Skip to main content

‹‹‹ prev (66) Page 58Page 58

(68) next ››› Page 60Page 60

(67) Page 59 -
An Gearran, 1947.
AN GAIDHEAL.
59
Ague, an uair a sgriobhas sibh a dh’innseadh dhomh
mu’n bhkrdachd ud eile, co agaibh a bheir dhomh
tuille de’n rannaghal so ?—Bhur Garaid Dileas,
Eachann MacDhughaill.
$
OISINN NA H-OIGRIDH.
Na Boineidean Gorma.
0 chionn fada an t-saoghail mhoir bha iasgair
coir, tapaidh ag comhnaidh air an Doirnidh an Cinn
t-saile MhicCoinnich.
Air feasgar briagha samhraidh chaidh e fhein
agus sgioba a’ bhata aige a dh’iasgach gu Caol-
reithe. An uair a bha iad a mach mu Ard an t-sabhail
bheothaich a’ ghaoth gu h-uamhasach agus dhoirt
an t-uisge ’na thuiltean. Dh’iomair iad dachaidh
cho luath’s a b’urrainn daibh, ach ged chaidh aca gu
fortanach air cala a ruigheachd bhuail an t-eathar
air sgorra creige le mor onfhadh na fairge, an uair a
bha iad a’ fiachainn ri faighinn air tir aig ceann
cheidhe na Doimidh, agus bhriseadh a druim ’na dha
leth.
Air larna-mhaireach thog an t-iasgair air gu
coillidh araidh a bha astar maith air falbh a shireadh
bun craoibhe de an deanadh e druim ur do’n bhata.
An uair a bha e astar araidh o’n tigh thuit ceo dumhail
mun cuairt air, agus a chionn is nach robh e riamh
roimhe air an t-slighe cheudna chaidh e air chall.
Cha robh air ach suidhe far an robh e. Bha an
ceo a’ dumhlachadh, an t-uisge a’ tromachadh, agus
sgailean na h-oidhche a’ tuiteam a lion beag is beag
mun cuairt da.
Sheall e is dhearc e air solus dearrsanta thall mu a
choinneamh. Rinn e direach air agus an deidh iomadh
sloe is earn a chur seachad rainig e mu dheireadh an
tigh anns an robh an solus.
Chaidh e a steach.
Bha triuir bhoirionnach an sin ’nan suidhe timchioll
air clach an teinntein. Dh’innis e dhaibh mar a
thachair dha, ach ged dh’innis agus ged chunnaic iad
fhein gu robh e bog, fliuch, acrach, cha do dh’fhoighnich
iad an robh fid is bial air. An uair a thainig am a
dhol a laighe thuirt iad ris gu feumadh e falbh ;
nach robh aite aca-san dha.
“Chan fhalbh mi nochd,” ars esan. “ Chaidh mi
air chall cheana, is ma theid mi a mach an drasda
chan ’eil fios ciod a thachras dhomh.”
An uair a chunnaic na boirionnaich nach robh
maith sam bith dhaibh a bhith ris, sheall iad seomar
cadail dha, agus chaidh an duine bochd do’n leabaidh,
fuar, aognaidh, acrach is mar a bha e. Ach cha b’ann
gu fois fhaighinn.
An uair a shaoil iad gu robh e air tuiteam ’na
chadal, chaidh te dhiubh suas far an robh e agus chuir
i a cluas ris fiach an cluinneadh i srann aige.
Leig esan air gu robh e an rloghachd na suaine o
chionn fhada, agus shaoil leatha gu robh gach gnothach
ceart. Chaidh i null gu ciste mhoir a bha an oisinn an
t-seomair, thug i mach aisde boineid bheag ghorm, is
chuir i mu a ceann i.
“ Lunnainn ! Lunnainn ! Lunnainn ! ” ars ise,
agus air ball chaidh i mar an dealanach a mach
troimh na sgrathan a bha air mullach an tighe.
Air ball rinn an dara te an ni ceudna, agus air
dhi-se “ Lunnainn ! Lunnainn ! Lunnainn ! ” a
radh bha i fein a mach cuideachd.
Rinn an treas te an aon ni, agus mun do tharr
an duine bochd e fhein a bheannachadh bha ise mach
cuideachd.
Bha an tigh aige nis dha fhein, agus smaoinich e
gun eireadh e agus gu faiceadh e ciod an seorsa
fardaich anns an robh e. Chuir e air a bhriogais an
cabhaig agus chaidh e null a dh’ionnsaigh na ciste
iongantaich a bha an oisinn an t-seomair. Dh’fhosgail
e i agus chunnaic e gu robh i lom-lan de na boineidean
gorma sin a bha cho deiseil ann a bhith giulan air
falbh mnathan an tighe anns an robh e. Dh’fhiach e
te dhiubh ’na laimh agus chuir e mu a cheann i.
“ Lunnainn ! Lunnainn ! Lunnainn ! ” ars esan,
agus air ball sud a mach esan troimh na sgrathan
cuideachd, agus an tiota fhuair e e fhein am buth
dibhe an Lunnainn, agus air a bhialaibh bha an
triuir bhoirionnach aig an robh e air aoigheachd
mionaid no dha roimhe sin agus iad air tuiteam
seachad leis an daoraich.
Bha gach seorsa dibhe is gu leoir dhith mun
cuairt da, agus o’n bha e fuar, fliuch, acrach, thoisich e
air 61 gus mu dheireadh an robh e fhein ’na shlneadh
air an urlar marbh leis an daoraich.
Fad iomadh bliadhna roimhe sin bha fear an tigh-
osda ag ionndrainn moran dibhe a bha air a ghoid air,
ach cha d’fhuair e mach riamh co a bha deanamh na
meairle. Cha robh doigh air na boirionnaich so a
ghlacadh ; bha na boineidean gorma ro dheiseil air
son an giulan gu h-obann o gach luchd-torachd fo’n
ghrein. Ach aig a’ cheart mhionaid ud dh’fhosgail
fear an tigh-osda an seomar-dibhe agus fhuair e an
duine bochd ’na ghlag marbh air an urlar gun smid
aige leis an daoraich. Cha robh sgial air na boirionn¬
aich : is fhada o’n a thug na boineidean gorma gu
h-uallach gu Cinn t-saile iad.
Thuirt fear an tigh-osda ris : “Tha thu air do dhearg
ghlacadh a nis, a mheairlich. Is iomadh stop mor a
dh’61 thu ormsa o’n thoisich thu ri tathaich an so an
toiseach, ach cha bhi mise riaraichte nis gus an teid
lubach de’n bhall mu do sgornan.”
Chuireadh an duine bochd an laimh is thugadh
gu cuirt e. Fhuaradh ciontach e agus thugadh binn
bais a mach air, agus mar sin air latha araidh a dh’-
ainmich am breitheamh bha binn a chrochaidh gu
bhith air a cur an cleachdadh.
Thainig an latha. Bha an crochadair is a’ chroich
agus gach ni ullamh, agus bha iasgair Chinn t-saile a’
feitheamh na mionaide.
Thuirt an crochadair ris gu faodadh e ni sam bith
a thoilicheadh e a radh no a dheanamh fad choig
mionaidean mun crochte e.
Chuir e a lamh ’na phocaid agus thug e mach aisde
luidean bog, fliuch, lan de aileadh an uisge-bheatha.
Sheall e air, agus ciod a bha sin ach a’ bhoineid ghorm
a thug a Cinn t-saile e.