Skip to main content

‹‹‹ prev (105) Earrann 11, An Lùnasdal, 1946Earrann 11, An Lùnasdal, 1946

(107) next ››› Page 99Page 99

(106) Page 98 -
AN GA1DHEAL.
An Lunasdal
sin againn, cha bhiodh e cho furasda do ’n Riaghaltas
an Lunnainn no an Dun-eideann cul-laimhe a
thionndadh ruinn. Chan ’eil math a bhith bruidhinn
mur an teid sinn gu gniomh, agus an uair a theid sinn
gu gniomh air sgath na Gaidhealtachd rachamaid ris
gualainn ri gualainn.
Tha aon ni cinnteach. Cha mhair a’ Ghaidhlig
ma theid a’ Ghaidhealtachd fas. Mar sin, deanamaid
gach dlchioll anns a’ Chomunn so air sgath na canaine
agus gach ni a tha co-cheangailte rithe; ach na
deanamaid dearmad air na meadhonan eile a tha
fosgailte dhuinn tre am faod sinn feuchainn ri cor
aimsireil na Gaidhealtachd a chur am feabhas.
Tha feum air iomadh rud—cothrom-cosnaidh,
tighean freagarrach, goireasan-siubhail, agus moran
eile—ach tha an duine ag cur feum air barrachd na
comhfhurtachd d ’a chorp. Is e biadh is fasgadh a’
cheud rud, ach cha leoir sin. Tha an duine, direach
a chionn agus gur duine e agus nach e ainmhidh, a’
miannachadh tuilleadh na sin. Tha inntinn is spiorad
aige, agus feumar ullachadh a dheanamh fa chomhair
sin. Is arm do bhrigh so a tha feum air obair a’
Chomuinn Ghaidhealaich.
Bha foghlum is ealdhain aig na Gaidheil mu ’n
robh sgoilearachd nan sgoilean riamh aca, agus tha
feum aig Gaidheil (agus Goill) an latha an diugh gum
biodh barrachd aca na a mhain comas leughaidh is
sgriobhaidh is cunntais. Bha agus tha oigridh na
Gaidhealtachd comharraichte air son an uidh ann an
ard-fhoghlum, agus feumar an cothrom sin a chumail
riutha. Ach bu mhath cuideachd gum biodh Gaidheil
oga air an teagasg ann an ionnsachadh agus ealdhain
a dh’ uidheamaicheadh iad air son beatha thoilichte
a chur seachad ’nan tir fein. Agus chan ’eil foghlum
de ’n t-seorsa sin a’ stad aig aois ceithir-bliadhna-
deug no fichead bliadhna; tha e a’ marsainn fad
beatha an duine. Cha mhotha na sin a tha e r ’a
fhaotainn anns an sgoil a mhain. B’ ann anns na
seann cheilidhean (le ceol is sgeulachd is eachdraidh
is sean-fhacail) a gheirich ar sinnsearan an tuigse
agus am breithneachadh agus a f huair iad farsaingeachd
inntinn. Bu mhath fhaicinn anns gach baile agus
sgireachd talla no tigh anns an cruinnicheadh muinntir
an aite an ceann a cheile gu ceilidh agus gu deasbud ;
aite anns am biodh aireamh mhath leabhraichean
r’ an leugadh, beairt-radio ris an eisdeadh iad, cuirmean-
ciuil is dealbh-chluichean is dealbhan-gluasadach;
na seann nithean agus na nithean ura am measg a
cheile, agus gach fearas-chuideachd a tha iomchuidh
agus ceart.
Tha feum mar an ceudna air Colaisde a
shuidheachadh an ait-eigin sa’ Ghaidhealtachd, coltach
ri “ Colaisdean a’ Phobuill ” mar a tha aca o chionn
iomadh bliadhna an Denmark agus san t-Suain, a
dh’ ionnsaigh an tigeadh sean is 6g air son eadar
seachdain is ,tri miosan, bho am gu am, a chum an
aignidhean a chumail o mheirgeadh agus beachdan
ura agus spionnadh inntinneil fhaotainn.
Anns gach cothrom-foghluim a dh’ ainmich mi,
bho’n phaisde a tha air ur-bhruidhinn a dh’ ionnsaigh
an t-seann duine air a’ phension, bu mhath learn gum
biodh an t-aite as dlighe dhi aig ar canain fhein, a’
Ghaidhlig, agus gach ni co-cheangailte rithe—
litreachas, eachdraidh, feallsanachd, ceol, ealdhain.
Bu mhiann leinn uile a’ Ghaidhealtachd fhaicinn air a
h-aiteachadh le sluagh toilichte, soirbheachail, ach
chan e a’ Ghaidhealtachd a bhios innte ma is e a’
Bheurla Shasannach a chluinnear anns gach garadh-
sgoile agus aig gach oisinn-tighe. Tha na h-
Eireannaich agus na Cuimrich air na canainean
Ceilteach aca fhein ath-bheothachadh gu ire mhoir,
agus faodaidh sinne cuideachd a’ Ghaidhlig a dhear-
bhadh mar inneal a tha cho freagarrach agus cho
subailte ri cainnt sam bith a chum gnothaichean an
latha an diugh a chur an ceill.
Is e leas na canaine priomh-obair a’ Chomuinn
Ghaidhealaich. Cheana tha cothroman sonraichte
aig a’ Chomunn air dol am bad na h-oibre sin lamh
air laimh ri luchd-riaghlaidh an fhoghluim. Dh’
fhag Seoras Gallda nach maireann dileab phriseil
againn an uair a steidhich e Comunn na h-Oigridh.
Chan ’eil sinn idir gann de dhaoine agus de mhnathan
a tha deonach an neart agus an nine a chosg ann an
obair a’ Chomuinn, agus tha iad lan-uidheamaichte
air son na h-oibre. Dh’ fhagadh againn deagh
eisimpleir na feadhna nach maireann a shaothraich
romhainn ann an obair a’ Chomuinn. Tha luchd-
daimh Ceilteach againn an tirean eile—an Eirinn,
sa’ Chuimrich, an Eilean Mhanainn, san Fhraing, an
Astralia, an New Zealand, an Canada, anns na
Staitean Aonaichte, agus an iomadh cearnaidh eile.
Tha an suil oirnn, agus cha diult iad an cobhair.
Tha e ’na cheist oirnn an d’ rinn sinn fhathast
lan-fheum de ar cothroman.
Togamaid an aird ar bratach, agus rachamaid air
adhart. Cha dean caoidh nan laithean a dh’ aom
feum. Tha latha ur a’ briseadh oirnn, agus anns an
latha ur sin, anns am faicear iomadh atharrachadh
air cor agus beachdan sluagh an t-saoghail mhoir,
feuchamaid gum bi na Gaidheil agus na Ceiltich a’
deanamh an cuid fhein ann an togail suas na h-
aitreibh a tha luchd an deagh-ghean a’ miannachadh
air son a’ chinne-daonna, far am bi saorsa agus
soirbheachadh ceart, sith agus ceartas, aig gach
cinneach is sluagh air aghaidh na talmhainn. Dhuinne,
mar Ghaidheil, buinidh ar prlomh-dhleasnas do ar
daoine agus ar duthaich fhein.
FACAL SAN DOL SEACHAD.
LAMH UR AIR AN STIUIR.—Aig toiseach an Og-mhios,
an uair a thainig tinneas air an fhear-dheasachaidh nach
maireann, an t-Urr. Calum MacLeoid, chuir e fios thugam-sa
feuch an gabhainn curam de ’n Ghdidheal air son mios no
dha. Gheall mise gu feuchainn ris an eathar a chumail far nan
sgeirean gus am biodh an sgiobair c6ir e fhein air chomas
tilleadh r’a dhleasnas. Ach mo thruaighe! cha b’ e sin a bha
an dan dha. An uair a bha Gaidheal a’ mhios mu dheireadh air
ti a bhith an clo, thainig sgeul-bais ar caraid, agus b’ fheudar
atharrachadh a dheanamh gus iomradh a thoirt air fhein agus
air luach a shaothrach do ’n Chomunn agus do ’n
Ghaidhealtachd. Bithidh mor-ionndrainn air laimh ar caraid
chaoimh anns na duilleagan so fad iomadh latha is bliadhna,
agus is mor am beud gu bheil feum air fear-deasachaidh hr.
Tha Comhairle Ghniomhaich a’ Chomuinn air curam a’
Ghdidheil earbsadh riumsa, agus gu dearbh is ann le mor-