Skip to main content

‹‹‹ prev (181) Page 173Page 173

(183) next ››› Page 175Page 175

(182) Page 174 -
174
AN GAIDHEAL.
An Lunasdal, 1940.
na h-Oigridh o chionn goirid—“Sgeul a
chuala mi ach nach do leugh mi.” Thainig
14 oidhirpean fo bhreitheanas an deagh
Ghaidheil Iain MacFhionnghain an Ginn a’
Ghiubhsaidh, agus so agaibh na ceithir buill
a choisinn na duaisean: —
1. Iain Mac a’ Ghobhainn, Feachd
Dhalabroig (‘‘Ceargall Mac
High an Earraidh Uaine”) ... 86%
2. Alasdair MacDhomhnaill, Dala-
brog 77 %
3. Domhnull MacDhomhnaill, Port
Eigheadh 76%
4. Mair^Mhoireach, Port Eigheadh 71%
Thubhairt lain coir gur h-i oidhirp Iain
a’ Ghobhainn aon de na sgeulachdan a
b’ fhearr a leugh e riamh, sgeul a ghabhadh
coimeas ri feadhainn Chaimbeul He fhein,
creididh mise. Tha dochas agam gum faigh
e kite anns a’ mhiosachan so, is math is
fhiach e, agus leugh mi fhein e le tlachd
anabarrach. Cha robh droch oidhirp ’s a’
cho-fharpuis, agus cha robh ach moladh aig
Iain air an doigh cheutaich, diomhair, air
an robh iad air an aithris. Nach math a
rinn Dalabrog an trobh so.
Bha mi (a reir Punch) an la roimhe an
Oifig lomlaid na Saothrach, agus mo chairt-
dearbhaidh-ionnanachd ’nam laimh, ’nuair a
chuala mi dithis a’ deasbud air mo chulaibh
le cheile ’s ag coimeas buadhan araidh an
tire, an adhair agus na mara. ‘‘Thoir
dhomhsa an t-adhar,” ars’ an dara fear.
‘‘B’e sin an spors a bhiodh agam, a bin
cluich le kite is e a’ falbh air iteig.” ‘‘Na,
na, a’ mhuir air mo shon-sa,” ars’ am fear
eile. ‘‘Faodaidh duine tuiteam as an
adhar anns a’ mhuir, ach chan urrainn da
tuiteam as a’ mhuir anns an adhar.”
Carbad-eiridinn Comunn na h-Oigridh.
Mur ’eil mo chluasan ’gam mhealladh, is
math mar a tha obair-tional airgid airson
Carbad-eiridinn Comunn na h-Oigridh a’ dol
air aghaidh. Tha iomadh tabhartasi fialaidh
air a’ Chomunn a ruigsinn o’n taobh-
deas, agus ’san taobh tuath tha corr is leth-
cheud not ann cheana. Thig an t-ionmhas
mun dm so gu car mu £75. An uair a
chuimhnichear am beagan iiine chaidh
seachad o thoisich an iomairt so, agus a
liuthad Carbad eile a thatar ag cur air blar
’s a’ Chomunn Mhor cho math agus am
measg sgoilean Inir-nis, tha aobhar againn
a bhi gl& thoilichte leis na rinn na Feachdan
agus feadhainn eile gu ruig so. Leanaibh
ris gu diirachdach, a chlanna mo ghaoil, cha
b’ urrainn duibh na b’ fhearr a dheanamh
air sgath bhur diithcha an am a deuchainne.
Mise le muirn,
Seoras Gallda.
TOIMHSEACHAIN IS SEAN-
FHACAIL.
Cat a’ chinn bhig, is bean a’ chinn mhoir.
Cat a’ chinn bhig, is e sin an cat as fhearr.
Bean a’ chinn mhoir, is i sin a’ bhean as fhearr.
Is ole a rinn iad an seaufhacal, an uair a chuir iad
an cat air thoiseach air a’ bhean.
Is mine min na gran—is mine mnathan na fir.
Tuigidh bean bean eile.
Is e fortan no mi-fhortan fir bean
Tagh nighean na deagh mhathar, ged a bu e
an donas a bu athair di.
Cuiridh bean ghlic suas duine.
Ceann mor air duine glic, ceann circ’ air
amadan.
Ged a bheir thu an t-anam as, cha toir thu an
aghaidh dhuineil as.
Theid barail an duine ghlic faisg air an fhlrinn.
Cha mheallar an duine glic ach aon vair.
Tuigidh e rud am broinn suip.
Ach is duilich ciall a thoirt do amadan.
Am fear nach teagaisg Dia, cha teagaisg duine.
Amadan an da fhichead bliadhna, cha bhi e ciallach
ri a bheo.
Ge ta, is minig a thainig comhairle ghlic a ceann
amadain.
Is mairg a bhitheadh a’ breith Shasunnach is
chearcan, is na Gaidheil cho gann.