Skip to main content

‹‹‹ prev (92) Page 84Page 84

(94) next ››› Page 86Page 86

(93) Page 85 -
Am Mart, 1940.
AN GAIDHEAL.
85
fas. Chaidh mi sin dh’ ionnsaigh a’ chlaidh
far an robli duslach m’ athraichean is mo dhaoine
’na laighe agns leig mi beannachd leis an aite
bheannaichte ; agus an sin gliabh mi sios air
mo shocair cbum na laimrig agus cbaidh mi
air bord ag amharc troimh mo dheoir air aite
mo bbreith is mo ghaoil gus an deachaidh
mullach Chonacbair as an t-sealladh. So mar
a dh’ fhag sinn an t-eilean.”
Thubbairt Fionnlagh an sin an Gaidhlig:
“ B’ fhearr nach d’ fhag mi riamh e.” Agus
dh’ innis bean Neill dhuinn mar a bha iad an
sud an Cinn Cardainn, nuair a thigeadh am
feasgar agus a chruinnicheadh iad 'a steach an
deidh obair an latha agus a dhuinte an dorus,
’nan doigh fhein leis a’ Ghaidhlig mu’n teallaich
dlreach mar a bha iad ann a’ Hiort. Guma
fada bhitheas iad-san mar sin. Tha subhailcean
ia beannachdan an cois na Gaidhlige nach ’eil
trie as a h-aonais.
Gu dearbh bu shona na Hiortaich air an
eilean agus bu chairdeil coibhneil iad, agus
mise uair comhla rib ann air ceann an Ordugh.
Chaidh suas ris na trl seachdainean seachad
dhomhsa comhla riu mar aon latha. So an
turus agus sinn air an eilean a ruighinn air
Di-domhnaich agus Ceistear na Sgoilean air
bord againn, Mgr. Ruairidh Barron, a chaidh
a’ sgoil a cheasnachadh aig cairteal an deidh
da uair dheug a dh’ oidhche nuair a chaidh an
t-sabaid seachad, chum agus gum faigheadh
esan air ais leis a’ bhata agus i tilleadh aig da
uair ’sa’ mhaduinn. Tha mi ag creidsinn nach
deach agus nach teid sgoil eile a cheasnachadh
aig cairteal an deidh da uair dheug a dh’ oidhche.
Tha An Gaidheal ag cur ceud beannachd
chun na Hiortach anns gach aite ’sam bheil iad
a nis sgapte feadh na Gaidhealtachd agus anns
na bailtean-mora.
Chaochail am Morair Tweedsmuir air a’
mhios so chaidh. Bha e o chionn choig bliadhna
mar fhear-ionaid an Righ ’na Ard-uachdaran
air Canada; duine maith agus duine feumail
do’n rioghachd, duine a bha fo dheagh chliu aig
an tigh is thairis. Bha e ainmeil da-rlribh mar
sgrlobhaiche comasach is taitneach ; agus bha
taobh air leth aige ris na Gaidheil ged is e Gall
a bh’ ann fhein.
Bha mi uair a’ trusadh airgid chum tallachan
ura eaglais a thogail an Glaschu agus dh’ iarr
mi air e thighinn a nuas a Ocsford, far an robh
e fuireach an uair sin, agus braid a thabhairt
dhuinn. Thubhairt e gun tigeadh gu toileach,
gum bu dheagh chaomh leis braid ullachadh
agus a thoirt seachad air an da allt a chaidh
cuideachd agus a rinn abhainn cliu na h-Alba—
a’ Ghaidhealtachd agus a’ Ghalldachd. Agus
is e sin an sloinneadh a thug e air an braid.
Bha an braid gu deimhin comasach agus
oideachail, agus tha cuimhne agam air aon rud
araid a thubhairt e. ’Se sin so : Gur e an
tiodhlac bu shonraichte a thug na Gaidheil do
chliu is do theisteas na h-Alba—modhalachd.
Thug iad iomadach rud maith eile, thubhairt
e, ach ’na bheachd-san is e so nl bu luachmhoire
agus bu chudthromaiche a bhuilich na Gaidheil
air an rioghachd—modh.
Guma fada bhitheas teisteas dhaoine modhail
cuirteal againn mar Ghaidheil.
* * *
Tha sinn duilich a chluinntinn gu robh ar
caraid coir Niall Orra ’na laighe le droch
bhurradh tinneis bho thoiseach a gheamhraidh.
Tha e nis dol am feabhas agus tha sinn an
dbchas nach fhada gus am bi e air a chois a
rithist mar as abhaist.
Tha fhios aig a h-uile duine do an aithne
saothair a’ Chomuinn Ghaidhealaich air an
obair mhor a rinn Niall Orra as leth na Gaidhlige
agus gu h-araidh air son ar ceol.
Bha e o chionn grunnan bhliadhnachan os
cionn na Sgoile Samhraidh Gaidhlig, agus
chuir moran deagh eblas air fhein agus air a
mhnaoi uiseil aig an sgoil, chuir agus muinntir
nan cearn anns an robh an sgoil air a cumail.
Ged bha an seanfhacal ag radh gur ann
mean air mhean a thig an t-slainte tha sinn an
dbchas gum bi am mean air mhean sin fhein
gu maith obann dha-san.
* * *
“ An deachaidh tu a steach gu ionmhasan an
t-sneachda ? no am faca tu ionmhasan na
cloiche-meallain ? a thaisg mise fa chomhair
aimsirean na teanntachd, fa chomhair la a’
chatha agus a’ chogaidh.”
Thainig 'na briathran so a leabhar lob a
steach orm a rithist ’sa rithist ri linn an t-
sneachda mhoir ’sa’ reothaidh a bha againn
fad chbig seachdainean an deidh na Bliadhn’
Uire. Bha an sneachda trom agus an reothadh
cruaidh agus fuachd is crannadh ’na chois.
Bha na rbidean an iomadh aite duinte, agus
bha uisge is connadh gann ri linn an t-sneachda.
Shaoileadh duine an uair ud nachrobhionmhasan
sam bith ’s an t-sneachda. Ach an deidh sin
chan ’eil duine a chitheadh an sneachd ’san
am ud air beinn agus air faiche, air coille agus
air bruaich aibhne, an lagan a’ ghlinne agus air
bbrd locha, nach fhaiceadh gu bheil ionnahasan
maise is glbire’s an t-sneachda. Nam faiceadh
tusa so ’sa’ mhoch-mhaduinn—na beanntan
agus na glinn, na sleibhtean agus na coilltean
fo shneachda is fo liath-reothadh theireadh tu
gu bheil ionmhasan maise is glbir is ionghantais
’s an t-sneachda. Agus gu dearbh chan ’eil
fhios agam an ann air lar an latha ri solus