Skip to main content

An Comunn Gàidhealach Publications > Deo-gréine > Volume 10, October 1914-September 1915

(169) Earrann 11, Ceud Mìos an Fhogharaidh, 1915

‹‹‹ prev (168) AdvertisementsAdvertisements

(170) next ››› Page 162Page 162

(169) Earrann 11, Ceud Mìos an Fhogharaidh, 1915 -
AN DEO-GR.EINE
Leabhar X.] Ceud Mios an Fhogharaidh, 1915. [Earrann 11.
CLAR-INNSIDH.
A Bhliadhna gus an Diugh, ------- 161
An Comunn Gaidhealach—Meeting at Inverness, - - 163
“ Dealbh a 'Cheiltieh le Seanachaidhean Albannach,” - 166
’d Oianail mi bho 'n dh’ fhalbh an Comunn, - - - - 170
Notes, - - - 170
Religious Reading for Highland Soldiers and Sailors, - - 171
Open Letter to John M. MacLeod, Esq., M.P., - - - 172
Seomar a’-Chomuinn an Tigh Eiridinn Taobh-Choille,- - 173
Lace-Making in Lochfyneside and Kintyre, - - - 174
Review, 175
A BHLIADHNA GUS AN DIUGH.
C6 ’nar measg a dh’ fhairich an osag bu lugha
de ’n chuairt-ghaoith a sguab thairis air an
Roinn-Ebrpa mu Lunasdainn’s a chaidh, agus a
chuir daoine ’nam breathal le geilt 1 Air na
thachair bho ’n am sin, tha fios aig an t-sluagh
air fad, agus fhuair iad an suilean fhosgladh mu
nadur an fhuatha’s na graine a bha bruich ann
an inntinn na Gearmailte d’ ar taobh, ged bha
iad a leigeil orra gu ’n robh iad cairdeil. Cha ’n
fhaighear eisimpleir air a leithid a’ cheilg, cho
fad’s a’s aithne dhuinn, an eachdraidh riogh-
achdan criosdail eile air thalamh. TMlaidh i
ar luchd-riaghlaidh le ’caidreamh cealgach bho
km gu am, agus a dh’ aindeoin gach rabhadh a
fhuair iad, cha bu leir daibh an fhoill, no maf a
bha cuisean a’ cuimseachadh. Fhuair sinn
sanas no dha, eadhoin bho Ghearmailtich fhein
air dhaibh a bhi ’tadhal ’n ar duthaich, agus a
sealbhachadh ar n-aoidheachd. Gidheadh mheas
sinn e mar fhealla-dha. Ach bha ’n ‘‘ latha ” a’
tighinn na V fhaisg’ air laimh; bha na nebil a’
fks na bu duirche, agus mu dheireadh thall,
sgain iad. Bha na tkirneanaich oirnn mu ’n
d’ fhosgladh ar suilean. Tha ’n stoirm a’ sior
shbideadh fhathast, agus ’s ann aig Ni Math
Fein a tha fios cuin a thig hath. ’Na luib,
chaidh iomadh fiuran ciatach a dhith, agus
tuitidh iomadh laoch eile gu Ikr mu ’n tig sith.
Tha iomadh bothan, is Tigh-M6r, feadh na tire
fo thuirse—“ Rachel a’ gul air son a cloinne, a
chionn nach ’eil iad ann.” Ach cha dhiult i a’
chomhfhurtachd a shruthas bho ’n fhaireachadh
gu’n d’rinn ise agns iadsan an dleasdanas as
airde cliu—iobairt air son grkdh-duthcha. Mar
am faighear an ainm snaighte air lie marmoir,
tha ’n cuimhneachan taisgte an cridhe na
rioghachd.
Tha ’n namhaid daingnichte’s na claisean an
diugh far an robh e a bhliadhn’ an ama seo,
agus tha Belgium, cuide ri stiall de ’n Fhraing,
fo sha.il na Hunach a shaltair fo ’n casan gach
lagh beusail anns an robh daoine a’ cur muin-
ighin air son math an t-saoghail. Tha sinn
fhathast an teis-meadhoin a’ chunnairt, agus
cha ’n ’eil air ach a’ bhoneid a’ jsgrogadh na’s
teinne, ma’s e’s gu ’n cum sinn ar casan am
measg na h uprait tha dol air adhart, faodar a
radh, anns na speuran shuas, air an talamh
shios, agus fo na h-uisgeachan, gun fhacal air an
toit futharnail a tha na bruidean a’ leigeadh mu
sgaoil a chum ar saighdearan a thacadh, ’nuair
nach teid aca an cuir air ais le dbigh eile. Chaidh
rudeigin ebarr air meidh na h-inntinn, ’nuair a'
thilg a’ Ghearmailt i fhein fo bhuaidh ghniomh-
aran oillteil,
An deidh na thachair gu seo, gheibh sinn
cuid nach do thuig fhathast na bha’s an amharc
aig a’ Ghearmailt; agus tha grunnan ’nar tir
nach ’eil ro chinnteach gu ’m bu choir do
Bhreatunn lamh a ghabhail ’s an chbmhraig
idir. Tha iad cho rag ’nam barail ’s nach
tugadh iad geill ged thigeadh, eadhoin, Maois