Skip to main content

‹‹‹ prev (22) Page 14Page 14

(24) next ››› Page 16Page 16

(23) Page 15 -
An t-Samhuin, 1946
AN G AID HEAL.
16
Comunn a’ Chraobh-sgaoilidh.
Tha An Comunn fo chomain mhoir do Chomtum
a’ Chraobh-sgaoilidh, no am air son cbo
cuimir, deas-bhriathrach, fogblumaichte agus a tba
na cuspairean Gaidhlig a tha iad ag cur air an adhar
cha mhor gach seachdain. Tha iad ag cur soluis air
nithean an eachdraidh is am bardachd nan Gaidheal
a bheir raon-smaoineachaidh dhuinn air nach
ruigeamaid air doigh eile. Tha na seirbhisean
Gaidhlig cuideachd ’nan urachadh spioraid dhaibh-
san aig nach ’eil comas air a bhith deanamh aoraidh
’nan canain fhein mar a chleachd iad 6g.
Bidh sinn gu trie ag gearan air cho beag de
Ghaidhlig agus a tha sinn a’ faighinn o’m B.B.C.,
ach nach ann againn fhein a tha a’ choire? Nam
bitheamaid cho beothail ann a bhith labhairt agus ag
ionnsachadh na canaine do ar cloinn agus a tha na
Cuimrich agus muinntir Eireann, gheibheamaid a
cheart uibhir de ar canain air an adhar agus a tha
iadsan a’ faighinn. Na creid nach ’eil am B.B.C. a’
tuigsinn gu ro-mhaith gur ann gle chaoin-shuarach a
tha moran againn mu ar canain dhuthchasaich.
Comunn na h-Oigridh.
Binn Comunn na h-Oigridh adhartas nach bu
bheag, eadhon ri linn a’ chogaidh, ged bha e cho
duilich an cumail ri a cheile do bhrighnam mi-ghoireas-
an a lean teanntachd cogaidh anns a’ Ghaidhealtachd
agus na h-eileana. Is e Oigridh Ghaidhealach bunait
araidh ar dochais a thaobh beothachadh ar canaine,
agus a nis, an uair a tha leas na h-6igridh an urraidh
ri Comunn an Fhoghluim anns gach siorramachd,
feumaidh sinn spaim a dheanamh air son gum bi
ar canain agus ar cleachdaidhean a’ faighinn aite
urramaich an iomairt gach saothrach a tha ’ga
dheanamh air son leas na h-6igridh.
Bha mi fhdin cho toilichte gu robh mi comasach
air tadhal car tacan air a’ Champa a bha am bliadhna
anns an Annait an Lochabar, agus chuir e gairdeachas
orm a bhith faicinn uibhir de chaileagan lurach,
laghach, leadanach, cruinn a eileana Innse-Gall,
agus aoibh nam ban-Ghaidheal air gach aon diubh.
Ge b’e ciamar a theid cuibheall an fhortain mu’n
cuairt daibh re am beatha, cha tig an latha a ni iad
dl-chuimhne air Campa Comunn na h-Oigridh.
Earailean.
Ann a bhith comh-dhunadh nam briathran so,
bu chaomh learn na beachdan so fhagail agaibh :
1. Cha bhi soirbheachadh am feasda aig a’
Ghaidhlig gus am bi rian air a dheanamh air
son na Gaidheil a chumail ’nan tlr fein, le
gach cosnadh agus goireas a tha iad an drasda ri
sireadh fo speuraibh coimheach.
2. Basaichidh a’ Ghaidhlig nas luaithe na tha sinn
am beachd, mur teagaisg na Gaidheil i do an cloinn.
Ged bhiodh Mod mor ann gach latha deug anns a’
bhliadhna, agus ged bhiodh bloigh teagaisg air a
dheanamh oirre anns gach sgoil, cha toir sin a h-aite
fein dhi, mur bi i air a teagasg aig glun na mathar.
3. Cha tig an t-adhartas a bu choir air ar canain
am feasda gus an tuig sinne mar Ghaidheil gu bheil
duthaich agus teanga againn fhein, agus gur i an teanga
sin seann chanain na h-Albann, anns a bheil gach
subhaile ghrasmhor a bha aig ar daoine air a suaineadh
suas le bannan nan linntean. Tlr gun teanga, tir gun
anam—agus an uair a threigeas an Gaidheal a chanain,
treigidh e gach ceangal diamhair a tha comharrachadh
a mach a shinnsre o chian nan cian.
4. Cluinnidh sirm air gach taobh daoine baotha,
aineolach, claon bhreithneach ag radh nach fhiach
a’ Ghaidhlig a bhith ’ga cumail suas, a chionn nach
’eil feum innte air son marsantachd. Tha am beachd
sin cho sgodach agus cho leibideach ri inntinn nan
sgaomairean a bhios ri aithris sin mar na pioghaidean
—gach aon a beul a cheile. Bha agus tha na Gaidheil
ri deanamh marsantachd an Gaidhlig, ach taing do
Dhia gum buin ar canain do chuspair moran nas
airde agus nas spioradaile na marsantachd agus
carnadh suas airgid—is e sin anam agus spiorad a’
Ghaidheil, agus is i a’ Ghaidhlig an aon chladhan
troimh a bheil e comasach air tograidhean agus
miannan anma a chur an ceill.
Mar sin, is i a’ Ghaidhlig flor choir-bhreith a’
Ghaidheil, agus cha cheannaich na tha de dh’ or no
de mharsantachd air uachdar na cruinne sin.
Is e mo ghuidhe is mo dhitrachd gum bi gach
sonas agus muim agaibh uile timchioll air a’ Mhod
so, gum bi gach soirbheachadh aig gach co-
fharpuiseach a tha feuchainn ri airde a chur air
litreachas is cedi na Gaidhlige, agus gum bi moran
a’ dol dachaidh o’n Mhod so le run suidhichte gum
bruidhinn iad fhein a’ Ghaidhlig gach uair as urrainn
daibh agus gun ionnsaich iad i do an sliochd.
<>
LITIR GOMUNN NA H-OIGRIDH.
Thubhairt mi an litir a’ mhlos a dh’ fhalbh gu
robh mi am beachd anns an te so suil a thoirt air na
paipearan ceasnachaidh agus buntainn ri beagan de
na shaoilinn a bhiodh gu bhur feum ann am breith-
neachadh a’ bhriathrachais a bha annta le ceartas.
Gabhaidh sinn, ma ta, an toiseach paipearan nan
lan-Ghaidheal. “ Bha Seumas is Calum anns a’
mhonadh an de ” bha aig a’ phaipear, agus is ana-
barrach an t-eadar-dhealachadh a bha aig a’ chloinn
ann a bhith ag cur Beurla air “ monadh.” Rinn cuid
“ mountain,” cuid “ moor,” “ hill,” “ heath,” “field,”
“ glen,” “ meadow,” “ valley,” is rudan eile dheth.
Bha aon a rinn “ peats ” dheth, ach dhubh i as e
agus chuir i rud-eigin eile ’na aite. Bha cuid a rinn
“ to-day ” de “ an de.” An uair a thug iad “ leo
an cu,” agus ged is docha gur e “the dog ” a bha am
fear a sgrlobh an rud ag ciallachadh, ghabhadh e
bhith gur e “ their dog ” (mar a sgriobh cuid) a bha
’na bheachd.
Bha an latha “ ciuin,” is rinn cuid “ clear ” is
“ bright ” dheth. Tha mi an duil gur e ‘‘mild ” a
chuirinn-sa sios. Agus an uair a bha a’ ghrian “a’
dealradh,” chan ann “ blazing ” no ‘‘gloomy” a bha
i. Thuit an ceo, agus b’ iomadh facal a ghabhadh
air son “ ceo,” “ fog ” is “mist,” is bha iad le cheile
ceart, ged is e “ mist ” a b’fhearr learn, a bu bhith-
eanta a bha aca. Rinn aon “ moist ” dheth (is tha mi