Skip to main content

‹‹‹ prev (145) Page 137Page 137

(147) next ››› Page 139Page 139

(146) Page 138 -
138
AN GAIDHEAL.
An t-Og-mhios, 1940.
an urraim a chuir iad air le a thaghadh do’n
dreuchd a bha air a ghiulan air aghaidh cho
dealasach agus cho soirbheachail le Mgr.
Tearlach Caimbeul. Dheanadh e a dhicheall a
chum an obair a ghiulan air aghaidh gu maith
a’ Chomuinn.
Thug a’ Chomhairle aithisg air Modan a bhi
’g an uidheamachadh an Ceann a’ Ghiubhsaich,
Lochabar, Inbhirpheofharain agus Ceannloch
Chill-ehiarain. Bha iad so airson Oigridh a
mhain agus bha dochas aig a’ Chomhairle gu
rachadh Mddan a chur an uidheam an aitean
eile.
Thug a’ Chomhairle iomradh air an
dearmad a tha r’a fhaicinn ann an cleachdadh
na Gaidhlige anns na h-Eaglaisean air feadh
na Gaidhealtachd agus rimaich a’ Chomhairle
gu’m biodh e air a mholadh do’n Chomhairle
Ghniomhaich oidheirp a dheanamh a chum so a
leasachadh. Labhair an t-Urr Iain MacAoidh
air a’ cheist so aig a’ Choinneimh Ghniomhaich
agus thuirt e gu’m bu choir aire nam Meuran
a tharruing a dh’ionnsuidh an ni so agus
earalachadh orra gu durachdach iad a thoirt
aire gu’m biodh na seirbhisean Gaidhlig air an
cumail suas agus air am frithealadh.
Chaidh gabhail ris an lomradh air iarrtas an
Fhir-ghairme, Mgr. Domhnall MacDhomhnaill.
Leughadh lomradh air Coinneimh de
Chomhairle Claim an Fhraoich. Thugadh
aithisg gu robh litir aig an Runaire bho Bhord
an Fhoghluim an Dun Eideann ag innseadh
gu’m biodh tuarasdal agus cosdas-siubhail
Dhomhnaill Mhic a’ Phearsain mar fhear-
teagaisg luth-chleasan do Chomunn na
h-Oigridh air a phaidheadh leo fad naoi
miosan a’ toiseachadh air a’ cheud la de’n
luchair, 1940, an uair a bhios Mgr. Mac a’
Phearsain reidh dhe’n dreuchd a tha aige an
drasd fo Ughdarras Fdghluim Siorramachd
Inbhirnis.
Ghabhadh ris an lomradh air iarrtas an
Fhir-ghairme, Mgr. Seoras Marjoribanks.
Thug an Ceann Suidhe agus an Runaire
aithisg air an teachdaireachd a chaidh gus am
B.B.C. mar a shonraicheadh aig a’ Choinneimh
roimhe, B’ iad na buill a ghabh an dreuchd so os
laimh an t-Urr Calum MacLeoid (Ceann
Suidhe); a’ Bhean Uasal Nic a’ Chombaich,
an Learga; Caiptean Uilleam MacAoidh,
Inbhirnis; Iain A. MacNeacail, Glaschu;
agus an Runaire. Chaidh an coinneachadh le
Mgr. Melville Dinwiddle, Mgr. Aindrea
Stiubhart agus le Mgr. Eoghann Mac-a-Phl.
Thug an Ceann Suidhe fa’n comhar na
riochdairean eile Chuireadh mu’n coinneamh
iarrtasan luchd-labhairt na Gaidhlig a thaobh
Seirbhisean, naidheachdan agus cuirmean-ciuil,
agus labhair na buill air na cuspairean sin cho
math ri barrachd uine iarraidh airson craobh-
sgaoileadh Gaidhlig air an fhritheud. Fhreagair
Mgr. Dinwiddle agus thubhairt e gu’m
beachdaicheadh iad gu curamach agus gu
baigheil air na chaidh a thoirt fa’n comhar.
Thug an Ceann Suidhe taing chridheil do
Mhgr. Dinwiddie airson a choibhneis ann an
gabhail ris an teachdaireachd.
Bho choinnich buill a’ Chomuinn ris na
h-uaislean a dh’ainmichear fhuaradh litir ag
innseadh gu’m biodh, an deidh an treas la
fichead de’n Ghiblein, coig mionaidean de
naidheachdan an Gaidhlig air an craobh-
sgaoileadh gach Di-mairt agus gach Sathurna
aig 10.30 feasgar, agus gu'm biodh leth uair
gach feasgar Di-ciadaoin air a chur air leth a
chraobh-sgaoileadh nan cuirmean abhaisteach.
Air iarrtas Mhgr. Chaluim MhicLeoid, ris
an do chuir Mgr. Iain MacAoidh aonta, thugadh
taing na Comhairle do na buill airson an dleasnas
so a ghiulan a mach cho soirbheachail. Dh’iarr
Mgr. Tearlach Caimbeul gu rachadh taing na
Comhairle a thoirt do Mhgr. Dinwiddie agus
am B.B.C. airson gabhail ris an teachdaireachd,
agus airson na litreach. Dh’aontaich a’
Chomhairle ri so gu h-aona-ghuthach.
Thug an Runaire fa chomhar na Comhairle
aithisg air an obair a thatar a’ deanamh le
buill na Comhairle Meadhonaich agus le buill
Meuran a’ Chomuinn is Comunn na h-Oigridh
a tha ag obair fo stiuradh na Comhairle.
Chuireadh 2,500 ball oibre air falbh gu na
seoid a tha a’ dion ar duthcha anns na trl
feachdan. Tha a’ Bhean Uasal Nic Ghille
na Brataich, Bean-ghairme na Comhairle
Meadhonaich, a nis ag iarraidh £1,000 airson
da charbad-eiridinn a theid fo ainm a’ Chomuinn
Ghaidhealaich.
Thug an t-Urr Calum MacGilleathain air
aghaidh ceist a dh’eirich eadar e fhein is Fear-
deasachaidh a’ Ghaidheil agus air iarrtas Mhgr.
Iain A. Mhic Neacail chuireadh an gnothach
gu Comhairle a’ Chlodh-bhualaidhgu beach-
dachadh air.
Chaidh iarraidh air a’ Chomunn
eadartheangachadh Gaidhlig a dheanamh air
cuairt-litir a tha buidheann an Ath-armachaidh
Mhodhanail ag craobh sgaoileadh. Chaidh
aontachadh leis an eadartheangachadh a leugh
an Runaire.
Shonraich a’ Chomhairle gum biodh an ath
Choinneimh air a cumail air Di-haoine, an
5mh la de’n luchair, aig 6 uairean feasgar.
Thugadh a’ Choinneamh gu crich le taing
chridheil a thoirt do Fhear na Cathrach,