Skip to main content

‹‹‹ prev (14) Page 6Page 6

(16) next ››› AdvertisementsAdvertisements

(15) Page 7 -
An Damhar, 1945.
AN GAIDHEAL.
Mi faire lagaraid ard nan stuagh,
’S a criathradh dhornag ’na cheol do m’ chluais.
Mo noistean baiste ’na cleas gun truas
Le fiamh mo bheatha orm’s mi teiche suas.
Hi ciiiine tide’s aig isle traigh
Mi faighinn mile rud inns’ an dan
Measg chlachan liath agus bhiastan charn,
Le lain is langadar donn an t-sail.
Agus guth ian sgeire ri deanamh ceol
Do mhaighdeann mhara an sealladh sgeoil,
Le banais ehliathan aig iasgan beo,
Is paoileag baigh ri cur failt air ron.
Ris a’ Chuan a Siar mi ri grian mo bheo
Gun teid i sios ann an cian bun-sgoth,
Agus m’ anam siorruidh air sgiath an coin
Ri deahamh direach air Tir nan Og. M. M.
So agaibh oran eile leis an t-sar bhard sin a rinn “ Do ’n
Bhradan ” a bha sa’ Ghaidheal mu dheireadh. Is esan a rinn
ah t-6ran a bha sa’ Ghaidheal beagan mhiosan air ais do
“ Bhalaich na Caonnaig ” bho Eileanach ; agus chi sibh o ’n
t-6ran so nach ’eil a bheag de bhardachd an Gaidhlig de a
seorsa a bheir barr oirre.
Bha a’ dha no thri mhearachdan clodh an bran a’
bhradain, agus seach gu bheil iad a’ milleadh smuain a’ bhaird
is fhearr dhomh an ceartachadh. ’Se sin, sa’ cheud rann, an
treas sreath :
Tha prais air slabhraidh trom an tinne (chan e teine).
A ris san treas rann, a’ cheud sreath :
Nuair chuir an dall-bhith tionndadh smuain (chan e
snuaidhm).
A ris, san naoidheamh rann, an coigeamh sreath :
Cha bhitheadh bias nam meas toirmeasgt’ (chan e na
meas).
Bu mhaith leinn tuilleadh bho ar caraid a dh’ aithghearr.
F-d.
FAIRE M’ OIGE.
Sud e m’ fhaire san Earrach is criochan mo fhradhairc sa’
Cheitean,
Trath thilleadh gealghrian a’ mhochthrath ’s a h-uilinn sna
cnocan ag eirigh—
Cnoc air muin cnuic anns a’ Cheathramh, na mullaich ’s na
leacainnean eibhinn,
Guala ’s guala bhoidheach, na tomain an Comhal ’s na
sleibhtean,
Uchdach air uchdaich a’ domhlachadh, aonach is mointeach
nam feithean.
Seall, Sliabh Gaoil a’ sineadh san ogsholus fhiondearg ghreine,
Rogha is taghadh nan sliabh, beinn-sheilge Dhiarmaid ’s na
Feinne,
Druim fhada mhln air dheagh shnaidheadh, mar bhalla a
chasgadh na seisde,
A’ sruthadh ’na sliosan’s ag aonadh ’na ruigheachan faon ris an
reidhlean.
An righ am meadhon a shluaigh, deagh bhuachaill am meadhon
a threudan—
Coir gach righ sin, ’s a urram ’na aite suidhe is eirigh ;
Sheasadh a mhuinntir deas air is cli air ag amharc ’s ag
eisdeachd—
An cridhe na h-airde-tuath sud Cruachan Beann fo bhreid
ghil.
Stuagh a’ chirein airdghil sior bhriseadh air faire’s leus deth.
B’ e sin clach-tharruing mo shiila, an casthonn tricheannach
glegheal. Deoesa Caimbeul Hay.
o
DOMHNALL SIOSAL NACH MAIREANN.
Air an treas latha fichead de ’n Lunasdal chualas gun do
chaochail Domhnall Siosal, fear gleidhidh a’ chuim a
chuireadh suas mar chuimhneachan air na Gaidheil a thuit
am Blar Chiiil-lodair. B ’e Gaidheal fiiighail, saighdear calma
treun agus piobaire barraichte bha ’nar caraid nach maireann.
7
Bha e aireamh mhdr bhliadhnachan na mhaidsear phiobairean
ann am feachd an righ, sna h-Innsibh, agus an uair a thug e
mach a thide san arm fhuair e dhachaidh agus bha e ag
comhnuidh dluth do ’n Charn.
Gach bliadhna bho ’n thainig e dhachaidh bhiodh e ag
cluich na pioba moire aig a’ Charn, air co-ainm an latha air
an do chuireadh am blar, agus ’s ann aige fein a bha an
gnothuch a dhol na dail. Chan fhaic sinn a choslas, agus
cha chluinn sinn a cheol mun Charn tuille, ach bidh sinn ’ga
chuimhneachadh agus ’ga ionndrainn gach uair a bhios e
iomchuidh cruinneachadh aig aite cadail nan sar.
Bhris air a shlainte bho chionn corr agus bliadhna air ais,
agus ged bha e greis an lamhan nan lighichean, san tigh-
eiridinn an Inbhir-nis, cha robh feobhas ann da. Mar thuirt
an sean duine, cha robh ann ach galar fada agus eug na bhun.
Thiodhlaiceadh e an cladh Dheimhidh air a choigeamh
latha fichead, agus bha sluagh mor cruinn air an torradh aige,
agus piobaire air an ceann, ag cluich na pioba moire. Nuair
dhluthaich iad ris a chro ’se am port bronach a bha e ag
cluich “ Cumha Mhic Shimidh ” Nuair rainig iad an ceann
uidhe chairich iad a chorp gu h-iosal san uaigh, agus ’nuair
bha Seirbhis am adhlacaidh criochnaichte chluich am piobaire
port tiamhaidh (Lochaber no more..)
An sin thug Alftsdair Mac Neacail, Rimaire Comunn
Gaidhlig Inbhir-nis, an ainm bantrach an t-Siosalaich,
buidheachas do ’n chuideachd a bha san lathair. Dh’ fhalbh
sinn an sin, agus dh’ fhag sinn na chadal e fo sgail nam beann
arda. Iain Mac-a-Phearsain.
<>
AN COMUNN CENTRAL FUND.
To enable An Comunn to meet its current obligations,
and place it in a position to launch a propaganda campaign
at the close of the war, and thus regain the ground lost during
the years of its enforced inactivity, donations, large or small,
will be gladly received by the Treasurer, Mr. James T. Graham,
C.A., 5 St. Vincent Place, Glasgow, C.l. Remittances should
be made payable to “ An Comunn Gaidhealach.”
Previously acknowledged .. .. .. .. £104 — 9
James S. Yuille, Esq., California .. .. .. 1
R. Shaw, Esq., Edinburgh .. .. .. — 5 —
“ Caisteal Tioram ” .. .. .. .. — 4 5
Lieut. F. H. Van den Broeck, B.L.A: .. .. — 5 —
Proceeds of Concerts held at A viemore, Newton
more, Kingussie and Corpach, per Mr.
Donald MacPhail 78 5 —
£184 — 2
— ❖
COMFORTS FOR H.M. FORCES.
DONATION LIST.
Previously acknowledged .. .. .. .. £2,146 17 4
MAOIN LITREACHAIS GAIDHLIG.
Roimh-ainmichte .. .. .. .. .. £267 7 —
PRISONERS OF WAR FUND.
Previously acknowledged .. .. .. .. £532 10 4
ROYAL AND MERCHANT NAVIES’ COMFORTS
FUND.
Previously acknowledged £4,379 10 2
WAR MEMORIAL AND THANKSGIVING FUND.
Previously acknowledged .. .. .. .. £40 1 10
Mrs. Armstrong, Bearsden (Ship’s Halfpennies).. 0 5 —
“ Fleasgach ” .. .. .. .. .. 04 —
£40 10 10