Skip to main content

‹‹‹ prev (101) Page 93Page 93

(103) next ››› Page 95Page 95

(102) Page 94 -
94
AN GAIDHEAL.
Am Mart, 1940.
an sluagh cumanta riutha, agus Bellenden gur e
Granzebene. Tha tuid ag cumail a mach gu bheil
so ag ciaJlachadh greann-bheinn no na beannaibh
gruamach.
Sheall mi suas m’ fhear-iuil ’s na gnothaichean
so a thaobh ainmean aitean—agus fear-iuil gach
duine aig am bheil toinisg—an t-Ollamh Uilleam
MacBhatair ach cho fada ’sa chi mi cha d’thug e
iomradh air sinnsireachd an fhacail Grampian ’s
an leabhar mhor aige idir—The Celtic Place Names
of Scotland. ’Sa’ chuis so ’se an t-amadan a
chuireadh lamh anns an rud a dh’ fhag esan.—
Am F-d. ]
New Barnet,
An Gearran, 3, 1940.
(Do'n Oidire aig “An Gaidheal.")
Le’r cead,—Ubh ! Ubh ! Fhearaibh, ’sa dhaoine !
Ma’s eirbhir aideachadh, nach e alach na Beiste-
Baine tha mor aig Seoras Heigh? Tha ’n saoghal
air oillteachadh le mi-chneasdachd Nimheich-
alluidh nan Tiugh-daoine. Esan a bheir achmhasan
daibh-san a tha faotainn aobhar-ditidh air an
t-suidheachadh, tha e—ma thuigeas mise Gaidhlig
(air a droch-laimhseachadh)—aig a’ cheart am,
a-gabhail an leisgeil. Air a’ mhodh sin—mar
mhullach-aon-obair—tha Seoras Heigh a-cumail
ceann-an-amaill ris a’ Bhreasa Ha-Ha!
Tha Seoras Heigh ag aidmheil ’na litir, gur
“spiorad sgreataidh” a bhith cur sios air teachd-
airean an aoig. (Chan uasal bho cheann-pinn no
laghach, am focal—sgreataidh. Ach mar a diiilt
peann briag, is dual do mheann meigead.
Shaoileam, r’a leughadh, airson mionaid, gum
b’ eiginn domh eisdeachd ri guth na cadhaig ann
an gob na cubhaig. Fiach e, a Sheorais shubhailce,
air samhanaich bhorb na doimhne; is ann orra ’s
fhearr a fhreagras e.)
Ma-dh’fhaoidte, gu bheil Seoras Heigh
meachara, teo-chridheach. Ma-dh’fhaoidte, gu bheil
Seoras Heigh seasgair air bord is breacag an
Dun-Eideann. Ma-dh’fhaoidte, gu bheil Seoras
Heigh aineolach air dubh-sgial Leabhar-Geal na
Parlamaid againn; agus air an fhianuis a thug
tosgaire Bhreatunn, an Ridire MacEandruig, gun
fiaradh focail, ’na chunntas suaicheanta. Ma-
dh’fhaoidte, nach cuala Seoras Heigh mu chuthach-
fola tairbh-aoidhre nan Gearmailteach, a chuir
coig-mile-diag Polach air ball gu bas, gun choire
as an leth, ach gun d’rugadh iad ’nan duthaich
fhein; agus mlltean ludhach airson gun
d’rugadh iad idir. Cuimhnich, nach d’rinn Hitler
is a phrasgan allmhgharra air na Polaich, air na
Seachdaich, air na h-Austraich, ach mar a tha ’nan
run a dheanamh oirnne, air an Fhraing, is air an
t-saoghal gu leir, na’n d’rachadh sin leotha—an
rud nach teid.
Ma-dh’fhaoidte, gu bheil Seoras Heigh an-
fhiosrach air call duachnaidh nan iasgairean sin,
a bha saothrachadh ri an-uair ’s ri gaillinn, a-chum
’s gum biodh ceanna-nan-trath, gun eis aige-san,
’na thigh is aig a theaghlach. Ma dh’fhaoidte,
nach d’innis neach da mu dholaidh, agus mo mhort
tearmunnaich nan ionad-soluis. De idir na
duisleannan a tha ’na aigne—ion ’s nach fuiling e,
“gu mu h-olc,” a chluinntinn mu’n chuis? An
d’eisd Seoras Heigh ris an adhnadh a chuir Ard-
Easbuig na Sasunn f’a chomhair Cathair-nan-Gras
mu ana-measarachd nan Ruiseanach, do thaobh
nam Finneach? Dh’innis esan do Ni-Maith, ann
an rosg—fada na bu dearcnach na rinn mise 1©
rami—eachdraidh teugmhail throm an t-sluaigh ud.
Tha gathan-builg bho chlair-adhair, thuirt e,
a-marbhadh ’s a’ Icon—gun sonrach cuimse air
freiceadan seach tigh-eiridinn. An abair Sebras
Heigh gu robh an Easbuig, a-nuair sin, ann an
“spiorad sgreataidh?’’ Ma dh’ abras, theagamh
gun cuir e am Freasdal ’na fhaireachadh, mu de
bu choir Da eisdeachd ris. Oir “is farsuinn a
sgaoileas an dreaghann-donn a casan ’na tigh
fhein.”
“Cogadh ann no as!” ghlaodh Seoras Heigh,
“cummamaid ri obair a’ Chomuinn !” Gasda ! Ach
chan aithne domh gun d’rinn, no gu bheil mi
a-deanamh dearmaid air, no araon, a-claonadh,
le bhith diteadh an aobhair sin a sgriosadh
oganan ar teanga, ’s ar daimh. “Chan am cadail,
cogadh,” thuirt an seann-duine coir. Chan e crog-
ri-fraigh tha’n sagan na nathair-nimhe. Is chan
’eil an donas na ’s fhearr na ainm. Ni mo, a
ghleidheas dall an rathad-mor. Esan air nach tig
taise cridhe ri, is a tha neo-shuimeil mu Fhoghar
nam bantrach, thoill—seadh, thoill e a chur comhla
ri Seoras Heigh, agus “Beannachd Chaluim
Gobha leis—‘ma-thogair mur a till!’ ”
Aonghas MacDhonnachaidh.
“ Chaidh mo Dhonnachadh dka’n Bheinn. ”
A Charaid.—Bha mi gle eolach air an bran so
’nam bige, agus an cbmhnuidh mar bheachd gum
buineadh e do’n Gbaidhealtachd a mhain, ach dh’
innis bana-A bareathmiach uasal dhomh nach
buineadh ach do dhuthaich Abareathan; agus gur
ann a thaobh neacheigin (no aiteigin) do’m b’
ainm “Monaltrie” a rinneadh e. Am beil so ceart?
Bhithinn fad an comain neach sam bith a
bheireadh dearbh fhios dhomh.
Chan aithne dhomh ceol a leughadh, air chor ’s
nach urrainn dhomh iunse am beil seis na Bana-
Dhughlasaich ag comh-fhreagart direach ris mar as
aithne dhomh-s’ e. Ach bha e air leth tiamhaidh,
tursach, agus shaoilinn gum biodh e air leth
freagarach air a’ phiob-mhoir aig tiodhlacadh.
Cha b’e bhathadh ach a mharbhadh rinneadh air
Donnachadh mar a thuig mise, agus mar a tha
mi a’ tuigsinn bho’n a’ rann : “Full a chridhe ’sa
chleibh ann an luib a bhreacain.”—Is mise,
Sgurr a’ Bhraonain.
Urramaich,—Bha mi fhein agus am maighstir-
sgoile a’ tighinn air sgriobhadh ud a’ chlaiginn;
agus thuirt e rium gun do leugh e fhein mu dhuine
geal a bha an sas, an sebrsa de gheibheann, air
eilean sa’ Chuan Iseanach an uair a dh’fhairich e
am bas ag ioladh air, agus de a rinn e ach a
thiomnadh a sgriobhadh air craicionn droma duine
geal eile a bha cbmhla ris, agus mar sin fhuair
e rathad air a run mu ionmhas saoghalta a
dheanamh aithnichte gu a mhiann.
Faodaidh sinn a radh mu innleachd a’ chlaiginn
mar a thuirt am bodach Uibhisteach mu rud eile :
“Sin agad e an traoige a b’fhearr a chuala mise
riamh !” Ach tha naidheachd a’ mhaighster-sgoile
’na comhairle ! Bu choir do gach fear is te aig a
bheil a bheag no mhbr de’n t-saoghal, mar mhaoin,
tiomnadh a dheanamh a chum agus nach deanar
droch ceartas an deidh am bais, mar is minic a
rinneadh. Agus air son tiomnadh, is lebr iarrtas
duine bhith sgriobhte le a laimh fhein, agus e
ainm a chur ris. Bu mhaith gum biodh an t-aite
agus an la agus a’ bhliadhna sgriobhte leis. Agus
ma ni duine an dara tiomnadh bu cheart da, ’san
dara tiomnadh, a radh gun do dhubhadh as gach
tiomnadh eile.—Do charaid mise,