Skip to main content

‹‹‹ prev (180) Page 160Page 160

(182) next ››› Page 162Page 162

(181) Page 161 -
AN DEO-GHREINE.
dha a’ mhias a shineadh dhi. “ Eeuch am
bheil muthadh agad,” ars i an cagar rium.
“ Phaigh sinn am faradh,” arsa mise, “’s
cha’n urrainn gu’m bheil tuilleadh a dhith
orra :’s ma thogair esan! ”
“ Ach nach faic thu ’n sreath dhiubh a tha
dol chun chaich, gach fear le ’mheis! ”
Air so thuirt am maraiche ni eiginn nach
do thuig mi, agus air dha bhi fathast a’
tomhadh a’ mheis ri Ciorstain, rinn mi glaodh
ri Peigi, a bha air dol le Maisi gu taobh a’
bhata, dh’ fheuchainn am faigheadh iad a’
cheud sealladh air corsa na Frainge.
Ciod a bha’n duine cneasda ris ach a’
tairgseadh meis dhuinn air eagal gu’m fasadh
gin againn gu dona le tinneas fairge ; oir bha
coltas robach a’ tighinn air an t-sid. Thug
sinn moran buidheachais d& ; ach thuirt sinn
nach cuireadh oiteag a null no a nail sinn, ’s
nach biodh feum againn air a leithid. Agus
cha mho chuir sinn feum air comhnadh, ged a
bha chuid a bu mhodha mu’r timchioll ’san
sgeocail mun d’ rainig sinn tlr.
Air dhuinn Calais a ruigheachd fhuair sinn
an t-each iaruinn a’ feitheamh ris a’ bhata, ’s
air falbh ghabh sinn do Bhaile-mor na Frainge.
Thug e toileachadh dhuinn ainmean bhailt-
ean a thug ’nar cuimhne a’ Ghaidhealtachd a
chluinntinn air an eigheach taobh an rathaid.
Bha gille-frithealaidh aig aon cheann-uidhe a’
glaodhaich “ Lagny-torrigny! ” cho ard ’s a
bh’ aige. ’S coltach gu’n robh Na Toirintie
an sin cho math ris na creagan de’n ainm sin
a tha ciil Mhuile.
Air dhuinn toiseachadh ri labhairt ri cheile
mu thimchioll sin, dh’ fheoraich duin-uasal
Sasunnach gu modhail, ciod an diithaich d’am
buineamaid ?
“ Do Albainn” fhreagair Peigi.
“ Ciod a’ chanain a bha sibh a’ labhairt ? ”
dh’ fharraid e ; “ shaoil leam an toiseach gu’m
b’i Ghearmailteach a bh’ ann ach an sin thug
mi ’n aire nach b’ i.”
“ ’S i Ghaidhlig a tha sinn a’ bruidhinn,”
fhreagair Peigi.
“ Seadh ! ” ars an Sasunnach, “ ’S iongantach
an ni gu’m biodh canain choigreach mar sin
air a labhairt fathast ’san duthaich againn ! ”
Le ’r cead,” arsa Maisi gu h-ealamh, le a
suil a’ lasadh, “ ’S i Bheurla tha ’na teangaidh
choigrich an G&idhealtachd na h-Alba ! ”
Thug an Sasunnach clisgeadh, ghabh e aige
fhein, agus thuirt e gu h-aithghearr: “ Tha
thu ceart, a nigheann, agus cha d’ thug mi
fainear gus a nis gur ann mar sin a tha. Cha
di-chuimhnich mi e ’n ealachd—no’n dbigh air
an d’ fhuair mi fios air; ” ars e le aoidh, a’
toirt modh do Mhaisi, ni a thug rughadh
bbidheach ’na gruaidh.
Air dhuinn Parais a ruigheachd chum mi
orm fhein, agus leig mi le Peigi agus Maisi
l6t
sealltainn as d&gh ar treallaichean. Bha da
charbadair a’ sm&deadh aig an aon &m ri
cuideachd a bh’ air ar beulaibh, a dh’ fheuch¬
ainn cb de’n dithis aca a gheibheadh an togail
do’n Hbtel g’an robh iad a’ dol. Fhuair aon
fhear diubh a’ chuideachd mhor, agus ghabh
am fear eile a’ chuideachd againne. Ach
bha’n fheadhainn eile fada na bu bhreagha na
sinne ; agus an uair a bha’n da charbad a’ dol
a mach o’n cheann-uidhe air sreud a cheile,
thionndaidh an carbadair a bh’ air thoiseach
oimn a cheann ris an fhear againne, gus nach
mbr nach robh a smig air meadhon a dhfoma,
’s chuir e’n draon magaidh ud air a b’ oillteala
chunnaic mi riamh.
“ Marbhaisg air a’ bheisd ! ” arsa Ciorstan.
“ An deigh sin cha b’e h-uile Frangach ris an
earbainn mi fhein. ’San duthaich chnea;sd’
againne cha deanadh ach isean balaich braoisg
a chur air mar sin.”
Co dhiubh b’e ’n draon a mhill barail
Chiorstain air na Frangaich, cha’n aithne
dhomh ; ach cha robh aic’ orra tuilleadh ’na
dheigh.
Chaidh sinn a dh’ fhaicinn nan seallaidhean
iongantach agus annasach a tha tarruing
iomadh fear-turuis chun a’ Bhaile-mhoir sin.
Bha gu leoir ann gu ar cumail gun fhadal fad
bliadhna na’n robh sinn ’sa bheachd uibhir sin
de uine chur seachad ann. A chum agus gu’m
faigheamaid deanamh mar a thoilicheamaid
fad fionn an latha, an aite tilleadh chun an
tigh-osda bha sinn a’ gabhail greim bidhc’ait’
air bith am biodh e goireasach. Bha buird
bheaga air an cur fo fhasgadh aig dorus nam
biith, no fo sgaile nan craobh, far an robh
craobhan a’ fas. Bha sinn aon latha ’nar
suidhe mu bhord beag cruinn, an Doire
Boulogne, ag 61 cupan cAfe. Bha Ciorstan a’
talach air an tea a bheireadh na Frangaich
dhi; mar sin bha sinn am bitheantas ag ol na
cafe chiataich. Ach, mar a thubhairt mi, bha
sinn aig a’ bhord an uair a thug Peigi ’n aire
gu’n robh duine mor eireachdail a bh’ aig
bord eile goirid uainn, ag amharc gu dil ormsa.
Air do Pheigi so innseadh dhomh, thug mi
tionndadh an taobh a bha’n duine. Air an
ath mhionaid bha e nail ’na leum, ’s mo lamh
aige ’na dhbrn ’ga crathadh mar gu’n cuireadh
e as a’ ghualainn mi.
“ Gu d6 so ! Gu de so ! Eoghart Ban an
Dromain a choinneachadh ’san Fhraing ! ” ars
e. “ Agus so Ciorstan ; agus cuiridh mi geall
gur iad so do nigheanan, air an suaip ri
teaghlach an Dromain ! ”
Dh’ eirich mi, agus greim aige fathast gu
teann air laimh orm. “C6 sibhse ? ” arsa mise,
a’ dearcadh gu durachdach an clar an aodainn
air. Cha’n’eil cuimhn’ agam gu’n do choinn-
ich sinn riamh air an t-saoghal so.”
“Ma t6. ’s ann air an t-saoghal so a b’ aithne