Skip to main content

‹‹‹ prev (221) Page 169Page 169

(223) next ››› Page 171Page 171

(222) Page 170 -
170
AN GAIBHEAL.
An Lunasdal, 1931.
A’ GHAIDHEALTACHD 0 SHEAN.
Le Iain MacCormaig.
II.
B ’ annamh nach biodh piobaire air eigin
diubh, agus eadhon air druim a’ chuain
bhiodh Ian aighear air b6rd. Is minic nach
biodh de6 o adhar, agus an uair a bhiodh
na b&taichean gan tulgadh, ’s siuil a’ gluasad
leis na h-oiteagan maoth, cha bhiodh duine
air bbrd nach biodh guanach cebhnhor. Air
druim a’ chuain an sud, is an oidhche a’ cur
cearcail mu ’n cuairt orra, bhiodh sgeul is
bran air shiubhal; rachadh fuaim na pioba
fada air astar anns an t-samhchair; thogadh
an rbn a bhiodh air an sgeir mhara a cheann,
is shleamhnaicheadh a chom gu socrach do
’n uisge, agus a’ snamh mu’n cuairt, air a
thaladh leis a’ chebl thogadh e a cheann
maoi a dh’ eisdeachd. Ach ri uine ruigeadh
gach bata cala, agus rachadh gach aon feadh
a’ bhaile air a ghnothuch. A lion beag is
beag bhiodh gach bata a’ toirt a steach a
bathar fbin. Bhiodh cailleachan ann a
cheannaicheadh nithean leis an siiibhladh
iad an duthaich, snathadan, snath-fuaghail,
meurain, agus gach ni a bhiodh feumail
airson banas tighe.
Anns na l&ithean ud bha obair fein an
crochadh ris na h-uile h-am de ’n bhliadhna.
Aon uair ’s gun tigeadh an t-earrach a
stigh bha obair gruinnd is iasgaich a’
toiseachadh. Rachadh gillean sgairteil
milltean a mach do ’n chuan a dh’iasgach
throsg is langachan. Cha b’ obair a
nasgaidh, ach bha buaidh an cois an
saothrach; oir bha a leithid de thoradh anns
a’ chuan an uair sin is gun abradh iad gu
robh acair de ’n chuan cho maith ri acair de
ghrunnd.
De chleachdaidhean na Gaidhealtachd
cha robh aon cho uirsgeulach ris an airidh.
Cha robh dlon air an talamh bharra; agus
aon uair is gu robh am barr a’ gobachadh,
rachadh an crodh a chur air airidh fad air
falbh a measg nam beann. Rachadh nighean
as gach tigh an cois an treud fein; agus a’
cur suas am bothaig an uchd na beinne
chuireadh iad seachad an Samhradh gu
sunndach a’ deanamh ime is ckise, far nach
robh nl a bhriseadh samhchair ach osnaich
na gaoithe, no gogail a’ choilich is tuchan
na circe.
An uair a bhiodh an t-eadradh seachad,
is a shuidheadh na caileagan ri buachaill-
eachd, thigeadh fuaim nan luinneag gu
ceolmhor o’n ghleann. Mun tigeadh ball
dubh air an fheasgar thigeadh oganaich a’
bhaile. Bhiodh aighear am bothagna h-airidh
gach oidhche gus an cuireadh deireadh an
fhoghair na gruagaichean gu baile.
Chan eil teagamh nach robh an corr de ’n
t-saoghal am beachd gu robh muinntir na
Gaidhealtachd a’ cur an cinn fo ’n sgiathan
fad na dudlachd, an uair a dh’acraicheadh
na nebil dhubha iad fein ris na beanntan,
agus a bhriseadh an cuan siar air na
cladaichean. Bhiodh an latha goirid trom,
is an oidhche fada dorcha.
Chan eil teagamh nach ann o ’n t-seorsa
dealbha so a thug coimhich am beachd gu
bheil aigne an t-sluaigh fo bhuaidh nan
siantan. Ach ciamar a bhitheadh, an uair
nach eil nl de obair na duthcha ris an cuir
iad lamh nach ann le fonn brain. An uair
a shuidheas gillean air an ramh cuiridh
fuaim. an iorraim togar anns an iomram.
Beigidh a’ bhb am bainne air a t&ladh le
luinneig na banaraich; is bidh crbnan na
cuibhle a’ comhmheasgadh ri fuaim na
duanaig. Is e neach a bhiodh aineolach air
cleachdaidhean nan Gaidheal a shamh-
laicheadh duaichnidheachd riutha. Tha
nadur a toirt comas do ’n duine mu
choinneamh gach suidhichidh. Fasaidh an
tarmachan geal ’s an gheamhradh. Thig
craicionn molach air an agh a theid a
fasgadh na coille ris a’ ghaillinn. Air a’
mhodh cheudna an duine, ni e dichioll air a
shuidheachadh a leasachadh. Tha an
Gaidheal a toirt togail air doilleireachd na
dudlachd leis a’ cheilidh. Dh’eirich a’
cheilidh a measg nan Gaidheal cho nadurra
sa chinneas luibh as an talamh.
Tha fear litreachais Sasunnach mar tha
H. G. Wells ag rkdh gun do chum a’
cheilidh beb moran de litreachas nan
Gaidheal ceudan bliadhna mun deachaidh
lide dheth an clb. Tha e deanamh a mach
gur e faide na h-oidhche anns a’
gheamhradh, is priomh aobhar do ’n
chleachdadh. Faodaidh gu robh an
cleachdadh so aig an treubh a bha an seilbh
na duthcha mun do thuinnich na Gaidheil
innte, agus gur ann uatha—san a fhuair sinn
ainm a’ chbilidh. Ach biodh sin is a roghain
da, tha e soilleir gur ann le rian nadurra a
chinn an cleachdadh. Cha robh baile beag
no mbr anns nach biodh tigh seach a cheile
a bhiodh comharraichte mar thigh ceilidh.
Math dh’fhaoidte gu robh fear an tighe ’n
a sgeulaiche, no gum biodh sgeulaichean a’
taghal ann, Thigeadh luchd na ceilidh a
steach, gillean is nigheanan, fir is mnathan,
sean is bg, aon uair is gum biodh crloch air
obair an latha ghoirid gheamhraidh.
(Ri Leantainn.)