Skip to main content

‹‹‹ prev (28) Page 20Page 20

(30) next ››› Page 22Page 22

(29) Page 21 -
An t-Samhuin, 1939.
AN GAIDHEAL.
21
a nis gu fritlieilteacli gach latha. Tha mar sin
na litrichean, agus gach achlasan puist aca,
gu maith na’s traithe an Cinn-tire na
chleachd iad a bhi aca leis a’ bbata. Tha iad
a’ deanamh an t-aon rud eadar Inbhir Nis agus
Inbhir Uig agus Circe-bhall. Nach ann air an
t-saoghal a tha an t-atharrachadh a’ tighinn,
agus nach mor na goireasan a tha againn air
a’ Ghaidhealtachd agus anns na h-Eileanan nach
do chleachd a bhi aig ar n-athraichean no eadhon
againn fhein.
Nach bochd nach ’eil gach atharrachadh a
th’ ann a’ deanamh dhaoine agus an t-saoghail
na’s fhearr agus na’s sltheile. Ach tha e
coltach gum faod eolas agus goireasan agus
comhfhurtachd a bhi aig daoine agus gun sin an
deanamh a bheag na’s fhearr no na’s Crlosdaile.
* * *
Tha an Cogadh mosach a’ toirt ’nam chuimhne
gu bheil direach da cheud bliadhna bho thogadh
a cheud reiseamaid Ghaidhealach an toiseach.
B’e sin am Ereiceadan Dubh—no na Gaidheil
Rloghail. Is ann air 25mh na Damhair 1739 a
chaidh an togail mar reiseamaid, ach bha moran
dhiubh ’na saighdearan an seirbhis a’ chruin
fad cheithir bliadhna deug roimhe so. Thug
an duine glic sin agus an Gaidheal uasal
Donnchadh Eoirbeis, Fear Chuil-lodair, a
chomhairle air Riaghaltas na h-Alba Gaidheil
shonraichte a ghabhail a steachmarshaighdearan
fo’n chrun chum rian a chumail feadh na
Gaidhealtachd. Rinneadh so, agus bha sia
buidhnean ann dhiubh, agus gach buidheann
air leth le a ceannard fhein. Seach gu robh am
breacan a bha ’san fheileadh a bh’ orra rud-
eigin dorch thugadh am Freiceadan Dubh mar
fharainm orra agus lean sin riu. Is ann dubh a
bha iad an taice ris na saighdearan dearga.
B’e so, ma tha, ceud reiseamaid an fheilidh
ged is lionmhor an diugh iad ; agus is iomadh
blar anns na nochd iad an gaisge, agus anns an
do choisinn iad a’ bhuaidh, o’n latha sin. Ni
iad an dearbh ul ’sa’ Chogadh so ; agus luchd-an-
fheilidh eile comhla riutha. Is lionmhor na
reiseamaidean Gaidhealach an diugb, agus tha
iad uile, eadhon an te as oige dhiubh, cho treun
is cho gaisgeil ris an te as sine dhiubh, ris an
Fhreiceadan Dhubh. Nochdaidh iad sin ’sa’
Chogadh so cuideachd, agus a cheart cho
cinnteach ’sa ’ bha iad ’nan cuis-eagail do’n
Ghearmailt ’sa Chogadh Mhor mu dheireadh
bithidh iad sin do Hitler agus do na Gearmailtich
’sa ’ Chogadh so mar an ceudna.
* * *
Bha na seann Ghaidheil ag creidsinn gu robh
luibh ann a leighiseadh gach galair do’n robh
an duine buailteach, agus gum faighte an luibh
sin a’ fas fagus do’n aite ’sam faighte an galair.
Chan ’eil e mar sin ’na ionghnadh idir do na
Gaidheil gum bheil eifeachd leighis anns an
Fhionnlaich, no a’ Choinneach Liath.
Bha e ’na chleachdadh aca ’sna h-Eileanan,
an deidh sgis astuir fhada, a bhi bruithe na
Coinniche Leith, no na Coinniche Deirge mar a
theirear rithe uaireanan, agus a bhi nithe an
casan ’san t-sugh aice chum an sgios a chur
dhiobh.
Tha a’ choinneach so ro-mhaith chum
gearradh is leon a leaghas, agus mar sin tha
moran dhith air a chleachdadh mar chomhdach
leontan aig am cogaidh. Bha gu leor de’n
choinnich so air a cleachdadh ’sa’ Chogadh
Mhor mu dheireadh, agus tha an t-aon rud ’ga
dheanamh an drasda.
Faodaidh Meuran a’ Chomuinn Ghaidhealaich
agus Feachdan Comunn na h-Oigridh na
h-eallaich dhith a bhuain agus an cur dh’
ionnsaigh nam Buidhnean a tha ag obair
airson na Croise Deirge. Ni iad-san suas i ann
an doigh agus ann am meudachd a bhios
feumail airson cdmhdaich chreuchdan is leon
shaighdearan is sheoladairean. Tha Ceanna-
bhuidhean de’n Chrois Dhearg fo stiuradh a’
Chomuinn Ghaidhealaich an Glaschu, agus
bheir iad-san fiosrachadh is seoladh sam bith
tha dhith orra do na Meuran a tha an sas anns
an obair chliuitich so airson cobhair is feum
ar luchd-airm. Cha bhi aca ach sgrlobhadh
chun an Rimaire Mgr. MacGhillesheathanaich
agus cuiridh esan air an t-slighe cheart iad a
chum agus gum bi gach neach is buidheann
ag obrachadh do lamhan each a cheile.
Fhuair an t-Ollamh Urramach Domhnall A.
Caimbeul, Sagart Dhalabrog, a bhi ’na Easbuig
air Earra-Ghaidheal is na h-Eileanan. Gu meal
e a naidheachd agus an dreuchd ard air am
bheil e cho airidh. Tha sinn ag guidhe gach
beannachd dha. Is e flor Ghaidheal a tha ’san
Easbuig ur, bu dual dha sin fear a naisinn Loch
Abair. Cha robh e ach gu maith 6g nuair a
choisinn e duais ann am farpuis litreachais a’
Mhoid, agus bha aite sonraichte aig a’ Ghaidhlig
agus aig obair a’ Chomuinn Ghaidhealaich ’na
chridhe agus ’na shaothair a riamh o’n latha sin.
Tha sgeul ann an deagh Ghaidhlig aige anns
an leabhar sin a chuireadh a mach aig am na
Feille moire ’sa’ bhliadhna 1927—“ Voices
from the Hills ”—sgeul air sean cheatharnaich
Braighe Loch Abair.
Gu robh maith aig ar cairdean a tha ’gar
cuideachadh air iomadh doigh; cuid le annas
an laimhe, cuid eile le facal misneachaidh—
Gaidheil as fhiach Gaidheil a radh riutha.
Tuigidh iad-fhein co tha sinn ag ciallachadh.