Skip to main content

‹‹‹ prev (64) AdvertisementsAdvertisements

(66) next ››› Page 58Page 58

(65) Earrann 5, An Gearran, 1947 -
EDITOR:—Rev. T. M. MURCHISON, M.A., 14 Kinross Avenue, Glasgow, S.TF.2. (Telephone : HALfway, 2844),
to whom all literary communications should be addressed Business and other communications should be sent to the General
Secretary, An Comunn Gaidhealach, 131 West Regent Street, Glasgow, C.2. (Telephone: Douglas, H33). All matter for
inclusion in (he Magazine should be in the Editor's hands by the \2th of the month preceding publication.
Leabhar XLII.J An Gearran, 1947 fEarrann 5
MA THOGAIR!
Tha an saoghal lan chunnartan is eigin, ach tha
moran de na cunnartan is trioblaidean sin ag eirigh
a chionn ’s gu bheil uibhir dhaoine cho coma co-
dhiubh.
Chan e nach ’eil suidheacbaidhean ann anns a
bheil e glic dhuinn a bhith car coma. Is truagh an
duine a ghabhas air a dhruim’s air a chridhe fhein
uallach an t-saoghail uile, agus ’nar beatha laitheil
is iomadh cruaidh-chas a dh’fhaodas ar leireadh ma
bheir sinn cus aire dhaibh.
Ann an bran abhachdach sa’ Bheurla a tha dol
fo’n ainm, “Ma Thogair,” tha cunntas againn air
beatha balaich o’n taobh tuath, agus b’e so an duan
a bh’aige an comhnaidh—“Ma thogair!” An uair
a bha e ’na leanabh, thuit e far glun a mhathar agus
ghoirtich e e fhein gu h-olc, ach cha dubhairt e dad
ach “ Ma thogair.” Phbs e luid de bhoirionnach a
bhiodh daonnan a’ trod ris, ach am measg gach
upraid san dachaidh, cha dubhairt Niall coir ach
“ Ma thogair.” Oidhche bha sud chuir an dotair
cagair ’na chluais, “ Tha i marbh,” ach fhreagair
Niall, “ Ma thogair,” is las e a phlob.
Nan robh Niall air na tubaistean a thainig ’na
luib a ghabhail gu cridhe, ’s e fhein a bhiodh marbh
an aite na mnatha crosda. A dh’aindeoin sin,
saoilidh mi gun dubhairt e “ Ma thogair ” tuilleadh
is trie.
Ach, air an laimh eile, tha moran nithean ann agus
ma chanas sxnn “ Ma thogair ” d’an taobh, tha sinn
ag aobharachadh dragh is cunnairt dhuxnn fein is do
fheadhainn eile.
B’ann le strith is spairn a choisinn ar n-athraichean
dhuinn na cothroman a tha againn an diugh, ach nach
coma a’ mhor-chuid ’nar measg m’an deidhinn?
Ann an taghadh luchd-riaghlaidh, an da chuid air son
na Parlamaid agus air son chomhairlean nam bailtean
’s nan siorramachdan, tha gu bitheanta dara leth an
t-sluaigh a’ diultadh an dleasanais. “ Ma thogair,”
ars iadsan. B’ann air spiorad coma a’ mhor-shluaigh
a shreap Hitler agus Mussolini gu inbhe is ughdarras
’nan duthchanan fein. Nach mor na dh’fhuiling
boirionnaich san duthaich so fhein beagan is deich
bliadhna fichead air ais ’nan oidhirpean gus cead
guth-taghaidh fhaotainn do na mnathan? Ach tha
dara leth nam boirionnach a cheart cho dearmadach
mu’n chuis an diugh’s a tha na fir.
B’ann troimh fhulangas eadhon gu bas a choisinn
ar n-athraichean an Albainn an t-saorsa a th’againn
a thaobh aoradh Dhe is leughadh na Flrinne, ach
nach dearmadach a’ mhor-roinn de’n t-sluagh an
diugh mu na sochairean prlseil sin. “ Ma thogair,”
ars iadsan.
Nach mor an t-saothair a rinneadh gus sochairean
sgoile is foghluim fhaotainn do’n t-sluagh chumanta.
Is e gle bheag ’nar measg a thainig gu Ire nach urrainn
leughadh. Ach gu de tha sinn a’ leughadh, no bheil
sinn a’ leughadh idir dad a chorr air luideig de phaipear
naidheachd? A thaobh litreachas uasal an t-saoghail
mhoir tha moran ’nar measg ag radh “ Ma thogair.”
Tha againne, mar Ghaidheil, sochairean is dileab
a tha da-rireabh prlseil, ach nach llonmhor iad ’nar
measg a tha ceart coma mu na nithean sin. Chan ’eil
litreachas nan Gaidheal r’a choimeas ri litreachas nan
Gall a thaobh meudachd, ach na th’ann dheth tha e
luachmhor. Bha an doigh fhein aig na Gaidheil air
a bhith beachdachadh air an t-saoghal. Chunnaic iad
an da chuid uaisle na beatha so agus mealltaireachd
an t-saoghail. Chunnaic iad maise ann an nithean
cumanta agus foghainteachd ann an nithean beaga.
Dh’fhag iad againne ann am bardachd’s ann an rosg,
ann an seanfhacail agus am beul-aithris smior an
gliocais. Agus is bochd a bhitheas sinn ma bheir sinn
cluas bhodhar do’n ghliocas sin.
Is trie a chluinnear iomradh air cor na Gaidhealt-
achd, air mar a tha an sluagh againn fhein a’ slor-