Skip to main content

‹‹‹ prev (36) Page 28Page 28

(38) next ››› Page 30Page 30

(37) Page 29 -
Am Faoilteach, 1946.
AN GAIDHEAL.
29
de a thoisich sin. Tha muinntir India—co-dhiubh
an aireamh as ard-labhraiche dhiubh—ag iarraidh
riagbladb na duthcha a bhith gu tur agus gu h-iomlan
’n an lamhan fhein. Tha sin ceart gu leor nam biodh
iad air an aon ramh, no eadhon air aon leth-dusan
ramh, los so a dheanamh ; ach tha iad an aghaidh a
cheile cho mor agus gur ann a rachadh an duthaich a
dholaidh nam fagadh Breatainn dhaibh fhein iad.
Cha bhi comaidh aig na Mohametanaich ris na
Hinduich, agus a rithis tha cinnidh, no castaichean
mar a theirear riu an India, ’nam measg fhein aig
nach bi buntannas aig an dara h-aon ris an aon eile ;
agus eadhon feadhainn eile cho suarach aig each
agus nach ’eil cast idir aca. Chan ’eil rian mar sin an
drasda air ard-riaghladh na duthcha a thoirt gu tur
’n an lamhan fhein. Cha b’ e riaghladh no riaghailt
a bhiodh ann. Ach tha Breatainn ag oibreachadh a
dh’ ionnsaigh so ; agus an uair a thig cuisean gu
inbhe tha e ceart gum bi riaghladh India an lamhan
nan Innseanach fhein.
Thug an rud a th’ ann ’nam chuimhne colbh mor
ard ann an Delhi air beulaibh Tigh a’ Bhiceroi—’se
sin, Tigh Fear-ionaid an Righ—ris an canar Colbh
laipur. Agus is e a bhuail gu sonraichte ri m’ inntinn
an ni so tha sgriobhte air bonn a’ chuilbh :
Ann an smuain creideamh,
Ann am facal gliocas,
Ann an gniomh gaisge,
Ann am beatha seirbhis,
Mar so gum biodh India mor.
Gu dearbh chan ole am facal-suaicheantais so do
thlr sam bith, no do dhuine sam bith. Is ann a
mhiannaich mi e do an Ghaidhealtachd againn fhein.
An dubhairt Seoin Carsuel coir : Bitheadh amhluidh.
Ciiirt Nuremberg.—Tha a’ chuirt mhor agus
chudthromach so ’na suidhe fhathast nuair a
tha sinn a’ sgrlobhadh so aig meadhon mios na
Dubhlachd. Is e cuirt shonraichte tha so da-riribh,
cuirt a tha toirt breith air daoine ole agus aingidh
a bha ’nam meadhon air a’ chogadh mhor agus
sgriosail a thainig a nis gu crlch a chur air bonn.
Riamh gus an so, cha robh ann ach gun robh an
ruaig a’ dol air rioghachd, no air rioghachdan, agus
ged b’ iad bu choireach, agus a b’ aobhar do ’n
chogadh briseadh a mach, bha an luchd-riaghlaidh
agus na ciontaich a’ faighinn as, co-dhiubh le am
beatha. Ach a nis, air son na ceud uaire an eachdraidh
an t-saoghail, tha na Rioghachdan Aonaichte air
cuirt a chur air chois chum breith a thoirt air luchd-
iuil nan Nasach sa’ chogadh eagallach air an deach
crioch. Tha aon fhichead de na daoine borba agus
aingidh so a’ seasamh cuirt an Nuremberg, agus
bithidh am binn air a toirt a mach a dh’ aithghearr.
Chuir cuid eile dhiubh lamh ’n am beatha fhein,
agus chaidh feadhainn eile dhiubh as an rathad ri
linn a’ chogaidh. Tha fhios aig an t-saoghal air
gniomharran ole agus oillteil nan Gearmailteach so
a tha seasamh cuirt air son am beatha—mort agus
marbhadh agus iomadach gniomh aingidh eile nach
cualas a riamh a leithid.
Bithidh a’ chuirt so, agus a bhinn a bheir i a mach,
’na suileagan do ’n t-saoghal, agus ’na rabhadh do
dhaoine aingidh linntean an deidh so.
Nach maith gun tainig an saoghal gu leithid a dh’
ire agus gu bheil a nis, mar a thubhairt Dia : Ged
dh’ iadhadh lamh mo laimh cha teid an t-aingidh as
gun pheanas.
U.N.O. — So seorsa de fhar-ainm a thugadh
air a’ Chomunn a tha nis air a chur air chois chum
sith a chumail eadar rioghachdan an domhain uile.
Dh’ aontaich leth-cheud is aon rioghachd is stata
gun seasadh iad a cheile anns an t-sith a chumail
eadar uile chinneach an domhain ; agus tha riochdaire
o gach cinneach de ’n leth-cheud’s a h-aon a deanamh
suas a’ Chomuinn mhoir chumhachdaich ris an canar
UNO. Tha iad an drasda ’n an suidhe an Lunnainn
a deanamh suas riaghailtean is doigh oibreachaidh a’
Chomuinn; agus thatar direach air suidheachadh
gur h-ann an Staitean Ameriga a bhitheas aite ceann-
gnothoichean UNO gu seasmhach.
Feumaidh, tha fhios, cumhachd airm a bhith aca
los am breith a chur an gniomh a thaobh rioghachd, no
cinneach, a bhriseas a mach le cogadh.
Bithidh an Comunn cumhachdach so, a thaobh an
t-saoghail uile, agus uile staitean an domhain, mar a
tha cumhachd rioghachd a thaobh briseadh lagh na
rioghachd sin fhein. Nitear peanas, no cuirear an
laimh, an neach no a’ bhuidheann a bhriseas lagh na
rioghachd sin; agus nitear sin le cumhachd na
rioghachd. Nitear tre UNO an t-aon rud a thaobh
stata no rioghachd a bhriseas lagh eadar-rioghachdan,
no eadar-chinneach, le toiseachadh ri cogadh ri
rioghachd no stait eile.
Is minic a thainig maith a ole, agus dh’ eirich so
bho ’n chogadh mhor oillteil a thainig a nis gu crlch.
Tha fhios gum bi deagh-ghean dhaoine glice agus
cneasda air UNO, agus beannachd Dhe os cionn nan
uile.
Is ann o na litrichean-cinn sna facail Bheurla United
Nations Organisation a tha UNO, ’se sin, Comunn
nan Cinneach Aonaichte ; agus tha mar a thubhairt
mi, leth-cheud ’s a h-aon dhiubh am bumn a cheile
a’ deanamh suas a’ chomuinn chumhachdaich so.
Saoilidh sinne gur maith am manadh air a’ Chomunn
leth-cheud ’s a h-aon stait a bhith air a chul; co-
dhiubh gabhar leisgeul nan Gaidheal, aig a bheil
Leth-cheud ’s a h-Aon cho muirneach, ann a bhith
smaoineachadh so.
* * * *
Naoi. — Is e dithis a chuir dad chugam mu
dheidhinn na bha mi ag radh a thaobh naoi a bhith
’na aireamh naomh agus coimhlionta aig na seann
Ghaidheil. Dh’ innis deagh charaid a’ Ghaidheil,
Aonghus MacDhomhnaill an Glaschu, dhomh rann
a bha ann am faidheadaireachd a rinn Coinneach
Odhar a thaobh loch a bha san Eilean Sgitheanach ;
agus is ann air son an rainn so, agus mar a tha naoi
air ainmeachadh ann, a thug mo charaid domh an
eachdraidh.
Bha loch cuimseach mor—mu thri mile dh’ fhad
agus mile de leud—ann an Cille Mhoire ris an abradh