Skip to main content

An Comunn Gàidhealach Publications > Deo-gréine > Volume 9, October 1913-September 1914

(9) Earrann 1, Mìos Deireannach an Fhogharaidh, 1913

‹‹‹ prev (8) AdvertisementAdvertisement

(10) next ››› Page 2Page 2

(9) Earrann 1, Mìos Deireannach an Fhogharaidh, 1913 -
AN DEO-GREINE
Leabhar IX.] Mios Deireannach an Fhogharaidh, /p/J. [Earrann i.
CLAR-INNSIDH.
AmM6d, 1913—Parlamakl na Gaidhlig an Dund(5, • - - 1
Twenty-Second Annual Mfld of An Oomunn Gaidhealach, - 2
The Children’s Day, 3
The Junior Concert, ... - 3
Opening Ceremony—The President’s Address, ... 4
Gaelic Oration, 6
Dundee’s Welcome to Visit, 8
The Chief Day of Honours—Prof. Bantock’s frank criticism,- 8
The Grand Gaelic Concert, 9
The Ball, 10
An Comunn Gaidhealach—Annual Meeting, - - - - 10
The Prize-List, 11
An Comunn Gaidhealach—List of New Members, - - -15
1913 Mod, Dundee—Donation List, ... . -15
AM MOD, 1913.
PARLAMAID NA QAIDHLIQ AN DUNDE.
Bho ’n am seo an uiridh bha suil gach
neach a tha ’gabhail tlachd an obair a’
Chomuinn Ghaidhealaich air Dunde — am
baile mor ud ann an Siorrachd Fhorfair,
agus a tha cho ainmeil ’s oho adhartach am
malairt agus coimh-cheannachd. Co shaoil-
eadh gu ’n d’ rachadh aig Gaidhlig bhinn
nan gleann cuil fhaotainn a chum a bhi
’fas am measg uprait de ’n t-seorsa seo? Ach
an cruisgein a chaidh a’ lasadh le luchd-
imrich bheag Ghaidhealach an Dunde dir¬
each aig bliadhna Bhatarlu (1815), ohadeach
as fhathast. Chum an treud bheag bed e mar
a bha na Persianaich o shean a’ frithealadh
do ’n teine naomh aca fein. Mar sin tha
Comunn Gaidhealach Dhunde a’ fas o neart
gu neart, lionta le spiorad an sinnsearean,
agus shaoileadh tu gu ’n robh a’ cheart
spiorad a t ha ’g iathadh orra-sail mar ghal-
air-gabhaltach air burdeasaich a’ bhaile aig
am a’ Mhoid. Bha am fear aig nach robh
Gaidhlig a’ deanamh a mach le dian, ged
nach d’ fhuair e oothrom a h-ionnsachadh,
gu ’n robh i aig a mhathair, no aig a shean-
mhair. Bha baigh aige do ’n t-sean eibh-
leig ged dh’ fhalbh a beothachadh dhasan.
Bha aoidheachd na bhliadhna seo comharr-
aichte mar a bha i aig Mod 1902. Binn a
h-uile fear a ghabh fo’s laimh obair deas-
eachaidh a’ Mhoid a dhichioll, agus rinn
uaislean agus luchd-riaghlaidh a’ bhaile, Guide
ris an Ard Kiaghladair Prothaist Urchard-
ainn, gu h-eireachdail. B’ oirdheirc an seall-
adh a bha an talla nan dealbhannan lair
feasgar Diar - daoin — larlan, Ban - larlan,
mnathan uaisle is daoine uaisle, ’s iad uile
air an sgeudachadh cho riomhach le ’n cuid
sheudan is ailleaganan, agus gu’m bheil e
neo - chomasach dhuinne a chur ’sios an
Gaidhlig. Bha gach gnothuch a bhuineadh
do ’n Mhod air an cur an eagan a cheile air
a’ leithid a’ dhdigh, agus gu ’n do ruith
gach ni cho reidh, ’s cho socrach, ri sruthan
troimh urlar glinne. Dh’oibrich an da
chleireach, Mgr. Walker, Dunde, agus Mgr.
Mac ’Die Sheathanaich Icleireach a’ Chomuinn
Ghaidhealaich, ri guaillibh a cheile; laidir fo
bhuaidh cul-taic cuideachd-riaghlaidh Com-
uinn Dhunde. Cha mhiann leinn a bhi
’tairgse barail air aon Mhod an coimeas ri
Mod eile—cha bhiodh tairbhe ’sam bith an
sin—ach faodar a radh gu ’n chlaon-bhaigh
no cron, gu ’n d’ thug Mod Dhunde barr air
na chaidh seachad a thaobh an ionnmhais a
chaidh ac’ air a’ chruinneachadh—corr agus
cdig ceud punnd Sasunnach ! Math dh’
fhaoidte gu ’n abair cuid gu ’n d’ thainig an
reothairt mu dheireadh, agus gu ’r h-ann
an Dunde a chithear larach tiurr an lain
nach tachair a rithist. Na d’ thugamaid aite