Skip to main content

‹‹‹ prev (56) Page 48Page 48

(58) next ››› Page 50Page 50

(57) Page 49 -
Am Mart, 1946.
AN GA1DHEAL.
49
soilleire dhaibh fhein ague do ’n t-saoghal, agus mar
sin nas seasmhaiche. Cha sheas cairdeas air lethchois,
agus mar sin le bhith tuigsinn a cheile nas fhe&rr bidh
an cairdeas nas blaithe agus nas seasmhaiche.
A thaobh na Greige bha duine coir a’ faotainn
coire do ’n Ghaidheal ann am paipear-naidheachd
seachdanach airson, ’na bheachd-san, aineolas is cion
foghluim a’ Gaidheil a thaobh na Greige agus a
canain. Bha An Gaidheal ag radh o chionn mios no
dha an so—agus e a’ bruidhinn air canainean—gun
robh an t-seann Ghreugais marbh, mar a tha i. Is
ann a chomh-dhuin an duine bochd so gun robh An
Gaidheal cho aineolach agus nach robh fhios aige
gun robh Greugais an la-an-diugh ann idir—hrbinean!
Ma tha ar caraid cho eolach agus cho fiosraichte sa’
chanain Ghreugach bho latha Homer gus an la-an-
diugh ’s a tha An Gaidheal, chan eagal da. Ach bha
a on Chonan san Fheinn. Chan ann gun fhios carson
a ni an clamhan fead ; agus bha seanfhacal eile ag
radh : Chan uaisle duine na cheaird. Ach is ann tha
bhochdainn ann gu bheil, tha e coltach, aon duine ann
nach ’eil cho uasal ri a cheaird. Tha An Gaidheal ag
guidhe dha na grasan sin anns a bheil carthannas
cridhe agus treibhdhireachd inntinn a’ fas.
* * * *
Gill Bhrighde.—Cho fada’s a tha mo chuimhne
a’ dol chan ’eil ainm-aite eile san duthaich as
bitheanta na Cill Ehrighde. Tha na ficheadan dhiubh
an sud’s an so feadh na rioghachd. Gu dearbh chan
’eil mi ag radh gun rachainn fada cearr ge do chanainn
gu bheil aon cheud Cille Bhrighde an Alba gu leir.
Tha na ceallan so air an ainmeachadh air a’
bhoirionnach bheannaichte sin, a’ bhan-naomh
Brighde, a thainig a nail a Eirinn leis an t-Soisgeul sa’
choigeamh linn :
“ Erighde bhoidheach, oigh nam mile beus.”
Ma bha i sa’ h-uile h-aite a tha air ainmeachadh
oirre feumaidh gun robh i gu maith siubhlach agus
saothrachail. Ach chan ’eil teagamh nach ann a
dh’ ainmicheadh moran de na h-aitean oirre le a
luchd-leanmhuinn mar chuimhneachan air am mnaoi-
iuil dhiadhaidh. Co-dhiubh, tha i ’na boirionnach
sonraichte. Bugadh i an Dun Dealgain mu thuaiream
na bliadhna 4E0, agus cha robh i ach ochd bliadhna
deug nuair chaidh a cur air leth mar Bhan-naomh.
Chuir i baile Chriosduidhean air bonn an Cill
Dara a mach air braighe Ehaile Atha Cliath ; agus is
ann air Cill Dara a bha i air a h-ainmeachadh o sin a
mach. B’ e so a cearna-bhaile, agus is ann an so a
bha i a’ tilleadh an deidh a sgrioban leis an t-Soisgeul
feadh Alba is Eirinn. Bha seanfhacal aca a bha ag
radh : Cridhe na h-Eireann, Cill Dara.
Is e Cill Bhrighde ann an Srath an Eilein
Sgitheanaich a thug so ’na mo chuimhne. Chunnaic
mi gun robh Cuirt an Fhearainn ann an sin uaireigin
roimh an Bhliadhna Dir, agus muinntir Chille Bhrighde
air iarraidh orra tighinn ann, agus iad ag iarraidh
isleachadh air a’ mh&l. Is e fear de na bailtean ura a
tha an Cill Bhrighde so, baile a bha air a mheas gu
maith torach, agus ’na dheagh thalamh spreidh, nuair
a b’ aithne dhomhsa an toiseach e. Bha e an uair sin
’na ghabhail-tuathanachais aig aon duine—fior &ite
boidheach, an achlais Loch Slaopainn, ri taobh nan
Torran, agus mu astar thrl mile bho ’n t-Sidhean far
an do rugadh Uilleam Eos am Bard. Tha Gleann
Shuardail a’ laighe gu boidheach, fasgach, eadar an
Ath-leathain agus Cill Bhrighde fad shia mile. Tha
mar a thubhairt mi an Sldhean, mu dha mhile gu leth
a mach as an Ath-leathain agus mu thri mile bho
Chill Bhrighde, ach chan ’eil a bheag de laraichean
nan tobhtaichean fhein an diugh far an d’ araicheadh
Uilleam Eos ; ach tha an Sidhean ’na aite boidheach,
agus fradharcach air a’ Ghleann gu leir. Tha Coire
Chataigean am fasgadh Beinn na Caillich air do
laimh dheis is tu ag amharc siar ri Cill Bhrighde.
Bha Uilleam Eos ’na chnap balaich, aona bliadhna
deug, nuair a thadhail an t-Ollamh mor Sasannach
an Coire Chataigean—turus mun do dh’ fMg Bosuel
iomradh fior thaitneach againn.
Tha Gill Chro am meadhon a’ Ghlinne far an
robh eaglais na sgire fad linntean an deidh dhaibh Cill
Bhrighde fhagail, agus far a bheil cladh na sgire
fhathast; agus Loch Chille Chrd ri a taobh. Gle
fhaisg air a’ chladh ’s air larach na h-eaglaise, tha
Tobar Ta, tobar a bha ainmeil sna seann linntean agus
Coinneach Odhar air faidheadaireachd a dheanamh
mu a deidhinn. Bha e air aithr's gun dubhairt
Coinneach :—
Tobar sin is Tobar Ta,
Tobar aig an cuirear blar,
Marbhar Torcul nan tri Torcuil
Air latha fliuch aig Tobar Ta.
Cha chuala mi an deach an fhaidheadaireachd a
choimhlionadh no nach deach. Ach chaidh mi thar
mo sheanchais !
Chunnaic mi, ma tha, gur h-ann a dh’ ardaich
Cuirt an Fhearainn am mal air na ceithir lotaichean a
tha an Gill Bhrighde, an aite am mal isleachadh. An
uair a smaoinicheas duine air, tha so ceart gu leor ma
bha muinntir Cuirt an Fhearainn dearbhte nach robh
am m&l ard gu leor, agus tha e coltach gun robh iad
sin. Tha uachdaran fearainn cho feumadh air ceartas
ri neach sam bith eile, agus is ann chum ceartas a
thoirt do na h-uile a tha Cuirt an Fhearainn ann.
Sa’ chuis so is e Bord an Aiteachais as uachdaran;
agus is e am Bord so uachdaran fearainn as mb tha
an Alba. Nuair a chunnaic mi gur h-e am Bord as
uachdaran air Cill Bhrighde is ann a thainig seorsa de
chianalas orm nach b’ e MacFhionghuin an t-Sratha,
no Morair nan Eilean, a b’ uachdaran air, mar a bha
aon uair. Chan e nach bithinn-sa pailt cho riaraichte
—agus gu dearbh nan innsinn an fhirinn moran na
bu riaraichte—nan robh muinntir Chille Bhrighde air
isleachadh fhaighinn sa’ mhal. Chan ’eil sin ’na
ionghnadh, b’ edlach air a cheile sinn aon uair, agus
gu dearbh cha bu dhroch eblas a bh’ eadarainn.
Na subhailcean seasmhach. — Tha Anna
Dhonn ag iarraidh oirnn innse an so san dol seachad
cionnas a chuirear an Gaidhlig na Cardinal Virtues,
mar a theirear am Beurla. Tha mi deanamh dheth
gur h-ann mar so a chuirear an Gaidhlig iad : (1)
Gliocas, (2) Ceartas, (3) Stuamachd, (4) Gaisge.
Theagamh gu bheil doigh eile air an cur, ma tha bu