, bha e air a radh gu robh
i uair-eigin gu math na bu mhotha. Thilg famhair a
bha thall ann an Gearrloch clach aibheiseach a nail
thar a’ Chuain Sglth, ag cuimseachadh air tigh
famhair a bha fuireach air Dim Hasgaill an teis
meadhon Rudha nam Braithrean. An aite bualadh
air an tigh, is ann a bhuail a’ chlach air creagan an
Duin is chaidh i ’na trl bloighdean a sgap an sud’s an
so. Thuit bloigh air mullach na Crannaig. Sheol an
da bhloigh eile seachad air a sin, fear dhuibh gu aite
ris an abair iad A’ Mhucallach, mu mhile gu leth an
iar, agus stad an t-aon eile thall dluth do Dhun
Reiseaborg, mu dhk mhile an iar thuath ! Chithear
an sud iad thun an latha an diugh.
Anns na seann laithean, nuair a bha an Lon’earna
uile ’na ghabhail fearainn aig an aon tuathanach—
Fear an Lon’earna, bhruadar e oidhche gun d’fhuair
e ulaidh fo chloich na Crannaig. An ath latha thoisich
e air cladhach fo’n chloich is ceithir thimchioll oirre.
An deidh a bhith deagh ghreis ag obair an sin, nuair
a bha sloe domhain air a dheanamh is gun ni ri fhaicinn
ach uir, sguir Fear an Lon’earna de bhurach is chaidh
e dhachaidh.
Dine ghearr ’na dheidh, co-dhiubh, de thachair ach
gun do choinnich da reithe sgoinneil leis fhein ri
taobh na cloiche moire, agus a shabaid gun deach iad.
Is e a’ chrioch a bh’aig an t-sabaid gun deach na
h-adhaircean cruinn an sas mu cheile gus an robh iad
glaiste’s nach robh e an comas nan creutairean faotainn
reidh. Anns an t-suidheachadh sin thuit an da
reithe eireachdail sios anns an t-sloc far an d’fhuair
iad bas.
B’e sud an ulaidh ! ’S ann tearc a thig bruadar gu
teachd mar a chithear e.
Tormod Domhnallach.
0
FACAL SAN DOL SEACHAD.
Ainmean-cinnidh.—Air duilleig eile de'n Mhiosachan
so tha an t-Ollamh Iain Camshron, Ceann-suidhe a’ Chomuinn,
a’ toirt deagh iomraidh am Beurla air an leabhar mor
eireachdail a tha an t-Ollamh Seoras MacGhille-dhuibh an
New York an deidh a chur an clo mu “Ainmean-cinnidh na
h-Albann.” Gu mi-fhortanach ’s e prls mhor a th’air an
leabhar, tri notaichean tha mi an duil, agus cha mhor an diugh
as urrainn an lamh a chur san sporan cho domhain sin. Ach
tha fhios gum faighear iasad de’n leabhar anns na leabhar-
lannan air feadh na dtithcha. Tha anns an leabhar thomadach
so na chumadh cagnadh ri duine fad a bheatha.
Mar a tha an t-Ollamh Camshron ag radh, tha ughdar an
leabhair ag cur sios gach fiosrachaidh air a bheil dearbhadh aige
ann an seann sgriobhainnean, agus tha e a’ seachnadh gach ni
air nach ’eil dearbhadh cinnteach aige. Cha chord so ri
feadhainn, oir is iomadh sgeul gun bhun a tha co-cheangailte
ri ainmean-cinnidh agus ainmean-aitean. Nach cuala mi
fhein fear a’ mineachadh an ainm-aite “ Breacais ” san t-Srath
san Eilean Sgitheanach mar “ aite a tha breac le uisge ”
(moran lochan beaga air feadh a’ mhonaidh).
Cluinnear feadhainn ag radh gu bheil an t-ainm-aite
“ Ardabhasair ” an Sleibhte san Eilean Sgitheanach ag
ciallachadh “ an aite anns an do bhathadh saor.” Bheil
fhios an e so an Saor Sleibhteach bho’n tainig Clann Mhic an
t-Saoir ? Ann an “ Rainn Gearradh-arm ” tha Donnchadh
Ban (agus b’ann de Chloinn Mhic an t-Saoir e fhein) ag radh
mar so, agus e labhairt mu’n t-Saor Shleibhteach no “ Saor na
h-Ordaig,” mar a theirte ris :■—
Bha sibh uair gu grinn a’ seoladh
Air tuinn saile,
Chaidh tarrang a aon de bhordaibh
Druim a’ bhata ;
Leis a’ chabhaig sparr e an ordag
Sios ’na h-aite,
Is bhuail e gu teann leis an ord i,
Is ceann di fhagail.”
Aimsir Ghailbheach .—Aig am a bhith sgriobhadh nam
facal so tha an sneachd agus an reothadh fhathast againn agus
gun dhil ri feabhas. Chan e mhain gun d’aobhraicheadh moran
ana-cothrom is call cheana air feadh na rioghachd ach bithidh
buil na h-aimsire so ’na eire oirnn fad iomadh latha. Tha
eadhon na speuradairean iad fhein ag call am misnich.
Dhearbhadh cearr iad cho trie’s gu bheil iad nise a’ diiiltadh
innse mar a b’abhaist de seorsa tide bhios ann am maireach.
Tha cuid a’ saoilsinn gu bheil an Sruth Mor a Bagh Mhexico
air falbh o chursa, agus mar sin chan ’eil e a’ blathachadh
cladaichean siar Bhreatainn mar a b’abhaist. Tha feadhainn
eile de’n bheachd gur e spreadhadh nam bomaichean atomach
a tha deanamh deifir. Ciod air bith an t-aobhar, chan ’eil
moran dhaoine beo an diugh dh’fhiosraich aimsir cho gabhaidh
riamh roimhe. Bhiodh e coltach gun do sheachain taobh an
iar-thuath na Gaidhealtachd agus na h-Eileanan lan-anradh
na h-aimsire so, ach’s docha gum bi an sneachd air an ruigh-
eachd mus laigh suil air an duilleig so.
“Caitein” is “Caigeann.”—Tha Alasdair Buidhe a’
faighneachd ciod as ciall do na facail so, “ caitein ” is
“ caigeann.” Is e “ caitein” seorsa de chloimhteach a bhios
air uachdar aodaich mar ehlo Hearach no clo molach sam bith.
Abrar ris anns a’ Bheurla “ nap." Cleachdar am facal cuideachd
mu aile gaoithe no mu’n ghreann a thogas gaoth air
uisge. Tha “ caigeann ” ag ciallachadh “ paidhir,” a dha de
sheorsa sam bith, mar “ chaigeann iasg ” (da iasg air an aon
ghad no air an ceangal ri chlile air an iorbaill). Is minic a
chunnaic mi mo sheanamhair ag caigneadh eisg; ’s e sin, an
deidh an glanadh’s an sgoltadh, ’gan ceangal ’nam paidhrich-
ean, iorball ri iorball, gus an crochadh chum an tiormachadh
agus an cruadhachadh. Bha so san Eilean Sgitheanach. Ann
am Muile chuala mi am facal air a chleachdadh mar so—
“ caigeann salainn,” ’s e sin, “ beagan salainn.”
Gliocas nan Gaidheal.—Am fear a ghleidheas a
theanga gleidhidh e a charaid.
Firinn air son a’ Mhios so.—“Is ball beag an
teanga, agus ni i mor-uaill. Feuch, cia mor an connadh a
lasar le teine cho beag ! ”—Seumas in, 5.
CALUM GOBHA.
Bha Calum gobha a’ tighinn dachaidh oidhche shonraichte
agus deoch air, agus e tomhas an rataad.
Thainig an sagart seachad air muin eich, agus ghabh
e fearg mhdr a bhith faicinn Chaluim mar sin.
“Seachainn mo rathad,” ars esan.
“Seachinn sibh fhein ino rathad-sa,’’ arsa Calum, “agus
e nas fhasa dhuibh-se na dhomh-sa !”
L. M.