Skip to main content

‹‹‹ prev (4)

(6) next ›››

(5)
5
R. an T.—Gu. dearbh chan’ eil mi fks aona chuid mosach no
eudmhor agus na’s mo na sin chan ’eil aobhar air, oir tha dusan
isean agam cho grinn’s air an do laigh sail riamh—agus ma’s
math do chuimhne bhris a’chearc agad-sa a h-uile ubh a bha
foipe.
B. R.—’S b^ag a tha sin a’cur orm-sa a nis. Tha cearc ghur
agam agus ann an tri seachdainneap bithidh iseanan agam, ’s
chan urrainn do dhuine sam bith an leithid fhaot'ainn, oir chan
’eil iad ’gan reic fhathast agus ’nuair a bhitheas, paighidh tu
naoi tasdain an dusan orra.
B. an T.—-De na buaidhean a th’aca?
B. E.—O, tha na cearcan ura so sonruichte, cha sguir iad a
bhreith fad na bliadhna, agus ma bhitheas na h-uibhean daor
theagamh gum beir iad da ubh corra la.
B. an T.—Chi mi iad ’nuair a bhios iad ann. Gus an so cha
robh cearcan aig te ’san duthaich cho math’s a bh’agam-sa ged
is e mi fh&n a tha ’ga radh.
B. E.—O hi—’s tu fhein a mhain a tha ’ga radh, agus bn
mhath learn an fheadhainn agad-sa fhaicinn feuch am bheil iad
cho grinn ’s a tha an t-iomradh. Cha b’e sin an naidheachd
a bh’aig Sine an Tailleir ach gun robh feadhainn dhiubh ’nan
seorgan nach tigeadh gu feum sam bith gu siorruidh.
B. an T.—O, an traill sin ’s a breugan—air a mhionaid chi
thu le do dha shhil fhein gum bheil iad pile de’n aon mhcudachd
agus de ’n aon seorsa. cuideachd—’s chan ann coltach ris an
fheadhainn aice-se — ’s gun fhios agad an e Leghorns no
Minorcas a th-annta. Falbh, a Pheigi ’s leig fhaicinn na
h-iseanan do Bhean Eoghain.
P.—Tha mi coma dhe’n obair sin.
B. an T.—Dean an rud a theid iarraidh ort.
B. E. — Tha aon rud cinnteach — nach bruidhneadh mo
nighean-sa air ais rium-sa mar sin.
B. an T.—Feith ri dheireadh, ’s geal leis an fhitheach an
t-isean aice fhein.
S—Feumaidh mi dol do’n gharadh airson breid shoithichean
eile.
B. an T.—Greas ort ma-ta. (Theid S. is B. E. a mach.)
Chan fhios de an seorsa uibhean a th’ annta gu ;dearbh fhein—
chan fhaic mi gnothaichean cho breagh annta seach an
fheadhainn agam fhein. B’fhearr nach d’fhuair i riamh iad