Skip to main content

‹‹‹ prev (197) Page 189Page 189

(199) next ››› Page 191Page 191

(198) Page 190 -
190
AN GAIDHEAL.
An t-Sultuin, 1940.
, tha mi dearbhte gur e toil gach aon agaibh
Carn-cuimbne a chur suas do Sheoras Grallda,
athair Comunn na h-Oigridh, am fior dhuin-uasa 1
a rinn barrachd airson claim na Gaidhealtachd
na neach eile ’na linn. Nis, gu de an seorsa
Carn a chuireas sinn a suas ? De an seorsa
Carn a chordadh ri Seorsa fhein ? Innsidh
mise dhuibh “Sibhse a bhi ’nar deagb
Ghaidheil is ’nar deagh bhana-Gbaidheil cho
fad’s is bed sibh,” bithibh dileas do ar dream
agus cumaibh cuimhne cbubhraidh air an
t-Sar-Ghaidheal a chaidh gu ucbd a dhicbill a
chum agus gum bitheadh cothrom agaibh-se
nach robh aig a ghinealach a chaidh roimhibh.
Ri Cinn-Feachd, Ceannardan, bana-
Cheannardan agus na buill gu h-iomlan, chanain,
ann an aon fhacal Cumaibh oirbh ag cumail
oirbh agus togaibh cliu Comunn na h-Oigridh
na’s airde gach latha mar a dh’eireas a’ ghrian,
sin an Carn a bu mhiann le Seoras fhein.
Domhnall MacPhail.
ORAN DO SHEORAS GALLDA.
Bha e ’na chleachdadh aig ar caraid nach
maireann a bhith dol greis gach samhradh a dh’
iasgach do dh’ Uibhist fad grunnan bhliadhnachan.
Bhiodh e fuireach comhla ris an fhior bhard sin an
t-Urramach Calum Laing, Ministear Uibhist a
Deas, agus so bran a rinn e dha bliadhna a chur
failte air. Tha sinn fada an comain Mhaighstir
Calum airson an brain a chur thugainn an drasda.
Bidh na Gaidheil uile a chi e ’na chomain
cuideachd.—F-n.
’S ann againn bhios an solas
’Nuair a thilleas Sedras;
Gu dearbh cha bhi oirnne ganntar;
Bidh iasg de gach sedrsa
Tighinn bharr muir is mdinteach:
0! gur a gldrmhor an samhradh.
B’ e fhein an duin’ uasal
Le pleatan air a chruachamn;
Brigis cha teid suas ach an t-eileadh:
Slat iasgaich air a ghualainn,
’S gur aigeannach a ghluasad
Gu lochan no gu bruaichean na h-aibhne.
Ged shiubhail e an saoghal
Chan ’eil e fhathast aosda;
Tha aigne cho aotrom an cdmhnaidh:
Tha aoibh airsan daonnan,
Cho coibhneil ’s cho caomhail;
Tha tlachd agus tuigse ’na chdmhradh.
’S fheudar dhomh innse,
Ged bha e fad ’s na h-Innsibh,
Nach d’ chaill e dhreach no inntinn no dige,
’S e duine th’ ann tha stuama,
Faicilleach is suairce,
Eireachdail is uasal, gun mhdrchuis.
Sud agad an fhirinn,
’S cha mhisde tu a’ chluinntinn
A meas tha air ’s gach tir ’s an robh edlas.
Ged ’s ainneamh bhios mi sgriobhadh,
Bidh e trie ’n am chuimhne
’N toileachadh ’s an t-sith bh’ againn
cdmhladh.
Tha mo bhean ’s mo phaisdean
Cho measail air an armunn;
’S gach duine tha ’s an aite bidh aoibhneach
’Nuair thig an t-am de’n bhliadhna
’Theannas sinn ri iasgach,
’S a chuireas sinn ’ga iarraidh air aoidh-
eachd.
Cha bhiodh mo sgeulsa iondan
Na’n criochnaichinn gun iomradh
A’ dheanamh air an eanachainn tha drdail,
A choisinn cliu cho ard dha
Air sgoilearachd ’s air bardachd
’N Inbhirpheofharain ’s gach ait ’s an robh
mddan.
Sin agad mo dhuan-sa
(Ma thogras tu chlodh-bhualadh)
Mu dhuine tha cho suaicheant ’s cho
dirdhearc,
Bidh ’n Comunn is bidh ’n sluagh so
’Na do chomain bhuan-sa;
’S bidh Uibhist agus Sonachan ro phrdiseil.
Uibhist. Calum Laino.
<>
MARBHRANN DO DHOMHNALL
MACAIDH.
A chaidh a bhathadh an eilean Eige, mar gum
biodh e air a dheanamh le mhnaoi. - Bha e ’na
fhear-teagasg sgoile ann an Scalpaidh na Hearadh
agus e fo dheagh chliu ann. Bhuineadh e do eilean
Eige agus bha e air ur phbsadh nuair a chaidh a
bhathadh. Buinidh a’ bhantrach bg do theaghlaeh
uasal is cliuiteach ann an Scalpaidh. Bha i ’na
maighdinn agus ’na bean-bainnse agus ’na
bantraich fo cheann a’ cho’-la-deug, agus tha an
t-bran tiamhaidh, agus ag comhfhreagairt ris an
t-suidheachadh thruagh so. ’Se mac peathar do dh’
Aonghus a bha an Domhnall.—F-d.
Am form:—
Och is och, an cuan!
Thug e hhuam-sa iri ulaidh;
Cha robh iochd no truas
Anns an uair a ruith e.
’S tusa, Dhomhaill dig,
Fear mo leoin ’s mo ghuidhe—
’S gann a bha mi pdsd’
Nuair a thdisich m’ uireas.