Skip to main content

An Comunn Gàidhealach Publications > Deo-gréine > Volume 10, October 1914-September 1915

(9) Earrann 1, Mìos Deireannach an Fhogharaidh, 1915

‹‹‹ prev (8) AdvertisementAdvertisement

(10) next ››› Page 2Page 2

(9) Earrann 1, Mìos Deireannach an Fhogharaidh, 1915 -
AN DEO-GREINE
Leabhar X.] Mios Deireannach an Fhogharaidh, 1914. [Earrann 1.
CLAR-INNSIDH.
Uilleam-Gim Chfeill—Plaigh na roinn Eorpa, . . - • 1
An Coraunn Gaidhealach—Annual Meeting at Oban, • - 3
Oban M6d, 1914—Literary Competitions—Prize List, ■ - 4
Fourth Report of the Development Commissioners, - • 6
The Revival of the Cornish Tongue, . - . . • 6
Duanag do ’n Ghaoith, 8
Bagpipes and Kilts, etc., 9
A’ Bhanais a bha’ n Dun-Fada, ----- 10
Review, 11
Concerts in aid of Relief Fund,' 12
An Comunn Gaidhealach—List of New Members,. - - 12
An Comunn Gaidhealach—1914 M6d Donation List, • 12
UILLEAM-GUN-CHEILL—PLAIGH NA
ROINN EORPA.
Tha ’n saoghal a nis a’ faicinn toradh an
t-soisgeil uir a chaidh a chur air chois aims
a’ Ghearmailt le feallsanach mor do’m b’ainm
Nietzsche o chionn corr agus deich bliadhna
fichead. Dh’ fhas e ceum air cheum mar a
dh’ fhasas na b-uile droch bheus. Fhuair e
buaidh air inntinn nan daoine uaibhreach;
chreid iad e do bhrigh gu ’n robh e ’cord-
adh ris an ardan a ghabh greim orra, agus
a thug a chreidsinn orra gu ’in b’ iad fhein
daoine taghte na h-Eorpa. Chaidh lagh nam
inodhannan mar rian giulain a thilgeadh an
darna taobh. ’Nam beachd, cho robh aim
aeh fuigheall an t-saobh-chrabhaidh ris an
canar an creideamh Criosduidh ! Ciod e
’feum a tha ann an creideamh a bhios a’
nochdadh ceartais- no trocair do’n dream a
tha anmhunn agus lagchuiseach ? Mar is
luaithe a theid iad as ’sann is fhearr ; cha
’n ’eil iad ach a cur moille air an rian
nuadh a tha ’teagasg gur beannaichte na
daoine treun anns am bheil spionnadh cuirp
agus inntinn ard, oir sealbhaichidh iad an
talamh mar oighreachd. Eiridh an sdisgeul
ur ’na mhorachd; an soisgeul a dhiultas
aite do thruacantas; an soisgeul a dh’fhoilt-
sicheas neart os cionn ceart! Nach uamh-
asach an deireadh chun an tig ionnsachadh
cuid de nam feallsanaich an uair a bhios iad
air at suas le uaibhreas mi-chneasda, agus
a theid iad air seachran air slighe na Firinn.
O chionn fhada bha. uidh mhor aig diadh-
airean na Gearmailt a bhi a’ sgrudadh agus
a’ tolladh mu thimchioll cinnteachd a’ chreid-
imh Chriosduidh, agus cha , ’n fhoghnadh
ach cuid de nam ministearan againn fhin
bliadhna no dha a chaitheamh ’nam measg
air son an deasachadh na bu choimhlionta
air son cupaidean ar duthcha, mar gu’m
b’ fheairrde lagh nam modhannan boinne ho
dha de phuinnsean na Geannailt air son a
dheanamh na bu bhlasda. Chord an soisgeul
ur gu ro mhath ris na Gearmailtich fhein,
agus tha iad a’ dearbhadh an toraidh an
diugh. Ghabh an t-Impaire fhein an galar,
a dh’ aindeoin cho trie ’s a bhios ainm
a’ Chruithfhear air a bhilean toibheumach.
Fhuair amaideas na feineileachd agus an
uaimhretts a leith'id a bhuaidh air agus gu’m
bheii e a’ creidsinn gu ’r h-e an cinneach
Gearmailteach an aon chinneadh a thagh am
Freasdal a chum truaghain eile an t-saoghail
a chuir anns a’ mholltair a dhealbh e fhein
air a son! Mur. deach a shuilean fhosgladh
a nis leis a’ chogadh seo, tha e dall da
rireadh.
Cha do chreid e fhein na a luchd-eomhairle
gu’n rachadh Breatunn cho fad ’sa chaidh
i air son crioman paipeir! Ach air a chri-