Skip to main content

‹‹‹ prev (117) Page 109Page 109

(119) next ››› Page 111Page 111

(118) Page 110 -
110
AN GAIDHEAL.
chunnaic mise iad nach robh an t-aithreachas air aon
diubh gun tainig.
Air mo rathad suas, thuig mi air smuidrich nan allt
leis na monaidhean air gach taobh, cho math ri
sadadh nam fras, nam meall, is nam boinneachan
mora air uinneagan carbad a’ ghad-roid air an robh
mi, gu robh dortaidhean troma uisge an sud ; agus
mar a b’fhaide a bha sinn a’ dol mu thuath b’ann a
bu mhiosa comharraidhean na h-aimsir. An uair a
rainig sinn a’ Chorpach bha nadur de bhriseadh
turaidh ann ; ach cha robh ann ach fois bheag a
ghabh famhair mor nan sian gus an tuille deuchainn a
chur oimn. Ach dh’inms na Domhnaill dhomh gu
robh iad a nis air neo-ar-thaing na side, oir gun tug
iad a nuas a’ chlann as na pailliunan uile gu leir, is gu
robh iad gu tioram, seasgar, le leapannan-lair air an
suidheachadh dhaibh an aon de sheomraichean na
Cabhlaich a bha fo an cuimrig, is an taic an t-seomair
greidhidh is ithinnich.
An uair a ghabh sinn greim, is deagh ghreim—is co
a bha air an aon charbad rium a’ dol suas do’n champ
ach Fionnlagh MacDhomhnaill an B.B.C.—seadh, an
uair a fhuair sinn greim, chuir mi fein failte air a’
chloinn, is fhreagair Ceit NicDhomhnaill a Gleann-
dail—“ An Gleann san robh mi 6g ”—mi as leth na
cloinne uile. Theann iad an sin, fo stiuradh Bilidh
NicGhille-mhaoil is Seonag Chaimbeul, a’ mhaighdean-
eiridinn, agus fo shuil gheur Fhionnlaigh, le ni
sbnraichte aige-san anns an amharc, air seinn,
seanachas, is dannsadh. Thug iad dhuinne toil-
inntirm ; agus tha mi an duil gu robh gach ni a bha
iad a’ deanamh ’na thoil-inntinn dhaibh fein mar an
ceudna. Agus tha mi an duil sibhse (agus tha mi an
so a’ labhairt ri inbhich cho math ris a’ chloinn) a
chuala iad air oidhche Dhiardaoin ’na dheidh an uair
a bha iad air an radio, gun aontaich sibh learn gun
d’rinn iad fior mhath.
Tha mi a nis a’ dol a dh’ innseadh dhuibh gearr-
sgeul nach tug iad dhuibh an oidhche ud. Sibhse
do’n aithne Domhnall nan Cleas, tha fios agaibh gu
bheil e car mar a tha mi fein, a’ teannadh ri tugha a
chinn a chall! Mata, bha e an sud latha ag gabhail
cronan beag dha fein is gun toirt-fa-near aige gu
robh aon de na caileagan san eisdeachd. So agaibh
an cronan a bha aige :
“ Shuidh mi aig tobar an fhuar-uisg ;
Chir mi mo cheann’s dh’fhag mi ghruag ann ;
Dh’fhag mi fait mo chinn ’na dhual ann.”
Agus is ann a ghabh e clisgeadh an uair a fhreagair
ise a bha anns an eisdeachd, cho deas ris an fhudar,
“Feumaidh gun d’fhag thu e an ait-eigin, a Dhomh-
naill! ”
Shil is shil i an oidhche sin ; agus bu bheag cadail a
fhuair aon againnle uisge, teine-adhair, is tairneanach,
gus an robh e uairean sa’ mhadainn. Ach bha sinn
uile toilichte gu robh a’ chlann laimh ruinn gu tioram,
seasgar, ged a bha i cho gailbheach a muigh. A bheil
fios agaibh, a nis, ciod air an do chuimhnich mi’s mi
a’ feitheamh an dealanaich agus ag eisdeachd ris an
tairneanach is ris an uisge ? Chuimhnich air an
oidhche ud eile, dk cheud bliadhna air ais, an uair a
An t-Sultuin, 1946.
thog Domhnall MacLeoid air a mach ri cuan leis an
ochd-ramhach, oidhche fhiadhaich, e fein aig an
stiuir is am Prionnsa Tearlach, a phrionnsa dligheach
fein, ’na shuidhe eadar a dha ghluin, a’ sireadh
tearuinteachd, is an duathalas air an toir !
An larna-mhaireach bha a’ mhadainn a b’aille
ann, le grian ghlan a’ taomadh a blathais oirnn, is
gaoth fhionnar, shunndach bho’n iar-thuath nach
robh fada a’ tiormachadh nam pailliun is an achaidh
anns an robh iad. Ach leis gu robh a’ chlann anns an
talla bhos co-dhiubh, dh’fhan iad innte an oidhche
sin fathast. An deidh na dinnearach thog na caileagan
orra fo stiuradh Eilidh, Sheonag, is Dhomhnaill nan
Cleas ; thug iad orra an Gearasdan air carbad gu
nithean a bheireadh toileachadh dhaibh an sin fhaicinn.
Bh i iad an Gleann Fhionghuin is aig Carragh-cuimhne
nam Fineachan roimh sin ; is chan ’eil cunntas agamsa
air gach sealladh is cuairt eile a thugadh dhaibh roimh
’s ’na dheidh.
Mu’n d’fhag mi mo bheannachd aca, bha mi ro
thoilichte gu robh e ’nam chomas breacadh de’n
leabhran bheag air an tug mi iomradh mar tha a
shlneadh do gach caileig anns a’ champ, is chaidh
aon an urra a chur an leth-taobh air cheann nam
balach an' uair a ruigeadh iadsan. Dh’ innis mi
dhuibh gur e an Gaidheal ceanalta, suairce, an Lighiche
Alasdair Mac-an-t-Saoir anns an Ard-ruighe (a Srath
Ghearr-loch), a sgriobh e is a chosg ri a chur an
clo air son na cloinne. Thugadh gealladh dhomh, is
tha mi cinnteach gun coimhlionar an gealladh, gun
sgriobh te de na caileagan, is a rithist fear de na
bilaich, a thoirt taing do’n Lighiche choir.—Bhur
Caraid Dileas, Eachann MacDhughaill.
0
OISINN NA H -OIGRIDH.
Caineadh an Rodain
(ann am feala-dha).
Bha e air a radh gu minic leis na seann daoine gur e an doigh
as fhearr sam bith air rodan fhuadach air falbh bho'n tir bran
a dheanamh ’ga dhl-moladh agus a sheinn dha. Nam biodh an
t-6ran geur-chuiseach gu leoir, cha b’eagal gu faicte an rodan
no aon de shliochd anns an nabachd air son iomadh bliadhna
’na dheidh sin. Agus nam biodh na rannan fior mhath, is
docha nach faicte an rodan a chaoidh tuilleadh.
Tha rodan odhar, biastail,
Gun iarraidh air tighinn do’n bhaile,
Is fheusag chaol air liathadh,
Barr ciar oirre’s i air faileadh ;
Cluasan biorach, slloma,
Gu direach air barr a chlaiginn ;
Chunnaic mise an de e,
Is drein air ’na shuidh air cabar.
Tha meudachd ann nach gann,
Is dannsaidh e a’ leum ri fhaileas ;
A dhruim air a shliobadh
Gu siodanna sios a’ laiseadh ;
Suilean mar phloc prine
Gu bideach ’na cheann a’ lasadh ;
Cuip de earball litheach
A’ direadh a mach ri amhaich.