Skip to main content

‹‹‹ prev (172) Page 164Page 164

(174) next ››› Page 166Page 166

(173) Page 165 -
An Lunasdal, 1940.
AN GAIDHEAL.
165
Ma bha an radh so fior aon uair mu
dheidhinn a’ Phluie is nam bailtean beaga
eile timchioll air chan ’eil a nis. Thionail
clann a ’ Phluic an sin agus anns na bailtean
beaga eile mun cuairt, £15 Is 6d airson
Carbad Eiridinn Comunn na h-Oigridh. Am
b’ urrainn na b’ fhekrr?
A rithist theirte:
Buachdaillich na h-Aird
DA dhraist agus briogais orra.
Ei muinntir a’ chladaich, tuath air an so
theirte:
Fithich dhubha Loch Carrann
Agus Clamhanan Loch Bhraoin,
Tuath-cheathairne Cheann Loch-iii
Agus Daoin-u aisle Ghearrloch.
Mu mhuinntir Chinnt^ile bha e air a radh:
Tkilich a’ chinn bhric
Chan fhag iad bairneach air lie,
No luchag an toll
No ceann crom air circ.
Ei muinntir brkighe Aird Mhic Shimidh
theirte:
Faoileagan na Cluanaigh,
Fithich dhubha Mhill-fitheach
Is Pioghaidean a ’ Chnuic BhJiin;
Seasgaich Bhruitheach,
Crodh-laoigh Ach-na-cloich
Is Conbhairean Ghlinn-conaich.
B.hatar trom air muinntir Ghleann
Comhann:
Gleanna Comhunn slochd domhain
nam meirleach.
Agus cha robh teist dad na b’ fhearr air
Gleann Nimheis:
Gleann Nimheis, gleann nan clach,
Gleann am bi an gart anmoch,
Gleann fada fiathaich, f&s,
Sluagh bradach a mhl-ghnkthais.
Agus so cuideachd mu dheidhinn:
Gleann ris an do chuir Dia a chul:
Amar sgiirainn an domhain mhoir.
Bha so air a rkdh mu bhailtean na Morbh-
airne:
Fionnairigh, Sabhairigh, Salachan,
Cill Fhionntain nam bonnach beaga,
Is Fluirinnis a’ gharbhain
Agus mu na h-aitean so eile an Farr a
Ghaidheal:
Fithich dhubha Chreignis
Is Coilich Chiile Mhkrtainn,
Liath-chearcan Taoibh Loch Obha
Coin-qdhar an Atha-
Bha muinntir Mhucarna ainmeil airson
geurad cainnte, agus thatar ag innse dhomh
gu bheil fhathast. Mar sin theirte:
Gearra-ghobaich Bhun Abha.
Theireadh na Muileich mu chach a cheile:
Burgh is Tkbunn is Baile na h-Aird an
Grlobunn,
Tri bailtean mheirleach as fhearr ’san
tir so.
Agus cuideachd,
Na Fidean is Aird Tunna,
Creich dhubh nan Cailleach,
Tri kitean as miosa am Muile
Dhol a dh’ iarraidh mnatha.
Theireadh cuid de na Tiristich:
Tunnagan a’ Chaolais
Le ’n cinn fhada mhaola,
Dh’ itheadh iad am maorach
Cho caol ris na cudainnean.
Chanadh cuid de na Leddhasaich:
Lkbanaich bheaga an Taoibh-siar
Is fiaclan daraich unnta,
Da bhord ckrdaidh
Is laraidhean Narobhaigh.
Agus so cuideachd,
Siabost baile nan cruachan m6na,
Bragar baile nan cruachan eorna,
Arnol ’s e gu h-krd air creig,
Bru baile gun sugh gun seagh,
Barabhas baile nam balbhan klainn,
Siadar a’ phuill ’sa dhruim ri mol.
Ach is fhekrr sgur—mar a bhios am port a’
fks fada bidh e fks searbh.
Cha b’ urrainn duine a bhi gearain air
an t-samhradh a bha againn am
bliadhna, co-dhiubh ma ni teas is tiorm-
achd e. Ma bha aobhar gearain idir ann is
e cho fada ’sa sheas an tiormachd; ach
thkinig buige ’san luchar agus o’n uair sin
bha an aimsir direach mar a dh’ iarradh na
seann daoine i: ’na shamhradh breac
riabhach.
Tha am bkrr ag coimhead gu maith da-
riribh. Bho thkinig an t-uisge thkinig gach
pbr air adhart mar gum bithte ’ga
dhraghadh as an talamh. Tha an teas agus
an tiormachd a’ freagairt a’ bhuntkta agus
mar sin tha suil gum bi e pailt agus tioram
air a’ bhiiadhna so; bithidh agus a reir
coltais gach p6r eile. Bidh duil gum bi
foghar trom ann. Is m6r am beannachd
agus a’ ehomhfhurtachd sin nuair tha an