Skip to main content

‹‹‹ prev (11) Page 3Page 3

(13) next ››› Page 5Page 5

(12) Page 4 -
AN GAIDHEAL.
An Damhar, 1946.
Anna NicDhomhnaill „ „ „ „
Calum Caimbeul „ „ „
Murchadh MacLeoid „ „ „ „
Peigi Niclosaig, Dalbrog, Uidhist-a-Deas
Catriona A. Nic-an-t-Sagairt, Bagh-a-Chaisteil ..
Anna S. Chaimbeul „ „ „
Cairistiona NicMhuirich, Bogha-mor, He
Mairi Chaimbeul, „ „ „
IjAN-GHAIDHEAL.
Sine NicLachlainn, Uachdar-ard-thir
Mairi NicGhille-Mhoire, Sgoil Eideird Sgot, na Hearadh
Domhnall Uilleam MaeLeoid, „ „ „ „
Murchadh MacGhille-Mhoire, „ „ „ „
Ruarag NicDhomhnaill, „ „ ,, „
Morag NicLachlainn, Uachdar-ard-thir ..
C. M. Caimbeul, Sgoil Eideird Sgot, na Hearadh
Anna NicFhionghuin, „ „ „ „
Bhur Caraid Dileas,
Eachann MacDhughaill.
OISINN NA H-OIGRIDH.
CAMPA COMUNN NA H-OIGRIDH, 1946.
Chumadh a’ cheud Champa bho 1939 aig an Annait
an Lochabar, bbo’n 18mh latha de’n luchar gus an
9mh latha de’n Lunasdal. Cha robh an aireamh cho
mor is a bha dull, ach bha sin ann an tomhas mor an
crochadh ris an droch shide. Bha i a’ seideadh gu
garbh anns na h-Eileana Siar aig an am a bu choir
do na caileagan an dachaidhean fhagail, agus chan ’eil
e ’na ionghnadh gu robh na parantan gealtach clann
cho dg a leigeil air falbh air turns cho fada.
Bha doruinn uisge neo-chumanta ann re Campa nan
Caileag ach da latha a mhain, ach a dh’aindeoin sin
bha gach aon air an doigh agus leig iad ris, uisge ann
no as, gun deanadh iadsan campa sona dheth, agus
rinn iad sin. Chaidh iad gu Gleann Fhionghuin agus
streap iad gu mullach Tur Thearlaich, agus an deidh
sin chum iad cuirm-chnuic anns a’ ghleann ainmeil
sin. Chuir iad cuairt air Gearasdan dubh Inbhir
Lochaidh, agus thadhail iad aig Tigh nan longhnaidh-
ean far am fac iad seann rudan air an robh na daoine
bho’n tainig iad mion-eolach.
Agus nach iadsan a fhuair an cothrom nuair a thug
am B.B.C. cuireadh dhaibh gu bhith a’ craobh-
sgaoileadh air an Radio. A reir gach iomraidh chord
a’ cheilidh so ri sean is 6g, agus tha taing na cloinne
aig a’ B.B.C. agus aig Fionnlagh Domhnallach a bha
a’ riochdachadh Comunn a’ Chraobh-sgaoilidh. Agus
cha dhi-chuimhnich sinn Eilidh choir, a dheasaich
gach sian ann an tri laithean. Tha Eilidh i fhein cho
doigheil is cho cairdeil is gun do ghabh na caileagan
rithe gu h-aon-sgeulach agus bha a bhuil sin air a’
cheilidh.
Bha na caileagan deas-bhriathrach, agus is iomadh
freagairt eibhinn a chualas re tid a’ champa. Ach
is i so te a b’fhearr a chord rium fhein. Bha aon
chaileag nach robh ag itheadh cho math is a bu
choir dhi, agus thubhairt Ceiteag rithe, “ Mur gabh
thu do bhiadh cuiridh sinn a mach thu.” “ Cuiridh,”
arsa Morag, “ agus gheibh sinn subsidy air a son.”
Aig am an dealachaidh bha an cianalas r’u
fhaireachdain agus thubhairt gach aon gun tilleadh
9! iad an ath-bhliadhna. Chuir caileag as an Eilean
gy Sgitheanach mar so e : “ Bidh mise aig an ath champa
90 co-dhiu, ach mi bhith bed, ged a b’ann an Hong Kong
90 a chumadh e ! ”
g® Bha aon chaileag tinn as deidh an tinneis-mhara,
90 ach nuair a thainig an Dotair Maclomhair a choimhead
oirre agus a bhruidhinn e rithe anns a’ Ghaidhlig
agus esan san eideadh Ghaidhealach, bhioraich a siiil
98 agus an deidh driithag a botul a dh’ fhag e, bha i air
g3* a casan a rithisd is a’ streapadh nan cnoc le each.
92 Lean an droch shide Campa nam Balach, agus cha
91 robh ach aon latha slan tioram. Ach is beag a chuir
fl1 sin orra-san, na gaisgich. Le Iain MacAoidh a Dun-
eideann air an ceann is iomadh sgriob-monaidh a thug
iad, bog fliuch ach toilichte. Agus ma bha latha mor
aig na caileagan air an Radio, bha aon latha mor aig
na gillean cuideachd. Moch madainn Di-satharna,
le Ddmhnall nan Cleas mar fhear-stiuraidh, thog iad
orra, agus cha do stad iad gus an tug iad a mach
mullach Beinn Nimheis, agus sin an taobh a stigh de
thri uairean. Ged a bha ceo dumhail ann, chum
Domhnall is a threud air an t-slighe cheart, gach
rathad, agus bhuail iad rathad-mor an righ a rithist
an taobh a stigh de choig uairean bho am toiseachaidh.
Ged a chaill fear sail a bhroige agus ged a thill fear
eile air leth-bhroig, bu bheag sin aca agus mullach na
beinne as airde am Breatann ’nan deidh. Thug na
gillean a mach mullach Tur Thearlaich cuideachd,
agus nach iomadh sgeul a bhios aca air an turus do
Lochabar nan craobh is nam meanbh-chuileag.
Chuir Fear-gairme Chlann an Fhraoich, Mgr.
Eachann MacDhughaill, seachad oidhche cuide ruinn
agus labhair e gu cairdeil ris na caileagan. As leth
nan caileag thug Ceiteag a Dim-bheagan taing chrid-
heil dha air son a lathaireachd agus an uidh a tha
aige an Comunn na h-Oigridh.
Tha an luchd-cuideachaidh uile ri am moladh.
Rinn iad gach dleasnas a chuireadh rompa gu toilichte
agus chan fhacas gruaim fad an t-siubhail.
So agaibh beachd gille oig a thadhail oirnn anns a’
Champ:—
“Chunnaic mi caileag is na deoir ’na suilean an
am falbh. Chuala mi balach beag ag radh ri fear
eile, ’Ma ghabhas e deanamh, bithidh mise an so an
ath-bhliadhna.’ Cha teisteanas idir sodal a theirear
an luib taing, ach is teisteanas da-riribh do Champa
na h-Annait na nithean ud a chuala is a chunnaic
mise san dol seachad. Is ann a’ dol seachad a bha mi.
Cha robh annam ach fear-turuis, agus bha a chall sin
agam fhein. Bha coibhneas agus cairdeas ann an
Campa Comunn na h-Oigridh nach fhaca mise an
leithid ach ann an aon aite eile—aig an tigh. Agus
is ann bho’n tigh a thug an Oigridh ud leotha iad.
“ Is' iomadh uair a nl mi fiamh-gaire ag cuimh-
neachadh air na sgeulachdan a chuala mi; bithidh na
ceilidhean beaga urar dhomh re iomadh latha, ach an
uair a theid sin uile air chall, bithidh cuimhne agam
air tri seudan air an do bhuail suil gach fir-tadhail—
Gaidhlig, umhlachd, agus modh. Thug mi dha no
tri laithean anns a’ champa ; chunnaic mi na caileagan
a’ falbh agus na gillean air ur-thighinn, agus is e a