Skip to main content

‹‹‹ prev (88) AdvertisementsAdvertisements

(90) next ››› Page 82Page 82

(89) Earrann 7, An Giblein, 1947 -
EDITOR:—Rev. T. M. MURCHISON, M.A., 14 Kinross Avenue, Glasgow, <S.IF.2. (Telephone : HALfway, 2844),
to whom all literary communications should be addressed. Business and other communications should be sent to the General
Secretary, An Comunn Gaidhealach, 131 West Regent Street, Glasgow, C.2. (Telephone: Douglas,All matter for
inclusion in (he Magazine should be in the Editor's hands by the 12th of the month preceding publication.
Leabhar XLII.J An Giblein, 1947 [Earrann 7
GAIDHLIG A’ BHIOBUILL.
Bha, agus tha, buaidh iongantach aig a’ Bhiobull,
chan ann a mbain air cor spioradail a’ chinne-daonna,
ach mar an ceudna air an cor saoghalta agus gu
sonraichte air litreachas agus canain iomadh duthcha.
Is mor a’ bhuaidb a bh’aig a’ Bhiobull Bheurla air
litreachas Shasainn, agus is mor an call do dh’Albainn
nach deachaidh am Biobull a chur anns a’ chainnt
Albannaich. Thatar ag radh gur e buaidh a’ Bhiobuill
anns a’ Bheurla Shasannaich a lagaich an t-seann
chainnt Albannach, agus, nan robh am Biobull aig
sluagh na h-Albann anns a’ Bheurla Albannaich,
gum biodh a’ chainnt Albannach air a h-aite fhein
a ghleidheadh san duthaich againn.
Thionndaidh Mairtinn Luther am Biobull gu cainnt
a dhuthcha fhein, agus b’e sin tobar-toiseachaidh
litreachas na Gearmailte. Tha moran sheorsachan
sluaigh air feadh an t-saoghail, agus cha robh dad
riamh sgriobhte aca, cha robh eadhon aibidil aca,
gus an deach an Leabhar Naomh a chur an clo anns
a’ chanain aca.
Ghaidhlig. Rinn sin, saoilidh mi, barrachd maith na
ni sam bith eile ann a bhith cumail bed na Gaidhlige.
* * * *
Bha an t-Ollamh Iain Friseal nach maireann, ard-
ollamh na Ceiltig an Oil-thigh Oxford, de’n bheachd
gur h-e a th’againn anns a’ Bhiobull Ghaidhlig cainnt
nach do labhair beul duine riamh. Le so bha e ag
ciallachadh nach e cainnt laitheil an t-sluagh chumanta
a gheibhear anns a’ Bhiobull Ghaidhlig. Agus is
fior sin; ach tha e fior cuideachd mu bharrachd is am
Biobull Gaidhlig.
Chan e cainnt chumanta an t-sluaigh a gheibhear
anns a’ Bhiobull Bheurla; ach co tha dol a dhearmad
a’ Bhiobuill Bheurla air an aobhar sin? Is e cainnt
uasal a gheibhear anns a’ Bhiobull agus ann an
leabhraichean mora eile, agus is eadar-dhealaichte
a’ chainnt sin bho chainnt bhriste an t-sluaigh agus
bho chainnt a’ phaipeir-naidheachd. Ach an neach
aig a bheil eolas air a’ Bhiobull agus air na leabhrai¬
chean mora bidh uaisleachd air a chainnt nach biodh
aige air dhoigh eile.
Bha, agus tha, buaidh aig a’ Bhiobull Ghaidhlig
cuideachd air canain agus litreachas nan Gaidheal.
Tha feadhainn ann a bheireadh a chreidsinn ort gur
ann gu tur a chum sgrios na Gaidhlige a bha an
Eaglais Ath-leasaichte an Albainn ag oibreachadh.
Chan ’eil anns a’ bheachd sin ach an dearg aineolas.
Ma ghearras tu a mach a litreachas sgriobhte na
Gaidhlige na thainig bho lamhan na feadhna a
bhuineadh do’n Chreideamh Ath-leasaichte, cha mhor
a bhitheas air fhagail agad.
Ged nach biodh ann ach gun tug an Eaglais Ath-
leasaichte am Biobull Gaidhlig do na Gaidheil, bu
mhor an t-sochair sin fhein. Ach tha barrachd na
sin ri radh. Is airidh air gach moladh an fheadhainn,
agus bu lionmhor iad, agus is lionmhor fhathast iad,
a tha a’ leughadh a’ Bhiobuill Ghaidhlig agus a tha
ag aoradh an uaigneas agus gu follaiseach anns a5
Tha Gaidhlig an la an diugh air fas gu math cearbach
agus moran de na seann ghnathasan-cainnte air dol
a cleachdadh. Bhiodh a’ Ghaidhlig a tha daoine a’
labhairt an diugh moran nas cearbaiche agus nas
briste na tha i mura b’e gu bheil Gaidhlig a’ Bhiobuill
ag cumail fa chomhair dhaoine cainnt nas uaisle agus
nas coimhlionta na tha iad ag cleachdadh gu laitheil.
Tha e fior gur h-ann air bonn Eireannach a rinneadh
am Biobull Gaidhlig an toiseach, oir bha mor-bhuaidh
aig Biobull Eireannach Bhedell agus O’Dhomhnaill
orra-san a chuir a mach am Biobull an Gaidhlig air
tus. Mar sin tha moran de ghnathasan-cainnte agus de
fhacail Eireannach anns a’ Bhiobull Ghaidhlig againn.
Ach is iomadh ceartachadh a rinneadh air a’ Bhiobull
Ghaidhlig o thainig e mach air tus, agus is iomadh
sgoilear math Gaidhlig aig an robh lamh anns an
obair, agus anns na clo-bhualaidhean mu dheireadh