Skip to main content

‹‹‹ prev (95) Page 71Page 71

(97) next ››› AdvertisementAdvertisement

(96) Page 72 -
72
AN GAIDHEAl.
An Gearran, 1931.
droim, solas mor ris a’ ghille 6g, mhaiseach,
agus gun dail’s am bith chuireadh Alasdair air
ceann airm a bha’ dol a’ thoirt comhraig do
fheachd bha bagradh orra fo stiuireadh
Chbirneal Donnchadh. Thachair Alasdair Mac
Colla air a’ choirneal aig an Abhainn Bhain,
agus an uine ghearr, sgapadh is ruagadh feachd-
airm a’ Choirneil an ear ’s an iar. Chaidh
Alasdair air agharb o bhuaidh gu buaidh ’gus
ma dheireadh an tainig ainm gu bhi ’na chulaidh-
uamhais d’a naimhdean, cha’n e mhain an
Eirinn, ach cuideachd an Albainn’s an Sasunn.
Thainig e le buidheann de Ghaidheil lonndroim
a’ thoirt comhnadh do Mharcus Mhontrois an
am bruaillein an Athleasachaidh. Tha each-
draidh agus seanachas ag innseadh dhuinn mu
na h-euchdan comasach a’ rinn an Dbmhnullach
gaisgeil ’na latha.
Tha’n naidheachd beag so a’ tilgeil gath-
soluis air laithean oige Alasdair Mhic Cholla,
agus aig a’ cheart am a’ cur leus dhuinn air
cleas fearail—air nach cluinnear a nis iomradh
idir—a chleachd na samhanaich o’n tainig
einn.
PADRUIG GOBHA.
(Le Aonghas MacMhaoilein.)
Bha Padruig Gobha am Pabai na Hearadh
na charaiche neo-chumanta. Cha robh duine
a dh’fheuchadh car ris, nach cuireadh e an
druim ri talamh. An uair chuala MacLeoid na
Hearadh mu dheidhinn, dh’fhalbh e gu Pabai
le a shluagh. Thainig fear as deidh fir de
dhaoine Mhic Leoid a ghleac ri Padruig agus
bha e a’ cur an droma ri talamh.
“ Is treun an duine thu a Phadruig ” arsa
MacLeoid, “tha thu a’ cur a h-uile duine a
thig thugad fothad. Is ann is fhearr dhomh
fein is duitse car fheuchainn ri cheile.”
“ Chan fheuch, chan fheuch,” arsa Padruig,
“ cha dean sin an gnothuch. Ma chuireas
mise mo lamhan umad a MhicLeoid, ni mi
ort da riribh mar a rinn mi air a’ chuid eile
de do dhaoine.”
“ U feuchaidh sinn car ri cheile, a Phadruig.”
“ Chan fheuch, chan fheuch, ma dh’fheuchas
mise riut cuiridh mi do dhruim ri talamh,
agus cuiridh sin tamailt ort.”
“ Tamailt ann no tamailt as, feuchaidh sinn
car ri cheile,” arsa MacLeoid.
Chaidh iad an caraibh a cheile, agus chuir
Padruig druim MhicLeoid ri talamh. Mar a
chunnaic fear de dhaoine MhicLeoid so, tharr-
uinn e a chlaidheamh, agus shath e am Padruig
e, is mharbh se e. Thubhairt MacLeoid—
“ Ciod e thug ort sud a dheanamh ? ” Agus
mar a chunnaic an duine gu robh fearg air
MacLeoid theich e.
“ Ruithibh as a dheidh,” arsa MacLeoid,
“ agus tilgibh an ceann dheth.”
Bha MacLeoid diombach. Ruith iadsan,
ach theich esan. Thainig e air bearradh
creige, far nach robh doigh aige air tionndadh,
agus chaidh e leis a’ chreig, is mharbhadh e.
Bha aon mhac aig Padruig, agus thug
MacLeoid leis do Rodul e. Thug e stigh da
theaghlach fein e, agus thog e suas e am biadh,
an aodach is am foghlum, mar aon de a theagh¬
lach fein. Thainig e air aghart mar sin gus
an e bha riaghladh na Hearadh rule, eadar
Rodul is Maol na Hearadh. Bhiodh Tighearna
Cholla a’ taghal air Fear Roduil, agus bhiodh
MacLeoid a’ taghal airsan. Bhiodh Mac-
Illeathain a’ toirt leis do Rodul dithis nighean
a bha aige. Latha de na laithean thubhairt
MacLeoid ri Padruig,—“ Tha an t-am agad
a nis rud eigin a dheanamh air do shon fein,
agus bean a ghabhail dhuit fein.”
“ Chan eil fhios agam ” arsa Padruig “ c’aite
an teid mi a dh’iarruidh te.”
Arsa MacLeoid, “ Tha dithis mhaighdeanan
sgiamhach fa do chomhair an so. Co dhiubh is
roghnaiche leat ? ”
“ Tha fhios agam co an te dhiubh a
roghnaichinn,” arsa Padruig, “ ach co aige
tha fhios an gabhadh i mi.”
An sin thubhairt MacLeoid ri Macllleathain:
“ A bheil thusa debnach an te so a roghnaicheas
Padruig a thoirt seachad dha mar mhnaoi
ma bhios i fein deonach air ? ”
Fhreagair Macllleathain gu robh esan lan
thoilichte nam biodh iad fhein toilichte.
Chuir MacLeoid agus Macllleathain a’ cheist
rithe, agus dh’aontaich i, air chumhnant
nan tachradh gum biodh sliochd eatorra, is
gum biodh dithis mhac ann, gun deanadh iad
gobha de’n dara fear, agus ministear de’n
fhear eile ; agus gun tigeadh cain na duthcha
a steach do’n fhear a bhiodh ’n a ghobha.
Thachair mar a dh’iarr i. Mar so thainig na
goibhnean o ’n mhac a bha ’n a ghobha, agus
lean an t-ainm Padruig anns an teaghlach
gus an la an diugh.
GAELIC BROADCASTS.
The first of a series of Gaelic Song broadcasts will
be given on 24th February. A cycle of songs from
the sixteenth century to the present time will be
given with appropriate references to each song and
author.