Skip to main content

‹‹‹ prev (244) Page 188Page 188

(246) next ››› Page 190Page 190

(245) Page 189 -
An t-Sultuin, 1981. AN GAIDHEAL. 189
LEIS AN FHEAR DHEASAICHIDH.
Bha sluagh na Bioghachd air an cunntas gu
leir o chionn tri miosan air ais. Mar bha
fiughair aig moran tha lughadachadh air an
aireamh a tha ’labhairt na Gaidhlig an Alba.
Is dualach gu’m biodh sin ag aobhrachadh
iomaguin do ’n fheadhainn a tha eudmhor as
leth na Gaidhlig. Ach feumar breith-
neachadh a chleachdadh. Feumar beachd a
ghabhail air cuisean, a dh’fheuch an e mi-
churam de ’n chanain is aobhar; ar neo am
bheil oabhar no dha eile a tha ag
oibreachadh an aghaidh na Gaidhlig.
* * *
Tha fhios againn a cheana gu bheil luchd
aitich na duthcha a’ sior dhol do ’n bhaile
mhor. Mhair so fad nan deich bliadhna
chaidh thairis, eadhon mar; mhair © o chionn
dluth air ceud bliadhna. Chan ann na’s lugha
a tha an sruth sin a’ fas. Ach ged tha an
sluagh a’ treigsinn an fhearainn, chan eil sin
a’ ciallachadh gu feum iad an canain a
threigsinn. Is e an rim a tha anns an air©
aig A’Chomunn, agus aig buidhnean eile
coltach ris A’Chomunn, gu’m biodh a h-uile
neach aig a bheil Gaidhlig ’ga labhairt anns
gach ait© am bi iad. Thainig cuisean an
t-saoghail gu leithid d© charadh is gu bheil
tuathanachas is gniomhachas de gach seorsa
a’ fulang, agus le sin gu bheil an luchd
oibreach a’ gluasad gu aite no duthaich sam
bith anns am faigh iad cothrom air an Ion a
chothachadh. Tha an sluagh gu leir a’ fulang
cho maith ris a’ Ghaidhlig; agus mar sin
cumamaid suas ar dochas gu’n teid a’
chuibheal mun cuairt agus gu’n tig latha na’s
fhearr do na Gaidheil agus do ’n canain.
Ach tha aobhar cudthromach eile airson a’
Ghaidhlig a bhi na’s laige aig an am so na
bhitheadh i mur b’e gu’n do thachair an
Cogadh Mor. An aon fhacal is bronach ri
thoirt fainear gu’n do thuit na ceudan, is
eadhon na miltean, de oganaich Ghaidhealach
anns a’ Chogadh. Bhiodh iad sin gu leir,
na’m biodh iad fathast bed, air an cunntas
am measg ar luchd Gaidhlig. Agus chan e
mhain gu’m biodh iad fein air an cunntas ach
bhiodh an clann ’oga gan cunntas cuideachd.
Oir is dualach a reir cursa naduir gu’m biodh
a’ chuid bu mho d© na gaisgich fhallain
fhoghainteach sin iad fhein ’nan cinn
theaghlaich agus ’nan aithrichean. Is mor
mor da riribh an tilleadh a thug bas na
feadhnach sin air eachdraidh na Gaidhlig ri
ar linn. Ach tha sinne bed fathast. Tha an
cothrom ri ar laimh. Glacamaid an cothrom,
agus cuidicheamaid a’ chanain a’ seasamh
ait© nan gaisgeach nach maireann.
* * *
Thainig leabar gu ar laimh a thug mor
thaitneas dhuinn. Is e sin lam Aluinn air
eadar-theangachadh gu Gaidhlig na
h-Eireann. Is e an t-ughdar, mar is maith
tha fhios agaibh, An t-Ollamh Niall Mac An
Rothaich, nach maireann. Is e an t-eadar-
theangair Sean Toibin, am baile na Corcaigh.
Aig am bais an ughdair o chionn ghoirid,
thugadh gearr iomradh air a chomas mar
sgriobhaiche. Is © Iain Aluinn a cheud
obair leis an do dhearbh An Rothach a
lamh mar fhear ©aldhain deas an alt an
sgriobhaidh. Choisinn an leabhar ud cliu do ’n
ughdar fein, agus nochd e do ’n t-saoghal ciod
an t-inntleachd a tha fathast an sliochd nan
Gaidheal gu sgeul innseadh le bias is buaidh.
Tha a’ cheart sgeul an so air a tairgse an
Gaidhlig mhaisich na h-Eireann. Is i a’
Ghaidhlig a’ chanain a tha nadurrach
freagarrach do Iain Aluinn. Is ann
Gaidhealach da riribh a bha an
t-ughdar; Gaidhealach a bha a spiorad,
a mhac meanma, a bhreithneachadh;
agus faodar a radh cuideachd gur
ann o’n Ghaidhlig a fhuar © an loinn ghrinn
a tha comh-cheangailte ri a chuid Beurla.
Tha an t-eadar-theangachadh air leth
taitneach is cothromach. Bu choir do gach
Gaidheal Albanach eblas as ur a chur air
Iain Aluinn anns an eideadh nuadh anns a
bheil e a nis air tighinn am follais. Bithidh
an leabhar ur feumail mar leabhar leughaidh
anns na h-ard sgoilean, agus anns na
h-oilthighean. A Phris, 2/-.
$
THE HIGHLANDS.
It is surely a proof of the awakening of
interest in the Highlands that such an
important journal as the Scots Observer
should devote practically an entire number
to articles which concern the Highlands.
The words of the editor should be quoted:
“Our Highlands have been depopulated at
such a rate that the race at its fount and
origin is threatened with extinction. This
number of the Scots Observer is intended to
help restore the balance of our national
perspective. The Highlands must come
within the conscious thought of every man
and woman planning a revival of Scotland.
Should trade boom again, the. Lowlands
with their Black Belt will automatically be
swept into the stream, but the Highlands
will remain in the present backwater unless