Skip to main content

‹‹‹ prev (161) Page 153Page 153

(163) next ››› Page 155Page 155

(162) Page 154 -
154
AN GAIDHEAL.
An t-Iuchar, 1940.
Bha deagh fhuil nan Gaidheal a ruith ’na
chuislean agus ’na fheithean. ’Na shinsireachd
bha cloinn Leoid agus Caimbeulaich,
Moireastanich, cloinn ’ic Neill agus Camaronaich.
Chaidh altrum ann an dachaidh chrabhach,
ghradhach, chaomh, far an robh eolas agus
gliocas ’ga chuairteachadh. Mar an driucbd air
barr an fbeoir bha obair naduir ’na maise, ’s
na h-ailleachd a’ braonadh mun cuairt air. Bha
Pionnairigh’s loch Alainn aoine mor Ardthornis
agus Rathuaigh a druidheadh air cridhe agus
air inntinn oige ann an cainnt neo-fhaclach,
bhrioghmhor. Bha Muile nam morbheann le
bheanntan glormhor a pogadh nan neul agus an
caol mara nasal a thug barr air gach caol, an
caol sin a rinn Iain, a bhrathair, ainmeil ann
am bardachd mhaireannach, fo chomhair
a shuil gach maduinn agus feasgar de laithean
, oige. Bha an sluagh liomnhor, mun deachaidh
an tuath a sgaoileadh agus fearainn bheaga
a thilgeadh comhla a dheanadh fearainn
mhora a bha farsuinn agus fas. Bha Gaidhlig,
gun truailleadh le malairt no siubhal o’n
Ghalldachd, air a labhairt le iochdarain agus le
uachdarain. Bha cairdeas agus caomhalachd
a measg an t-sluaigh. Cha robh roinn ’san
eaglais. Bha sluagh na sgireachd, bochd agus
beartach, oileanaich agus aineolaich ag aoradh
do Dhia aims an aon eaglais fo na h-aon chabair
agus lanain. Bha gach dorus anns an
sgireachd fosgailte do’n mhinisteir agus do
chlann, agus bha so gu sonraichte fior mun
deachaidh sracadh ann am brat an teampuill
agus mun d’ thainig cleachdaidhean Gallda
nan Sasunnach do’n tlr.
Mar so bha gach nl ag co-oibreacheadh a
thoirt eolas do Thormaid MacLeoid air canain
agus cleachdaidhean nan Gaidheal, agus a’
dusgadh gradh maireanneach ’na chridhe do
dhuthaich agus do a mhuinntir.- Agus mur
nach bu leor so uile, bha eirigh agus ceannairc
na Fraing, cumhachd Napoleon a bha bagairt
sgrios a thoirt, chan e mhain, air an Roinn
Eorpa, ach air eileanan Bhreatann mar an
ceudna, a’ dusgadh agus a brosnachadh gach
neach a bha geur-inntinneach gu math a
dhuthcha a chur air aghaidh aon chuid le
chlaidheamh no le pheann. Bha an sluagh
uile anns a chunnart cheudna, agus thug so
orra a bhi di-chumhneachadh an naimhdeas
a dh’ eirich anns an rioghachd ann an lorg
oidhirp a Phrionnsa gu righ-chathair a
shinnsearan a ghlacadh. Thug Napoleon air
an t-sluagh a thoirt fa-near gum bu laidire na
bannan-ceangal a bha orra ri cheile na balla-
dealachaidh a bha ’gan sgaradh. Thug
treunadas nan saighdeanan Gaidhealach anns
an Spainn agus anns an Roinn E6rpa} an
Galldachd na h-Alba agus an’ Sasunn, tlachd
agus uaill a ghabhail anns an Ghaidhealtachd
agus gach ni a bhuineadh dhi. Mar so bha
fonn air a dheasachadh nuair thoisich Tormaid
MacLeoid agus laoich eile air siol math a
chur. Bha Goill agus Sasunnaich a bha fada
ann an daimh naimhdeil ris na Gaidheil deas
gu lamh chuidea chaidh a shineadh a mach
a dheanamh cobhair air na Gaidheil ’nan
aineolas agus nan teanntachd. Cha robh ni a
dhith ach neach a labhradh as an leth agus a
thagradh an cuis le eolas agus deothas anns an
rioghachd. B’e Tormaid MacLeoid an t-inneal
urramach a dh’ uidheamaich am Freasdal
airson na h-obair a chuir gu laimh.
Bha e mean-eolach air suidheachadh an
t-sluaigh anns a’ Ghaidhealtachd. Dh’61 e aig
mathair-uisge an eolais. Shiubhal e monadh
agus srath ann an cuideachd bhuachaillean
agus bhrocairean. Dh’ iasgaich e air muir ’s
air abhuinn, agus sheol e bataichean Chaol
Muile le Ruaraidh agus an cuan Latharnach.
Le Ruaraidh beag, seirbhiseach athar, chuir e
seachad iomadh latha agus oidhche thaitneach.
Mar so b’ aithne dha faireachdain agus smuain-
tean a luchd duthcha, am fala-dha agus na
sean-fhacail a thug e dhoibh le deagh riadh an
deidh moran bhliadhnachan anns an Teachdaire
Ghaidhealach agus Leabhar nan Cnoc.
Chaidh e do Eaglais Cheann-loch ’na thrl
bliadhna fichead agus b’ fheudar dha coirichean
na Ghaidhlig a sheasamh ann an aghaidh a
bhrathairean ’san chleir mar a cheud dhleasdanas.
Chunnaic e trath gu robh da ni gu sonraichte
a dhith na Gaidhealtachd — sgoiltean,
a dh’ ionnsachadh Beurla do’n t-sluagh, agus
Biobuill a leughadh iad. Thog e a ghuth ann
an Ard-sheanadh na h-eaglais bliadhna an
deidh bliadhna as leth a luchd-duthcha, ach
bha e mar ghuth anns an flasach gus an d’
eirich cuis anns an eaglais a roinn an Ard
sheanadh ’na da bhuidheann.
Dhuilt e aon taobh no taobh eile a ghabhail
gus an gealladh iad dha cuideachadh airson
na Gaidhealtachd. Fhuair e cead labhairt
agus ghluais e an eaglais gu eisdeachd a thoirt
da iarrtas. Bha e fein a’ creidsinn le uile
chridhe anns an ni a bha e tagair, agus ann an
oraid eireachdail a bha sonraichte ann an
cruinneachadh anns an robh luchd-labhairt
comasach lionmhor, dh’ aom e an eaglais
’ga ionnsaigh. Labhair e air a mhodh so :—
“ Beagan bhliadhnachan roimhe so cha robh
sgoil ach beag anns an Ghaidhealtachd, agus
anns a bheagan sgoiltean a bh’ anu, ’se Beurla
a mhain a bha air a theagasg. B’e thainig
as a sin nach robh ach aireamh bheag a bha
comasach an fheum sam bith a dheanamh de’n