Skip to main content

‹‹‹ prev (14) Page 6Page 6

(16) next ››› Page 8Page 8

(15) Page 7 -
AN DEO-GREINE.
7
ioghnadh, le mi -cholas ’s *le seorsa de thruas,
mar ndminntir a tha stri ri amaideas ’s a tha
’caitheamh a neirt ri ni a tha do-dheante—
’s e sin a bid ’cumail ’na Gaidhlig beo far
am bheil i fhathast slan, ’s ’ga h-ath-bheoth-
achadh far am bheil i air fas fann. Tha
chead aca. Cha ’n aithne dhoibh na ’s fearr
’s feumaidh sinn a bhi giulan leo le foigh-
idinn. ’Nuair a bha Nehemiah ’sa chairdean
ag ath-thogail ballachan lerusaleim bha iad
ann, a rinn fanoid oirre ’s a rinn spors diubh,
ach cha do thionndaidh sin iad bho ’n obair
a ghabh iad o’s laimh—chaidh na ballachan
a thogail ’s luchd na fanoid a chur gu
naire. Tha sinne coma co dhiu tha daoine
’gar moladh no ’ga ar di - mbladh, ’ga ar
cuideachadh na ’ga ar bacadh, ’s ledr e
dhuinne mar dhuais an toilinntinn ’s an riar-
achas a tha ar cridheachan fhin a’ faighinn
anns an obair ’s anns an 'toradh, ged nach
’eil e cho pailt ’s bu mhath leinn, a tha
sinn a’ faicinn a’ sruthadh bho ar saothair.
Cha ’n ann aig an am so ’nuair a tha sinn
a’ faicinn luchd labhairt na Gaidhlig a’ dol
na’s lugha bho bhliadhna gu bliadhna a
thigeadjh e dhuinfn a bhi pasgadh ar lamhan
’sa call ar misneachd. Cha’n urrainnear
aicheadh, gu ’m bheil aireamh na muinntir
tha bruidhinn na Gaidhlig a’ dol na’s lugha;
tha dearbhadh againn air nach urrainn
dhuinn a chleith anns a’ chunntas a chaidh
a chur a mach bho chionn ghoirid le brdugh
na Parlamaid air an aireamh a tha ’ga labh¬
airt air feadh na duthcha. Cha ’n ’eil mi
dol a leudachadh air a’ phuing seo oir oha ’n
’eil e taitneach dhomhsa na dhuibhse, ’s cha
toirinn iomradh idir air mur biodh gu bheil
e cho trie air ainmeachadh mar chomharradh
air cho beag buaidh ’s a tha’leantainnsaoth-
ar a’ Chomuinn. Their iad ruinn “tha’nCom-
unn air bonn da bhliadhna-ar-fhichead ’sa’
dh’ aindeoin nan oidhirpean a tha e gnath -
achadh, tha Ghaidhlig a’ sior dhol as.” Ach
ged nach ’eil gnothuichean c*ho math ’s a bu
mhath leinn, cia mor bu mhios a bhiodh iad
a’s eugmhais obair a’ Chomuinn agus nan
oidhirpean a tha cairdean dileas na Gaidhlig
an taobh a muigh de ’n Chomunn a’ cur an
gniomh. A bharrachd air a sin tha e oeart
gu’m bitheamaid a’ cumail air chuimhne,
ged tha ’n Comunn an aois a dh’ ainmich mi,
naeh ’eil a’ bheag a bharrachd air leth-dusan
bliadhna bho na bha e ann an suidheachadh
a bhi giulan air adhart da rireadh na
criochan a th’ aig anns an amharc. Cha ’n
’eil an Comunn fhathast ach aig tus a bhursa
’s bidh gaoh bliadhna ’tha dol seaohad a’ cur
r’a dheanadas’s r’a neart. Chi sinn aig ceann
deich bliadhna eile co-dhiu tha sinn a’buan-
achadh no a’ call anns a’ chath. Tha am ar
dearbhaidh air thoiseach oirnn, agus ma
bhios a’ cheart sgeul ri innse ’nuair a thig an
ath chunntas air aireamh an t’ sluaigh a
mach, bidh e ’na chomharradh dhuinn, cha’n
ann air gu ’n robh sinn cearr ann a bhi stri
an aghaidh ni a bha ’n dan tachairt, ach gu
’n robh na h-innleachdan a bha sinn a’
cleachdadh a’ tighinn gearr ann an gliocas
’s ann an seoltachd. Bhuinneadh e dhuinn
ma ta a bhi cur ar n’ inntinn ’s ar cridhe
’s ar neart anns an obair a tha romhainn
ann an tomhas na ’s mb na rinn sinn
fhathast, ’s ma ni sinn sin, cha ’n ’eil teag-
amh ’sam! bith agam nach soirbhich leinn.
“Ma theid a’ Ghaidhlig as,” ann am briath-
ran ar caraid ionmhuinn Coinneach Mac-
Lebid, “cha teid i as na h-aonar,” ’s tha sin
fior. ’S mor a dh’ fhalbhas leatha a tha
luachmhor, ’sa bu choir a bhi muirneach
againne mar Ghaidheil. Theid mbran de ’n
spiorad sin, a tha ’gar comharrachadh a
mach mar shluagh fa leth, a dhith maille
ri. ’S; i an ceangal a tha eadarainn ’sa
chuid sin as priseil ’s as ibnmholta ann am
beatha ’s an cliu nan daoine bho an d’
thainig sinn. ’S i ’chainnt a’ dhealbh iad is
motha a tha cur do sholus dhuinn air gne is
spiorad ar n’ athraichean. Ma leigeas sinn
air di-ehuimhn’ i, tha sinn a foillseachadh
do ’n t-saoghal gu’m bheil sinn debnach a
bhi deanamh sgaradh buan eadar sinn fhin
is cuid de na nithean, b’ oirdheirce ’s a bu
luach-mhoire anns na linntean a chaidh seach-
ad, ’s ann an eachdraidh, ’s am beatha ar sinn-
searan. Cha ’n ’eil fear no te an seo, tha
mi creidsinn, leis am bu mhath a bhi tuit-
eam fo ’n diteadh sin.
Tha da cheud mile fhathast a’ bruidhinn
na Gaidhlig ann an Alba. Na ’n rachadh
a’ chuideachd mhor a tha sin air adhart gu
h-aon inntinneach, le aon run ’gan gluasad
’s leis an aon chrioch fa ’n pomhair, cha ’n ’eil
cumhachd air thalamh] a sheasadh ’nan agh¬
aidh. ’Se ar miann ’sar dbchasabhi ’gan
ceangal ri cheile le “banntan daingeann”
chum a bhi ’oogadh air taobh a’ chainnt
mhatharail—a’ chainnt, thar gach cainnt, is
milse ’s a’s binne ’s a’s brighmhoire ann an
cluasan an fhior Ghaidheal—
Diiisg suas, a GhiUdhlig, ’s tog do ghuth,
Na biodh ort geilt no sgaig ;
Tha ciadan mile dileas duit
Nach diobair thu’s a’ bhlar ;
Cho fad’ ’s a shiubhlas uillt le sruth,
’S a bhuaileas tuinn air traigh,
Cha ’n aoutaich iad a’n cainnt no ’n cruth
Gu ’n t6id do chur gu bis.