Skip to main content

‹‹‹ prev (38) Page 30Page 30

(40) next ››› Page 32Page 32

(39) Page 31 -
Am Faoilteach, 1946.
AN GAIDHEAL.
31
Binn iad iomadacli comkfliurtaclid eile a chur thuca
cuideaclid, ach tha iad ri am moladh gu sonraichte
air son nam pioban.
Nuair a thoisich an cogadh chuir Gaidheil Dhun
Eideann Comhairle air bonn, a bha ceangal ri cheile
gach Comunn Gaidhealach de gach seorsa a bha an
Dim Eideann chum comhfhurtachdan a chur a dh’
ionnsaigh nan gillean agus nan nigheanan a bha
air falbh sa’ chogadh. Kinn a’ Chomhairle so obair
mhor agus ionmholta, agus, mar a thubhairt mi, cha
b’ e so dad bu lugha de’n deagh obair a rinn iad—
ceud gu leth agus sia Piob Mhala a chur a dh’ ionnsaigh
na bha air falbh. A thuilleadh air an so, chuir iad
ceithir is ceithir fichead sionnsair ionnsachaidh thuca
cuideachd, los gum biodh cothrom ionnsachadh
cluiche na pioba acasan aig an robh iarraidh air sin a
dheanamh.
Tha fhios gum bi barrachd mor phiobairean, agus
tuilleadh maith ciuil, san duthaich a nis an deidh
do na plobairean so tighinn dhachaidh. Tha sinn an
dochas nach fhagar na pioban san arm, ma dh’ fhagas
cha dean iad uibhir a dh’ fheum an sin ri linn na slthe
’s a dheanadh iad sgapte feadh na Gaidhealtachd.
Ciod as maisiche ri fhaicinn, no as taitniche ri
eisdeachd, na gille eireachdail ’na lan uidheam, agus
a’ phiob an deagh ghleus, ag cluiche air taobh na beinne,
no am muigh an eithear, air latha ciuin samhraidh, no
air feasgar fann foghair ? Tha beatha is misneachd
ann an ceol binn mar so, tha agus togail spioraid is
inntinn. Is minic a thug a’ phiob sin dhuinn ag
caisimeachd ri linn cogaidh. Tha flor sheanfhacal
ag radh : Is caid gach ceol co cruit, ’se sin, Is naomh
gach ceol gu cruit. Bha mar gum b’ eadh ceol na
cruite, no na clarsaich, a’ dol thairis air gach ceol eile
ged bu naomh iad idle. Tha a’ chlarsach binn agus
naomh ann an seomar seasgair, ach thoir dhomhsa
ceol mor na pioba air leathad cnuic no an cois a’
chladaich latha ciuin samhraidh no feasgar fann
foghair.
Bha na Gaidheil riamh deidheil air ceol. Tha iad sin
fhathast, ged tha beagan ann a chaidh a thruailleadh
le creud fuadain, agus a tha cur sios air ’nam beachd
fhein.
Tha na Gaidheil mar sin fo chomain aig Comhairle
Comunnan Gaidhealach Dhun Eideann air son nan
innealan-ciuil a thug iad do ar saighdearan gaisgeil
ann an latha am feuma. Gu dearbh tha cuimhne
aig moran againn fhathast gur h-e port air a’ phiob
a thogadh ar cridhe, agus a dheanadh ar ceum aotrom,
ri linn cogaidh—gu h-araidh am port sin : “Tha thid
agam fhln a bhith falbh dhachaidh direach dh’
ionnsaigh na tlr as na dh’ fhalbh mi.”
* * * *
Firinn airson a’ mhios so.—Chuala gach aon
iad a’ labhairt ’n an canain fein.
Tha sinne ’gan cluinntinn gach aon ’n an canain
fein anns an do rugadh sinn.—Gniomharan II—6 7
8.
Am Fear-deasachaidh.
LITIR COMUNN NA H-OIGRIDH.
Is cinnteach gur e a’ choir deagh dhurachd na
Nollaige is na Bliadhna Uire a thoirt dhuibh am
fior thoiseach mo sheanachais air a’ mhios so. Mar
sin fein e, mata, slainte, sonas, sith, saibhreas is
soirbheachadh gun robh agaibhse, a chlann, is gach
aon is caomh leibh re na bliadhna a tha an nis a’
tighinn a beairt. Is cinnteach gun robh bhur laithean
cridheil is bhur laithean broin aig moran dhibh re na
bliadhna a tha air triall, is cha deach am bron air
iomrall air Athair na Cloinne na bu mho. Is e ar
dochas gur e na’s lugha dhe sin is na’s motha de
gach toileachas-inntinn a bhios againn re na bliadhna
a tha an nis air tighinn oirnn, le tomhas de shith aig
an t-saoghal, ni nach robh fathast air a luigheasachadh
dhuinn mun am so an uiridh, leis gach amharus is
gamhlas air an cur air chill.
A nis, mar a dh’ innseadh dhuibh mar tha, tha
ceilidh ri bhith aig Comhairle Clann an Ehraoich
(aig a bheil a sgiath thairis air Comunn na h-Oigridh
an Aitreabh nan Gaidheal, an Glaschu, am beagan;
laithean bho ’n am ’sa bheil mise a’ sgriobhadh
ach bidh e seachad is e ’na sheann sgeul mun ruig
mo bhriathran-sa is an “ Gaidheal ” sibhse. Chan ’eil
agam an ceartair ach a radh gu bheil mi an dochas
gum bi cuid de ’n Oigridh, a tha a nis air tighinn gu
inbhe a bhith air an urradh fein, maille ruinn an sin.
Cuiridh sinn failte orra uile. Bidh sinn ag innseadh
dhuibh anns an ath Litir ciamar a theid dhuinn.
Bha mi mar an ceudna ag innseadh dhuibh gu bheil
sinn a’ deanamh ar dichill gu Camp na h-Oigridh ath-
chur air bhonn air an t-Samhradh so tighinn, ged nach
’eil fathast ni r’ a chur ris na dh’ innseadh dhuibh mar
tha; ach cha chum sinn an cleith oirbh nl sam bith
a bhios againn r’ a innseadh—is ann a bhios fadal
oirnn gus am bi e ’nar comas ar sgeul-ruin a leigeil
ris dhuibh!
Tha mi a nis a’ dol a thoirt dhuibh sreathan
bardachd a chuir deagh charaid dhuibh fein is dhomhsa
chugam, is gun fins nach faodadh rum a bhi an Litir
a’ mhios so dhoibh. Is ann dhoibh a bhitheas, oir is
math is fhiach iad a bhith air an toirt am follais, cho
math ris na beachdan a tha air am filleadh annta.
Tha an cuspair a’ tighinn gle dhluth air mo chridhe
fein, a’ cheart chuspair a bha leth ri cridhe a’ Bhaird
Rich an uair a sgriobh e Eirinn ag Gvl, a tha a’
toiseachadh mar so:—
“ Eilean iomallach na h-Edrpa,
Tir as boidhch’ fo cheann-bhrat speur!”
Tuigidh sibh gu bheil an taobh blath sin a bu duth
dhuinn uile a bhith againn ri ar co-bhraithrean an
Eirinn aig an ughdair. An cois na litreach so tha
deagh dhearbhadh air nach e briathran a mhain a
tha aig ar caraid r’ an riarachadh oimn, oir fillte
cul na duilleige bha barantas banca air-son coig
tasdain-fhichead mar tabhartas dhuinn. “Bu mhath
learn,” tha e ag radh, “ ni-eigin a dheanamh air
sgath bhur n-Oigridh, agus so agaibh beagan a chuireas
sibh san sporan air-son ullachaidh campa.” So
agaibh a’ bhardachd, is ainm an deagh urra a rinn i
air a chur sios foidhpe. # Air chul taing a toirt dha an