Skip to main content

‹‹‹ prev (5)

(7) next ›››

(6)
6
ged tha—O—-tha fhios’m de ni mi. Cuiridh mi an fheadhainn
agam fhein ’nan aite. Bithidh mi suas riut ag^us dh’andeoin
do chridhe cha bhi thu air thoiseach orm-sa. A h-aon
a sia, direach g-asda. O, so iad — do bharail air na
h-iseanan?
B. E. -— Tha iad bhoidheach, ach feith gus an tig an
fheadhainn agam-sa a mach.
B. an T.-—Soirbheachadh math dhuit—tha mi’n ddchas nach
teid am briseadh an uair so,
B. E.—Taing dhuit.
B. an T.—Bheil thu a’falbh? Nach ann ort fh&n a tha
’chabhag?
B. E.—O, tha, ’s cuiridh mi fo’n chirc iad an nochd.
B. an T.—Theid mi crioman de’n rathad leat. (Theid iad
a mach).
P.—Chan urrainn domh mo mhathair a thuigsinn a’ bruidhinn
ri a leithid.
S.—Tha cairdean do mhathar math gu leoir dhuit-sa. Ach’s
math na h-uibhean a thug thu a stigh. Chan uilear a h-uile
h-aon a chur airson biadh nam fear. (Brisidh i na h*uibhean
priseil.)
P.—Cearcan is uibhean, uibhean is cearcan o mhoch gu dubh.
B’fhearr gun d’fhuair mise air falbh do’n bhaile mhor.
B. an T. (tighinn a steach)—Mo chreach’s mb leireadh, na
h-uibhean priseif ! !
S.—Ciamar? Chan ’eil iad ach sgillinn a h-aon.
B. an T.—Ochon, Ochon !
S.—A Pheigi, ruith ’nad shradan is faigh deoch uisge.
B. an T.—D6 ni mi?
S.—De air thalamh tha cearr? Feuch deoch uisge.
B. an T.—O, rach air aghaidh le d’obair a chreuair gun
dleasdanas.
P.-—Suidhibh, a mhathair.
B. an T. — Is tusa, a Pheigi, b’fhearr dhuit do shuilean a
chumail fosgailte an aite bhi ’gad thlamadh’s ’gad chireadh
fhein. Mach airson a’bhainne.—’S mise a chuir mo cheann