Skip to main content

‹‹‹ prev (16) AdvertisementsAdvertisements

(18) next ››› Page 10Page 10

(17) Earrann 2, An t-Samhuin, 1945 -
Price, 2d
NOVEMBER, 1945.
An Gaidlxal
EDITOR:—Rev. MALCOLM MACLEOD, M.A , Manse of Balquhidder, Lochearnhead, Perthshire, to whom all
literary communications should be addressed. Telephone:—Strathyre 235. Business and other communica¬
tions to 131 West Regent Street, Glasgow. Telephone:—Douglas 1433.
Leahhar XLI.l An t-Samhuin, 1945. [Earrann 2
RATHAIDEAN AGUS UIDHEAMAN-GIULAIN.
Ma tha daoine gu bhith ehomhnuidh aim an saorsa agus
ann an soirbheachadh air a’ Ghaidhealtachd a nis an deidh a’
chogaidh feumaidh iomadach atharrachadh a thighinn air
ciiisean a thaobh nan Gaidheal seach mar a bha iad roimh an
chogadh. Thainig iomadh atharrachadh ri linn a’ chogaidh
fhein. A dh’ aon rud bha an oigridh cha mhor gu leir air
falbh ann an aon air choreigin de Fheachdan an Righ, no ann
an seirbhis air choreigin-fo’n chrim, agus chunnaic iad moran,
agus thainig iad troimh mhoran, agus tha iad a nis a’ tilleadh
dhachaidh chun na Gaidhealtachd—na thig dhachaidh dhiubh—
chan ann mar a dh’ fhalbh iad, ach ’n an daoine tur eadar-
dhealaichte. Cha bhi iad a nis riaraichte leis mar a bha cuisean
air a’ Ghaidhealtachd mus do dh’ fhalbh iad; chan urrainn
dhaibh a bhith, agus cha mho is coir dhaibh a bhith, agus iad
fhein eadar-dhealaichte.
Chunnaic iad iomadach goireas, fhad’s a bha iad air falbh,
san rioghachd-sa agus an rloghachdan eile. Chunnaic iad gun
robh iomadach comhfhurtachd agus goireas an aiteachan
eile nach robh air a’ Ghaidhealtachd. Chunnaic iad nach robh
aobhar air an t-saoghal bu choireach nach robh na goireasan
so air a’ Ghaidhealtachd ach mi-churam is beag-sgoinne an
Riaghaltais. Chunnaic iad, maille ri iomadach rud eile, gun
robh uisge-phloban sna tighean anns a’ chuid mhor aitean san
robh iad. Chunnaic iad gun tugadh muinntir an airm, no
Riaghaltas eile aig an robh gnothach riutha, uisge-phioban
ann an la no dha do ’n aite san robh iad mura robh e an sin
roimhe. Agus an cois uisge-phioban bha goireasan slainte sna
tighean, ni nach fhaca iad riamh ann am moran de an tighean
fhein air a’ Ghaidhealtachd, agus gu sonraichte sna h-Eileanan.
Feumaidh na goireasan so, ma tha, a nis a bhith air a’
Ghaidhealtachd ma tha daoine gu bhitb fuireach air a’
Ghaidhealtachd, riaraichte agus sona le an staid. Feumaidh
meadhonan-cosnaidh a bhith an iomadh kite air a’ Ghaidheal¬
tachd an toiseach, far am faightear cosnadh nuair nach bi
obair fearainn ri dhkanamh, agus far am faigh muinntir aig
nach ’eil fearann idir cosnadh. Tha coir aig an Riaghaltas
air so a dhkanamh do dhaoine air a’ Ghaidhealtachd, mar an
kite eile—do dhaoine a shaor an rioghaehd agus an saoghal bho
dhaorsa agus bho thrkillealachd. Is coir an t-aon chothrom agus
an aon chomhfhuratchd a bhith aca air a’ Ghaidhealtachd ’s
a tha aca an kitean eile. Cumadh na Gaidheil iad fhein, so fa
chomhair an Riaghaltais.
Ach is ann tha mi dhuibh gu sonraichte an drksda a thaobh
rathaidean-mora agus uidheaman-giulain air a’ Ghaidhealtachd.
Chan ’eil maith a bhith mu dheidhinn, cha bhi daoine a chunnaic
a chaochladh nuair a bha iad air falbh riaraichte dh’ easbhuidh
rathaidean, agus a bhith chomhnuidh an kitean iomallach,
gun chomas falbh no tighinn ann an tomhais de chomhfhur-
tachd. Tha bailtean air a’ Ghaidhealtachd—moran dhiubh
air tir-m6r agus am barrachd anns na h-Eileanan—agus chan
’eil rathad as fhiach rathad a rhdh ris a’ dol thuca idir. Tha
na bailtean sin, agus na daoine a th’ unnta, lethoireach,
iomallach, agus ml-ghoireasaeh. An drksda, an deidh a’
chogaidh, cha bu choir so a bhith mar so, agus is c£>ir do ’n
Riaghaltas, so a leasachadh ma tha iad airson daoine a bhith
chomhnuidh ann an dad de lionmhorachd air a’ Ghaidhealtachd.
Agus cha choir do na Gaidheil a nise suidhe sios agus a bhith
skmhach ’na leithid so a shuidheachadh. Ma ni iad sin, is
ionghantach mura bi ciiisean mar a thk iad, fad iomadh
bliadhna.
* * * *
Ach is e tha ’na chuis-nkire mar a bha Bord an Aiteaohais
air a’ Ghaidhealtachd a thaobh rathaidean. Bha iad a’
deanamh bailtean lira, ach ma bha rathaidean gu bhith
thuca dh’ fheumadh muinntir a’ bhaile cuid de an saothair a
thabhairt an asgaidh ann an dkanamh an rathaid sin, agus
moran nas miosa na sin, dh’ fheumadh iad fhein an rathad
a chumail suas, agus chan e an Riaghaltas. C6 riamh a chuala
a leithid! Tha bhuil. Chan ’eil na rathaidean so air an cumail
suas knn, agus tha na bailtean gun rathad. Shaoileadh daoine
cumanta gum biodh a dh’ fhios ’s a mhothachadh aig bord-
riaghlaidh sam bith nach ’eil an so ach a bhith magadh air
goireasan bhailtean lira air a’ Ghaidhealtachd, agus nach ’eil
knn ach culaidh-bhhird do ’n t-saoghal. Ach faic thusa air
brkighe nam bailtean-mora air Galldachd, far am bheilear a’
togail bailtean lira, is e rathaidean agus srkidean a’ cheud rud
a nitear mus togar aon tigh, agus tha a h-uile ni de ’n t-sedrsa
so air a dhealbh cho brkagha ’s a dh’ iarradh duine chum
goireasan is comhfhurtachd na muinntir a bhios a chomhnuidh
sna bailtean sin. An ann mar sin a tha Bord an Aiteachais a’
deanamh air a’ Ghaidhealtachd? Ach tha e coltach nach ’eil
feum aig na Gaidheil air rathad do am bailtean knn. Gu
dearbh, ma bhitear riaraichte le a leithid so air a’ Ghaidheal¬
tachd an deidh a’ chogaidh, mar as luaithe theid na bailtean
so ban is e as fhekrr dhaibh-san a th’ unnta.
Cumadh a nise an bigridh a bh’ air falbh an seirbhis a’
chruin fa chomhair an Riaghaltais cor truagh na Gaidhealtachd
a thaobh rathaidean-mora, agus na tugadh iad fois dhaibh gus
an dkan an Riaghaltas an dleasdanas sa’ chhis so. Carson
nach biodh rathaidean cho pailt, agus cho maith, an Leodhus
agus am Barraidh’s a tha iad air Galldachd? Bu choir an aon
ruith a bhith air na rathaidean feadh na rloghachd gu leir.
* * * *
Agus a rithist is e na h-aiseagan rathaidean nan Eilean.
Is cbir do ’n Riaghaltas bktaichean-aiseig a chur anns gach
kite sam bheil feum orra feadh nan Eilean; agus am faradh a
bhith saor agus reusanta a reir cekrnaidhean eile na rloghachd,
chan e mhhin faradh dhaoine ach faradh spreidh is bathair,
agus gach ni eile. Dhkanadh sin cuisean sna h-Eileanan na bu
ghoireasaich agus na bu chomhfhurtail, agus bhiodh e na bu