Skip to main content

‹‹‹ prev (120) AdvertisementsAdvertisements

(122) next ››› Page 114Page 114

(121) Earrann 8, An Céitein, 1940 -
EDITOR:—Rev. MALCOLM MACLEOD, M.A., Manse of Balquhidder, Slrathyre, Perthshire, to whom all
literary communications should be addressed; business and other communications to 131 West Regent Street,
Glasgow. Telephone:—Douglas 1433.
Leabhar XXXV.] An Cditein, 1940. [Earrann 8
BANALTRUMAS.
Chan ’eil cearn de’n Ghaidhealtachd an diugh
anns nach ’eil banaltrmn sgire, agus chan ’eil
beannachd eile aig daoine air an duthaich as
nxotha na i. Tha tinneas is galair is sgiorradh
buailteach do na h-uile dhaoine, agus far am
bheil sluagh-sgapte bho cheile agus an aitean
iomallach is leth-oireach mar a th’ air a’
Ghaidhealtachd tha iad gu minic fada bho
lighiche. Chan e nach ’eil na lighichean gu
maith na’s cumanta na bha iad; tha a dhusan
uiread ’sa chleachd iad. Tha sin gu maith
agus gu ro mhaith, ach is e tha ro fheumail
do’n mhor shluagh banaltrum na sgfre; rud
nach robh ann idir ach bho chionn ghoirid.
Tha cuimhne aig moran air a’ Ghaidhealtachd
an diugh—agus daoine nach ’eil fior acsda
cuideachd—air an uair nach robh a leithid a
rud agus banaltium sgire ’san duthaich. Tha
cuimhne mhaith aca air an atharrachadh a
thainig air an duthaich a thaobh goireasan
agus cobhair an am tinneis, tha cuimhne aca-san
air an eiginn is an amhghar a bha daoine a’
fulang ’san latha ud an coimeas ris mar a tha
cuisean an diugh; agus tha moran de’n
atharrachadh ud tre fhrithealadh agus tre
chobhair na banaltruim.
* * * ,
’Se thug so fa chomliair m’ inntinn mi bhi
meorachadh air a’ chogadh, agus mar dh’
fhacdas Dia maith a thoirt a ole, beannachdan
a thoirt as an amhghair is an dorainn troimh
am bheil sinn a’ dol, oir is ann a cogadh agus as
amhghair cogaidh a fhuair sinn an toiseach am
beannachd do-labhairt so, banaltiumas mar as
aithne dhuinn an diugh i. 0 chionn beagan is
leth-cheud bliadhna air ais cha robh a leithid a
ni ann agus banaltiumachd mar as aithne
dhuinn an diugh an dreuchd oirdhearc sin.
Cha robh banaltrumas idir ann ach am beagan
a bha anns na beagain thighean-eiridinn a bha
anns na bailtean-mora; agus chan fhaighte
boireannach cliuiteach no boireannach measarra
a rachadh dh’ altruimeas unnta. ’Se mar bu
trice misgearan agus boireannaich eile gun
chliu a bha ris an obair so—am beagan a bha
dol air adhart dhi anns an latha bh’ ann—
boireannaich do an robhas a’ toirt an raghainn
iad an obair so a dheanamh no dhol do’n
phriosan air son am mi-stiurachd.
So mar a bha nuair a thbisich Cogadh a’
Chrimea anns a’ bhliadhna 1853 eadar an Ruis
air an dara laimh agus an Fhraing is Breatann
is an Tuirc air an laimh eile. Nuair a thoisich
an cogadh so cha robh banaltruman idir an cois
an airm, cha robh ann ach an seorsa
banaltrumachd a dheanadh na -saighdearan
fhein air each a chcile. Ach chuir na Frangaich
a mach Peithrichean na Dcirce an cois an
aiim aca-fhein gu frithealadh dhaibh ’nan
tinneas agus ’nan leontan; agus an deidh
Blar Alma bha staid nan daoine lebnta cho
truagh agus gun tainig eighe dhachaidh do
Bhreatainn carson nach cuireadh sinne a mach
mnathan mar sud a fhreasdal agus a fhrithealadh
do na saighdearan lednta agus tinn againn
fhein.
Is ann an uair sin dh’ iarradh air Florence
Nightingale a dhol a mach le buidheann bhan
chum freasdal air ar leonta. Rinn ise obair
oirdhearc ’sa’ Chrimea, obair nach teid air
diochuimhne fhad ’sa bhios iomradh air gniomh
is obair trocair ’san t-saoghal tha so. Thug i
da bhliadbna, i-fhein agus na mnathan a bha