Skip to main content

‹‹‹ prev (136) AdvertisementsAdvertisements

(138) next ››› Page 130Page 130

(137) Earrann 9, An t-Og-mhìos -
EDITOR:—Rev. MALCOLM MACLEOD, M.A., Manse of Balquhidder, Strathyre, Perthshire, to whom all
literary communications should be addressed; business and other communications to 131 West Regent Street,
Glasgow. Telephone:—Douglas 1433.
Leabhar XXXV.J An t-Og-Mhtos, ig^o. [Earrann 9
AN EAGLAIS AGUS A’ GHAIDHLIG.
’Se comharra cho bochd ’sa tha ri fhaicinn
an drasda a thaobh na Gaidhlige mar a tha
i dol bas anns na h-eaglaisean. Air tir-mor,
ach a mhain ann an corr kite air fior thaobh-
siar na Gaidhealtachd, tha a’ Ghaidhlig air a
cul a chuir ris an eaglais—no ma thogras tu a
radh, tha an eaglais air a ciil a chur ris a’
Ghaidhlig. Eadhon anns na h-eileana deas
tha an t-seirbhis Ghaidhlig faodaidh tu radh
air a dhol bas, neo mura h-eil, gle fhaisg air.
Agus tha so mar so ann an iomadach kite far
am bheil a’ Ghaidhlig gu maith slhn fallain am
beul an t-sluaigh a shabaid ’sa sheachdain.
Cha mhor gur fhiach an t-seirbhis Ghaidhlig
a h-ainmeachadh air tir-mor is eileanan Earra
Ghaidheal; agus faodar a leithid ceudna a rkdh
a thaobh tir-mor Rois agus Inbhir Nis agus
Chataibh, agus air son siorrachd Pheairt dheth
is fhada, an dubhairt iad-fhein, o theasd i an
sin.
Gheibhear fhathast an t-seirbhis Ghaidhlig
beo agus slkn fallain an corr kite air taobh-siar
Rois, agus an eilean no dhk a bhuineas do
shiorrachd Inbhir Nis; ach sin a mhkin e a
mach bho na h-Eileana Siar.
* * *
A nis an uair a chuireas a’ Ghaidhlig a cul
ri Tigh Dhe chan fhada mhaireas i; caillidh i a
sugh ’sa grinneas, agus coltach ri gach buadh
mhaith eile a sgaras i-fhein air falbh bho
mhathair-aobhair gach maith seargaidh i agus
thekL i dholaidh. Chan ’eil maith a bhi
bruidhinn, mur ’eil a’ Ghaidhlig ann an dluth
dhaimh ri nithean spioradail—na nithean sin
a thug kite is inbh dhi troimh na linntean—
cha sheas i agus cha mhair i na’s mo na sheasas
no mhaireas nl sam bith eile.
’Se, ma tha, an ni as motha tha a’ Ghaidhlig
ag mir feum air an diugh, gun gabhadh i a
h-kite dligheach ann an seirbhis agus an Tigh
Dhe mar a bha i aon uair, agus gun cho fada
bhuaithe cuideachd, air a’ Ghaidhealtachd.
Tha mar a tha a’ chuis a nis a thaobh na
h-eaglaise agus a’ Ghaidhlig ’na uallach trom
air moran ’sa Ghaidhealtachd agus an kitean
eile—flor Ghaidheil a tha faicinn gu soilleir
mura teid stad air fksalachd nan eaglaisean a
thaobh na Gaidhlige air a’ Ghaidhealtachd nach
fhada as fhiach a rkdh gu bheil a’ Ghaidhlig
bed an sin idir.
Ach is ann tha chuis ann cionnas a ghabhas
sin deanamh. Tha cuid ag cur a choire air na
ministearan—ag rkdh gur e am mi-shuim-san,
agus cho mi-ghoireasach agus a bha iad a’
suidheachadh uair na seirbhise Gaidhlig, a
chuir an eitig an toiseach innte. Agus their iad,
nam bitheadh co-dhiubh cuid de mhinistearan
dleasdanach do an daoine fhein agus do leas
spioradail nan Gaidheal, agus chan ann ag
eisdeachd ri iarratas no feum beagan choigreach
aig nach ’eil Gaidhlig, nam bitheadh iad mar
sin gum biodh e na b’ fhekrr do’n Ghaidhlig
agus do shlhinte spioradail nan Gaidheal; agus
nach biodh an t-seirbhis Ghaidhlig air a dhol
bks an iomadach kite mar a tha i an diugh.
Sin a their cuid. Ach their cuid eile, agus sin
daoine aig a bheil deagh fhios air gnothaichean
eaglais agus a tha mion eolach air cor na
Gaidhlige air a’ Ghaidhealtachd, ’se their
iadsan gur ann a tha choire aig na Gaidheil
fhein. Ma tha iarraidh aca-san air seirbhis
Ghaidhlig, mas e agus gun dean an coimhthional
follaiseach gu bheil iad ag iarraidh cothrom
aoraidh ’nan cknain fhein chan urrainn am