Skip to main content

‹‹‹ prev (176) Page 168Page 168

(178) next ››› Page 170Page 170

(177) Page 169 -
AN DEO-GREINE.
169
’s mar a tha i,” cus molaidh a bhaireagadli air
dilseachd neo-thruaillidli Clannaibh nan Gaidh-
eal, air son an doigh aims na dhion a’ eliuid bu
bhochda dhiubh an aghaidh bribean agus
bagraidheau uachdranachd cumhachdach Shas-
uinn, am fogarrach ribghail a chuir na h uiread
de ’thim seachad ann an uamhan, ’san creagan
an Eilein Sgitheanaich. Cha ’n e a mhain gu
’bheil fibr bhardachd ann an so, ach tha fi6r
bheusachd ann cuideachd ; agus tha so ’na
earrann de chliu maireannach ’nar n-eachdraidh
a tha ann an dbighean eile muladach agus borb.
Ann an dbigh dhligheach tha so a’ cur urram
neo-bhasmhor ri cliu nan Ceilteach.
Tha Uiseart ’na sgriobhaidhean mu Mhontrose
a ’toirt iomradh air cruadalas nan Gaidheal ann
a bhi coinneachadh le foighidean na duilgh-
eadasan niora a bh’aca ann a bhi teicheadh
roimh Bhaile am Peart. Fad thri fichead mile
Albannach (comh-ionnan ri ceithir fichead ’sa
deich de mhiltean Sasunnach), bha iad gu trie
an cath, gun stad air an astar, gun bhiadh, gun
chodal, gun fois no urachadh. Eadar gu’n creid
luchd aiteachaidh rioghachdan cein, agus an
iarmad a thig an dbigh so, no nach creid, eba'n
urrainn mi innse; ach tha mi cinnteach nach’eil
mi cur sios ach na’s aithne dhomli gu maith.
Am measg saighdeirean glbusd agus urramach,
an Sasuinn agus Jsan Ghearmailt, agus ’san
Fhraing, cha b: ainneamh a chuala mi’n toiseach
a bhi air a’ toirt do ’n turus dhoirbh so, air a’
Jshuaidh chogaidh bu mhotha ’choisinn Mon¬
trose.”
Bho Skene gheibh sinn:—“Bho sguir na
cogaidhean is bho thainig sith am measg nam
beann thainig adhartas iongantach air na
Gaidheil; agus le firinn faodar a’ radh gu’r li iad
a nis an sluagh as crabhaiche’s as modhannail
ann an Alba. Am measg sluagh borb is e
bardachd a’ cheud doigh anns a’ bheil each-
draidh air a’ cumail air chuimhne. ' Bha ’n
cleachdadh so gu sbnraichte r’a fhaotainn ’sa
Ghaidhealtachd;”
Bha Martain Martain air chuart ’sna h-
eileanan-a-sior mu thimchioll 1695. Tha esan
ag aithris gu ’n robh an luchd aiteachaidh an
cumantas innleachdach ann am morar^ de ’n
deantanasan ; grad-thuigseach ’nan smuaintean;
lamh-charach ; agus inoran diubh—firionn agus
boirionn—comasach air bardachd a chur cruinn,
gu’n ni bu treise na uisg an fhuarain. Tha mor
dheigh ac air cebl. “ ’Nuair a bha mi air
taobh a siar Leodhais,” ars esan, “bha ochd fir
dhiag ’san aite a chluicheadh air an fhidhill gun
ionnsachadh fhaotainn o neach ’sam bith. Gib
aoidheil ’nan nadur; ealant air snamh, leum,
cruinn-leum,boghadaireachd,agus’naniasgairean
tapaidh, gleusda. lomraidh iad fad an latha air
aran is uisg, is beagan snaoisean tombaca. Mu
luchd aiteachaidh nan eileanan an cumantas
their mi gu ’bheil iad, a thaobh doigh aoraidh
is beusalachd, air thoiseach air miltean aig a
’bheil barrachd chothroman air iad fein a
leasachadh anns na nithean so. Tha gliocas
nadurrach comh cheangailte riutha, agus tha
eadhon an sluagh cumanta a’ taisbeanadh barr¬
achd gliocais os ceann an staid no tha sluagh
’sam bith a chunnaic mi an dixthaich ’sam bith
eile. Tha iomadh diubh a’ tionngainn fuinn a
tha gle mheasail an ceann a deas na h-Alba,
agus tha luchd ciiii! ann an sin a’ toirt ainm ur
do na fuinn air son toirt air muinntir a
chreidsinn gu ’r iad fhbin a chuir cruinn iad, ach
ch'a dean sin a’ chins. Tha’m fonn ag aithris
c’ait na dhealbhadh e. Chunnaic mi iomadh
oidhirp de’n t-se6rsa so. Tha cuid diubh gle
ealant air dealbhan chraobh, eoin, fhiadh, chon,
is mar sin air adhart, a shnaidheadh a mach a
cnaimh, adhairc, fiodh, gun inneal ach sgian
gheur, bhiorach ’nan laimh. Tha spiorad
bardachd aig moran diubh, agus cha ’n e mise a
mhain a tha de ’n bheachd gu ’bheil na h-6rain
is na dain a tha iad a’ cur cruinn, co-dhiubh
comhionnan ann am maise’s an luach ri biudachd
sean no ur a chuala mi riamh. Tha cuimhne
laidir aca; chi iad astar mor. Tha mi-shonas
am foghlum, agus cion cothrom conaltraidh ri
cinnich rioghachdan cein a’ dunadh a mach uapa
cothroman air son na ceud-fathan a bhuilich
nadur orra a chur an cleachdadh, agus an
deanamh maiseach. Air an laimh eile, tha an
aineolas air dubhailcean an t-saoghail na’s
follaisiche ’nam measg, na tha uile chomhairlean
feallsanachd am measg nan Greugach. B’urrainn
domh moran droch cleachdaidhean aithris air son
nach ’eil ainm aca. Tha’m biadh simplidh.
Cha ’n fhaca mi neach ro-shultmhor ’nam measg,
ni mo a chunnaic mi aon a bha bochd ann am
pearsa.”
Ciad bliadhna an deigh so tha ’n t-Ur ram ach
Tain Lane Buchanan, a thug ochd bliadhna
’saothrachadh comh cheangailte ri Eaglais na
h-Alba ’s na h-eileanan-a-siar, a ’toirt an aon
teist ri Martain, air na Gaidheil a thaobh an
cliu, ’s am feartan. Is mar an ceudna Mgr.
Tain Noes a chuir leabbar cruinn mu iasgach air
taobh a siar na h-Alba; ach tha n’ as leor
sgriobhta aig an am air dealbh nan Ceilteach an
eachdraidh.
HOMESPUN.
TWEEDS—’guaranteed genuine by An
Comunn Gaidhealach—sold by B,. G. Lawrie,
60 Renfield Street, Glasgow; K. MacLean,
Son & Co., Tailors, 4 Bridge Street, Aber¬
deen. Suits and Costumes made.