Skip to main content

‹‹‹ prev (24)

(26) next ›››

(25)
AIG BRUAICH lORDAIN. 17
XXVII.
Tha sluagh mo ghaoil 's mo bhràithreachais,
— Ka Ìjràithrean caomh' is treun —
A shiubhail troimh an fhàsach leam,
Air m' f hàgail nis gu lèir.
Is dh'fhag sud aon'rach, cianail, mi,
Mar eun air sliabh leis fèin,
'S o dh'fhalbh an comunn tìorail-san,
Tha m'aigne triall 'n-an dèigh.
XXVIII.
Tha m'aigne triall— 's e mhiannaichinn,
Bhi mar ri Criosd 'n a Ghlòir ;
'S tha togradh, mar air sgiathaibh ann,
Ag iarruidh bhi 'n a chòir ;
Ach cudthrom ciont' tha 'g iathadh orm,
Mar cheap ri sgiath an eòin,
Tean leagaidh sud gu h-ìosal mi
Ri talamh sìos gun treòir.
XXIX.
Ach feitheam-s' àm an Tighearna,
— An t-àm, gu fior, as fèarr ;
'S d' a thoil ro-n aomh-san strìochdar leam,
Thaobh riagh laidh beath' is bàis ;
'S tra thig an t-àm a dh' òrduich e,
An ruintibh 'ghlòir' 's a ghràis,
Feuch, sud a null thar lordan mi —
'S a Ghlòir dha fèin gu bràth.
XXX.
Sud thairis air gach buaireadh mi,
Gach cunnart cuain is gaoith,
Gach laigs', is ciont, is truaillid.heachd,
Gach pian, is gruaim, is caoidh ;
Is sud a steach do'n lùchairt mi,
'S am faic mi gnùis an Righ ;
'S 'n a chomunn iomlan, ùrail-san,
Gu seinn mi 'chliù a chaoidh !

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence